Gaelic: An té a tha a’ cumail smachd air an aon chòisir fhireann againn

"Coisir Ceann an Tuirc" choir in Inveraray Castle

0
Have your say

Joy Dunlop ás a’ Chonghail ann an Earra-Ghaidheal. Tha tòrr a’ tachairt gus Earra-Ghaidheal a shealltainn air clàr-dùthcha ciùil na h-Alba, agus tha Joy ’na theis-meadhan.

Is i an té a tha a’ cumail smachd air Còisir Ceann an Tuirc, an aon chòisir Ghàidhlig uile-fhireann a tha ann. Ciamar a thàinig sin gu bhith?

“Sann mu dheidhinn spòrs ’s gàire ’s ithe ’s òl ’s deagh fhaireachdainnean a tha Còisir Ceann an Tuirc, cho math ri seinn, agus sann mar sin a thàinig iad ri chéile an toiseach, fo stiùireadh Liosa NicDhòmhnaill. Tha CD ùr againn a’ comharrachadh deich bliadhna bhon uair sin. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon torc, suaicheantas Earra-Ghaidheal bho thràth ann an eachdraidh. Thuirt té rium aig mòd uaireigin, ‘Nach mìorbhaileach na tha ann de dhaoine bho thall thairis, tha fiùs còisir a thàinig ás an Tuirc!’ Tha mise air a bhith an sàs bho 2006.”

Sann an Inbhir Aora a chaidh an diosc ùr a chlàradh, ann an caisteal mór nan Caimbeulach fhéin agus Diùc Earra-Ghaidheal aig an taigh aig an àm. Cha do chuir sin bacadh oirbh bho bhith seinn ‘Là Inbhir Lòchaidh’ a rinn Iain Lom agus e a’ moladh Chlann Dòmhnaill a chuir ruaig fhuilteach air sinnsirean a mhórachd ge-tà!

“Seinnidh sinn nì sam bith a bhuineas do dh’Earra-Ghaidheal no do dh’àite sam bith eile mas e òran math a th’ ann, leithid ‘Théid Mi Cuide Riut’ aig Rob Donn neo òrain ùra mar ‘Earra-Ghaidheal Àlainn’ air am bi daoine is dòcha nas eòlaiche anns a’ Bheurla.”

Nach eil e doirbh coinneachadh le chéile agus thu fhéin an Glaschu a-nis, an sàs ann an telebhisean agus a’ seinn?

“Tha astar mór againn uile ri siubhal – cuid a’ tighinn bhon Leargaidh Ghallda, fear á Ceann mu Dheas Chinn Tìre, fear á Eilean Mhuile, ach is fhiach e dhòmhsa oir tha iad cho laghach ’s cho dìcheallach agus deònach ionnsachadh.”

Tha CD ùr agad fhéin cuideachd, Faileasan, anns a bheil Aidan O Rourke, Karen NicMhathain agus treubh de luchd-ciùil eile á Earra-Ghaidheal a’ cumail taic riut. Se deagh chompanachd ciùil a tha sin!

“Tha e taisbeanadh an tàlant a th’ againn san dùthaich agus sinn uile a’ toirt suim don dualchas. Chaidh stuth a rannsachadh aig Sgoil Eòlais na h-Alba a bha cha mhór air a dhol an dearmad. Seann òrain gun teagamh ach ùr dhuinne agus don luchd éisteachd, leithid òran a rinn Donnchadh MacCuinn á Baile Bhiocair, ‘Hi il o ’s na hug i ho ro’. Thog mi e bho chlàradh a rinn Calum MacIlleathain anns na lethcheudan le Peadar MacDhùghaill, Eilean Luing, ga sheinn. Bidh a h-uile duine air ‘An Roghainn’ bho bhàrdachd Shomhairle MhicIlleathain, bràthair Chaluim, a chluinntinn. Chuir Dòmhnall Seathach ceòl ris agus tha mi ga sheinn air a’ chlàr.”

Tha thu aig Celtic Connections agus “Ceòl is Crac” ann an Glaschu an-dràsta. Dé tha romhad an uair sin?

“Co-labhairt mhór eadar-nàiseanta do cheòl dualchasach ann an Ontario. An uair sin Éirinn, an Ostaire, an Fhraing . . . agus Earra-Ghaidheal!”

Back to the top of the page