Gaelic: An dearbhadh: chan eil ionnsachadh na Gàidhlig ach ’na aon ghàire mór

0
Have your say

. . . Bruce Fummey, fear-teag­aisg phiosaigs agus matamataig agus dibhearsanaiche a tha air taisbeanadh éibhinn a chur air dòigh do dh’fhéis Iomall Dhùn Éideann air cuspair a tha dlùth r’a chridhe, ionnsachadh na Gàidhlig. Dé thug air sin a dhèanamh?

“Tha mi air a bhith an sàs ann an comadaidh ochd bliadhna a-nis, a’ déiligeadh ri cuspairean a tha cudromach dhomh, teag­aisg, eachdraidh na h-Alba agus Burns cho math ris an fhéin-aithne an dà chuid Afraganach agus Albannach a tha agam. Le athair á Gàna agus màthair á Alba bha agam ri bhith car geur le mo theanga nuair a bha mi fàs suas ann am Peairt. Bha mi air son cùrsa cànain a dhèanamh agus roghnaich mi Fraingis an toiseach. Ge-tà, sann a chaidh mi a-steach an dorus ceàrr gu seòm­ar far an robh iad a’ teagaisg Gàidhlig. Có bha an sin ach am manaidsear agam a bha an sàs sa ghnothach agus leis nach robh mi son a bhith coimhead gòrach, leig mi orm gun deach mi ann a dh’aona-ghnothach air son a’ Ghàidhlig ionnsachadh!

“Chòrd e rium ge-tà agus chum mi orm ga ionnsachadh. Bhiodh sin bho chionn ochd mìosan deug agus tha mi dìreach craicte air a’ Ghàidhlig a-nis.”

Feumaidh gun robh e caran doirbh uaireannan gun móran den chànan a bhith agad ro làimh. Ach ’s dòcha car éibhinn cuideachd?

“Abair e! Is gann gu bheil clas no cùrsa no leabhar nach do dh’fheuch mi bhon uair sin. Is truagh nach eil móran eile tuig­sinn cho briagha ’s a tha i. Cha chreid mi nach e an aon deichnear a bhios a’ frithealadh a
h-uile clas Gàidhlig air feadh na dùthcha. Chan eil mi fileanta fhathast ach tha mi feuchainn na tha agam a chur gu cleachd cho math ’s as urrainn dhomh.

“Sann sa Bheurla a tha an taisbeanadh ged a tha seòrsa de leasan­an beaga Gàidhlig ’na lùib cuid­eachd. Se an rud as dorra thuigsinn mun Ghàidhlig car son nach eil barrachd Ghaidheal deònach a cleachdadh. Tha cuid dhiubh caran amharasach fhath­ast. Feumaidh mi aideachadh gu bheil sin air tòrr stuth éibhinn a thoirt dhomh mar sgrìobhaiche comadaidh. Fhads a tha thu a’ bruidhinn riutha ann an Gàidhlig bidh iad a’ cumail sùil ort ann am Beurla, mar gum biodh!”

Bidh Gaelic in the Afternoon ri fhaicinn a h-uile latha bho 2 gu 24 Lùnastal anns a’ Bheehive, Grassmarket.

Back to the top of the page