Gaelic: An seòrsa rud a bu chòir a bhith air BBC Alba

0
Have your say

THA Alasdair Caimbeul air nobh­ailean Gàidhlig a sgrìobhadh, nobhail Bheurla, sgeulachdan goirid, dealbhan-cluiche agus beagan bàrdachd.

Ás an fheadh­ainn seo air fad saoilidh mi gur e na dealbhan-cluiche a b’ fheàrr, oir, coltach ri a bhràthair Tormod, tha liut air leth aige air ruitheaman nàdarra cainnte a chur an céill. Mar sin tha mi cur fàilte mhór air an leabhar as ùir’ aige, Cuirm an Òir: Trì Dealbhan-Cluiche (Clàr, £6.99).

Tha spòrs agus fealla-dhà gu leór anns na trì pìosan ach tha iad eadar-dhealaichte. Se an t-òr anns a’ chiad fhear, ‘Cuirm an Òir’, na lethcheud bliadhna a tha Ruairidh Mòr agus Mairead pòs­ta. Tha am mac Murchadh ’s an nighean Seònaid a’ cur dìnnear shònraichte air dòigh dhaibh, ’s thig an còrr den teaghlach – am mac eile, Uilleam, an duin’ aig Seònaid, ’s a’ bhean aig Uilleam. Se an t-eadar-chluiche eadar car­ac­taran an nì as cudromaiche, ach tha snàithlean an deagh phlot
a’ ruith troimhe cuideachd.

Tha ‘Shakespeare aig an Doc­tair’ ’na aon horo-gheallaidh mhór. Bhon tha na caractaran uile bho Shakespeare – na trì buidsichean, Romeo, Juliet, Ham­let ’s feadhainn eile – tha sinn eòlach orra mar-thà agus faod­aidh an Caimbeulach an cur air ìre eile, ìre na Gàidhlig ’s an latha an-diugh. Mar sin tha na buids­ichean ag obair aig Boots, sann á Barraigh a tha MacDuff, tha loidhnichean aig MacBeth mar “A chàirdean, Ròmanaich, Sgith­eanaich . . . iasad dheth ur cluasan,” tha e làn nithean á beul-aithris mar a’ chairt shleamh­na
agus uile­bheist Sloc na Muice Mhiugh­alaigh cho math ri Swarfeega agus Fairy Liquid, agus an uair a nochdas caractar ùr tron cheò anns an doras tha té de na buidsichean ag ràdh, “Tha seo man Sauchiehall Street.”

Mar a chanadh buidseach sam bith.

B’e an treas fear, ‘Strainnsear nan Òrdaighean’, a b’ fheàrr a chòrd rium. Tha ‘Shakespeare aig an Doctair’ ro ghòrach gu bhith dorcha, ach chan eil am fear seo. Anns na seann làithean bhiodh daoine tighinn astar mór air chois, neo air bus, gu òrdaighean (comanachaidhean) na h-eaglais, ’s gheibheadh iad gabhail aca sna taighean mun cuairt. Seo a-nis strainnsear ás na Hearadh a’ nochdadh ann an taigh Mhurchaidh, car mar anns na seann làithean, duine òg eireachdail ann an deise dhubh, gun chàr, gun àite cadail, ’s e air a bhith aig na h-òrdaighean san eaglais an latha sin, se a bhà. Feumaidh gun do dh’fhàg cuideigin an doras fosgailte . . . ach cha do dh’fhàg . . .

Se na trì dealbhan-cluiche seo an seòrsa rud a bu toigh leamsa fhaicinn air an stéids. Agus air BBC Alba.

Back to the top of the page