Gaelic: Beul na gaoithe

Share this article
0
Have your say

AIR Di-Sathairne 25mh bidh cuirm Ceòl Beò, le Mischa Nic a’ Phearsain, Alasdair MacIlleBhàin, Kathleen NicAonghais agus Rab Noakes, bho 19:30 anns an CCA air Sràid Sauchiehall, Glaschu.

• Chaidh fear-ealain Iapànach, Takeshi Shikama, fhastadh air son sgoilearachd ùr Jon Schueler aig Sabhal Mór Ostaig. Bha Jon Schueler ’na ealainiche cliùiteach a bha ag obair bho stiuidio an cois cladach na Linne Sléitich.

• Leig Alex Fearghasdan seachad a dhreuchd mar mhanaidsear Manchester United as déidh 26 bliadhna san obair.

• Chaidh BPA ùr air mhionnan an Taigh an Ròid sa Bheurla agus san Fhraingis. Bidh Christian Allard, a rugadh san Fhraing, a’ riochdachadh an ear-thuath don Phàrtaidh Nàiseanta.

• Bhòt 115 Tòraidhean an aghaidh atharrachadh air bile Òraid na Banrigh aig riaghaltas Westminster leis nach robh reachdas ann son reifreann mun Aonadh Eòrpach a thoirt gu buil.

• Dh’fhoillsich oilthigh ann an KwaZulu-Natal gum bi cànan a’ mhòirshluaigh san sgìre, Zulu, do-sheachainte bhon athbhliadhna do dh’oileanaich ùra. ’S i Zulu as motha a tha ga bruidhinn ann an Afraga a-Deas.

• Chuir am Pàpa an Càirdineal O’Brien air fhògradh manachail gus “ath-nuadhachadh spioradail, ùrnaigh agus peanas a dhèanamh”. Thàinig O’Brien am follais a-rithist sna meadhanan mun tugadh air Alba fhàgail.

• Tha an ceann-suidhe Obama ag ràdh gum facas fianais gun do chleachd Riaghaltas Siria airm cheimigeach an aghaidh an t-sluaigh. Se cogadh sìobhalta Siria a’ chòmhstri as miosa air an t-saoghal an-dràsta a thaobh na tha de dhaoine a’ fulang.

• Bidh Banca Rìoghail na h-Alba a’ gearradh 1400 dreuchd. Thig a’ bhuaidh as motha air luchd-obrach sna h-oifisean aige air iomall Dhùn Éideann.

• THA Iain MacLeòid air athchuinge a chur a-steach gu Comataidh Athchuingean Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh ceist dhà-chànanach ann an Reifreann 2014. Tha e fosgailte do luchd-taic an ainmean a chur rithe le beachdan (www.scottish.parliament.uk/gettinginvolved/petitions/bilingualreferendumquestion). Faodar beachdan a chur cuideachd gu Comataidh Bile an Reifrinn (referendum.committee@scottish.parliament.uk). Se 6 Ògmhios an ceann-là air son na dhà.