Gaelic: An nì san tèid dàil – thèid dearmad

0
Have your say

BIDH a’ ghaoth a’ sèideadh sna h-Eileanan an-Iar cha mhòr gun sgur agus bu chòir gum biodh cumhachd ath-nuadhachail ann ri reic ris a’ chòrr den dùthaich.

Chan eil sin comasach aig an àm seo, oir feumar càball a chur fon Chuan Sgìth gus an cumhachd a ghiùlan gu tir-mòr.

An dèidh dùil gum biodh cumhachd a’ sruthadh a-null chun a’ mhòr-thìr ann an 2015 ’s a’ cosnadh nam mìltean do na h-eileanaich, tha Scottish and Southern Energy, a tha an urra ris a’ phròiseact, air innse gun toir e co-dhiù bliadhna nas fhaide ’s gun cosg e £700 (an àite £450) millean. Thuirt Aonghas Caimbeul, neach gairm Comhairle nan Eilean Siar, “An dèidh strì fad bhliadhnachan agus gealltanas fhaighinn, se briseadh dùil uabhasach a tha seo ’s tha ceistean ri fhreagairt le SSE. Tha cunnart ann gun tèid cosgaisean suas a-rithist.”

Se tàmailt a tha ann gun deach càball a chur fon mhuir, o chionn ghoirid, eadar an t-Suain agus Liotuàinia, aig car an aon astar, agus cha do chosg e ach timcheall air £400 millean. Tha am BPA Alasdair Allan ag ràdh, “Feumar spàirn chruaidh agus trod a dheanamh ri SSE, ach tha mi cinnteach gun laigh an càball air grunnd na mara gun teagamh.”

Is dòcha gun laigh, ach tha e coltach gum feum na h-eileanaich foighidinn. Mar a chanas an seanfhacal, “Is eudar gabhail le each mall o nach fhaighear nas fheàrr.”

Back to the top of the page