Gaelic: Bàta-teasairginn ùr san t-Òb

Share this article
0
Have your say

THA an seanfhacal ag ràdh, “Tha beagan tròcair aig an fhairge ach chan eil idir aig na creag­an.” Faod­aidh iom­adh seòrsa tubaist tachairt aig muir, ’s tha an RNLI a’ deanamh obair ionmholta le bhith cur bàtaichean teasairginn an àiteachan freagarrach tim­ch­eall ar cladaichean. Mar-thà tha bàtaichean ann am Port Rìgh, Barraigh agus Steòrnabhagh.

A-nis tha bàta teasairginn gu bhith stèidhichte anns an t-Òb làn ùine. Chumadh deuchainn­ean fad bliadhna, agus an dèidh dhi a bhith air a gairm a-mach sia tursan deug tha an RNLI air dearbhadh gu bheil i a’ dol a dh’fhuireach ann an ceann a-deas na Hearadh.

Am measg nan tubaistean anns an tug iad seachad cobhair, tha cuideachadh do bhàtaichean iasgaich, teaghlach ann an èiginn a thoirt far eilein, caora a thoirt far lice, a bhith an làthair nuair a lorg iad corp aig bonn creige, agus muc mhara a chur air a slighe air ais gu muir.

Tha Comann Coimhears-nachd Taobh a-Deas na Hearadh a’ cumail a-mach gu bheil àir­eamhan nan tuathan èisg ann an Caolas na Hearadh a’ dol an àird, tha obraichean co-cheangailte ri cumhachd na mara a’ dol air adh­art agus tha barrachd ’s barr­achd de sgothan seòlaidh ’s de churachan a’ tathaich a’ Chaolais.

Tha a’ choimhearsnachd air a bhith cuideachail agus taiceil. Tha Iain MacIllEathain, manaidsear an stèisein, ag ràdh: “Ann an sgìre far a bheil an sluagh tearc, tha daoine a’ tighinn air adhart ’s ag obair gu saor-thoileach. Tha sin gu math an àite.”

Tha an sluagh gu lèir anns na Hearadh, Beàrnaraigh agus Uibh­ist a-Tuath air a bhith glè chuid­each­ail. Anns a’ bhliadhna chaidh seachad, thog iad deich thar fhich­ead mìle not air son an RNLI.

Bha am bàta air a coisrigeadh aig cuirm air a’ chidhe anns an t-Òb Di-Sathairne seo chaidh.