Gaelic: An toir neo-eisimeileachd leatha saorsa nan eilean?

0
Have your say

Tha na trì comhairlean a tha a’ riochdachadh eileanan a-mhàin ann an Alba air iomairt a chur air chois gus barrachd cumhachd a ghleidheadh dhaib’ fhèin.

Tha iad ag iarraidh gum bi barrachd gnothaich aca fhèin ri co-dhùn­aidhean a tha bontainn ri econamaidh agus dòigh-beatha nan eilean. Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Eileanan Shealt­ainn agus Comhairle Eileanan Arcaibh air tighinn còmhla agus iad ag iarraidh ceistean a thogail mun dòigh sa bheil na sgìrean aca fhèin gan riaghladh, mar phàirt den deasbad a tha ga dèanamh an-dràsta a thaobh bun-reachd na h-Alba agus bun-reachd na Rìoghachd Aonaichte, le ceist an Reifrinn air fàire.

Fhuair an iomairt togail o chionn ghoirid nuair a dh’aon­taich Riaghaltas na h-Alba ri Buidheann Obrach Mhinistreil
a stèidheachadh a choimheadas ris na diofar chùisean a tha na comhairlean air ainmeachadh. Thathar an dùil gun till a’ bhuidh­eann seo le beachdan tràth as t-samhradh ann an 2014.Thuirt ceannard poilitigeach Comhairle Shealtainn, Gary Robinson: “Ged nach eil sinn a’ gabh­ail taobh poilitigeach sam bith san iomairt againn, tha e fìor mhath gu bheil sinn a’ faighinn cothrom conaltradh a dhèanamh ri Riaghaltas na h-Alba ’s gu bheilear a’ cur suim cheart ’nar n-iomairt. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach, ás bith dè thach­ras san Reifreann, gum faigh na trì sgìrean againn, agus ar coimh­earsnachdan, an cothrom as fheàrr air soirbheachadh sna bliadh­n­aichean a tha romhainn.”

Thuirt neach-gairm Comh­airle Arcaibh, Steven Heddle: “Tha na cùisean seo glè chud­romach dha’r coimhearsnachd­an, ’s mar sin se ceum mòr a th’ ann gu bheil sinn a’ faighinn coth­rom bruidhinn ri Ministearan mu’n deidhinn. Gabhaidh sinn ris a’ chothrom seo le sùrd agus mìnichidh sinn gu soilleir ’s gu cinnteach car son a tha sinn a’ smaoineachadh gum bu chòir barrachd cumhachd a bhith againn – cumhachd a thèid a chur an sàs chum maith ar coimh­earsnachdan agus chum maith na dùthcha gu lèir.”

Mar phàirt den chumhachd a bharrachd a tha na comhairlean ag iarraidh, tha iad air son gum bi smachd aca air grunnd na mara, ’s gu sònraichte an t-airgead a tha an-dràsta ga phàigh­eadh ri Oighreachd a’ Chrùin. Cuideachd, tha na comhairlean air son gum bi barrachd choth­roman aca leasachaidhean a chur air adhart a thaobh cumhachd ath-nuadhachail ás an tigeadh buannachdan econamach dha na coimhearsnachdan ionadail.Thuirt Aonghas Caimbeul, ceannard Comhairle nan Eilean Siar: “A thaobh cumhachd ath-nuadh­achail bhiomaid an dòchas togail air an obair a tha am Ministear air son Riaghaltas Ionadail agus Planadh, Derek MacAoidh, a’ moladh: gun cuirear barrachd cudrom air buannachdan econamach nuair a thig e gu ceadan dealbhachaidh.

“Chan eil àite san Rìoghachd Aonaichte le stòras cho math ’s a th’ againne a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, ach tha e gu math daor dha luchd-leasachaidh na pròis­eactan aca a chur air adhart, fiùs nuair a thig e gu bhith faighinn cead dealbhachaidh. Tha sinn an dòchas luchd-leasachaidh a tharraing gu na h-eileanan tro bhith nas soilleire a thaobh dè tha a dhìth a thaobh planadh.

“Cuideachd, mar phàirt cud­romach dheth seo, tha sinn air son gum faigh coimhearsnachd­an an t-airgead a gheibhear bho bhith toirt seachad pìosan de
ghrunnd na mara air mhàl, an àite Oighreachd a’ Chrùin. Aig àm a tha gu math duilich a thaobh an econamaidh, tha e riat­anach gum bi fios le cinnt aig luchd-leasachaidh ’s aig coimh­earsnachdan dè a’ bhuaidh agus dè na buannachdan a thig á
leasachaidhean cumhachd ath-nuadh­achail.

“An uair sin ’s urrainn dha na coimhearsnachdan beachdan a chur air adhart le tuigse agus
’s urrainn dhan ùghdarras a dh’fheumas co-dhùnadh a dhèan­amh – tha sinne dhen bheachd gum bu chòir dha na
h-ùghdarrasan ionadail a bhith dèanamh sin – an co-dhùnadh a dhèanamh as motha a nì feum dhan choimhearsnachd.”

Am measg nan nithean eile a tha na h-eileanaich ag iarraidh tha: ceanglaichean còmhdhail nas fheàrr a nì feum ceart de ghoireasan nan eilean; seirbheis­ean aiseagan eadar eileanan a tha fo smachd ionadail agus a tha air am maoineachadh ’s air an ruith sna h-eileanan; taic shònraichte do dh’obair àiteachais a bheir fa-near dha mar tha feumalachdan sònraichte aig na h-eileanan; barr­achd aithne air suidheachadh nan eilean aig ìre Eòrpach; agus atharrachadh air riaghladh ionmhasail nan eilean feuch an dèan­ar barrachd feum de ghoir­easan ionadail.

A rèir mar a dh’atharr­aich­eadh cùisean ionmhasail aig ìre ionadail, thuirt Aonghas Caimbeul: “Tha grunn chothroman ann, ach bhiomaid ag iarraidh na h-eileanan a bhith tarraingeach do dhaoine mar àite anns am biodh daoine ag iarraidh a bhith fuireach ’s ag obair. Dhèanamaid sin le bhith brosnachadh chompanaidhean a bhith cur airgead an seilbh nan eilean tro iom­airtean ionmhasail mar a’ chìs chorparra. Tha sinn cuideachd ag iarraidh gum bi barrachd smachd againn air iasg­ach gu h-ionadail agus gum bi e com­asach dhuinn airgead a chur an seilbh iasgaich. Tha sinn air son gum faigh sinn an aon bhuannachd bho leasachaidhean aig muir ’s a tha sinn a’ faighinn bho leasachaidhean air tìr.”

Tha muinntir nan eilean air a bhith strì air son an seòrsa cumh­achd seo o chionn iomadh bliadhna, ach ’s dòcha le bhith tighinn còmhla fo aon bhratach gu bheil barrachd teans ann gum faigh iad èisteachd. Agus ’s dòcha gur e àm math a th’ ann iomairt mar seo a chur air adhart, agus gach mìr de dhòighean-riaghlaidh na dùthcha fon phrosbaig an-dràsta. ’S dòcha gur e ceist an Reifrinn a bheir fuasgladh dha duilgheadasan muinntir nan eilean aig a’ cheann thall. Ach feum­aidh tuilleadh airgid tighinn
an cois cumhachd sam bith a gheibh iad.

Back to the top of the page