Gaelic: Am Bruiseal, far a bheil poileataigs measgaichte ri jazz, teòclaid ’s tiops

0
Have your say

CHAN eil cus bhailtean air an cur còmhla ri càineadh cho tric ’s a tha am Bruiseal.

Tha e ’na cheannabhaile mì-oifigeil aig an Aonadh Eòrpach, ’s tha a’ chuid as motha de phrìomh ionadan ’s oifisean na Roinn Eòrpa stèidhte ann. Sann air sgàth na teallsan­achd Eòrpaich a th’ aig cuid sna meadhanan Breatannach a tha an càineadh, chan ann air sgàth ’s gràin a bhith aca air a’ bhaile fhèin. Gu mì-fhortanach ge-tà, nì na cinn-naidheachd ’s na h-aith­risean seo obair bòrd turasachd a’ Bhruiseil nas dorra na tha còir aice a bhith.

Chan eil teagamh nach eil obair an Aonaidh Eòrpaich ’na pàirt mhòr de bheatha làitheil a’ Bhruiseil, ’s cha rachar fada gun a bhuil fhaicinn – brataichean Eòrpach air feadh an àite mar eis­impleir, ’s na toglaichean poil­eat­aigeach cho grànda san dòigh a bha fasanta anns na 60an ’s na 70an. Chithear luchd-togail fianais, modhail mar as trice, rud nach fhaicear cho tric an-diugh ann an àitean eile.

Ach tha tòrr mòr a bharrachd ris a’ bhaile na poileataigs Eòrpach. Tha iomadh rud inntinn­each a’ dol gus ùidh a thogail ’s a chumail, co-dhiù son deireadh seachdain. Fad na bliadhna tha an “Atomium” a’ tàladh daoine aig gach aois ’s bho gach ceàrnaidh. Tha e ’na thogalach annas­ach, geal, suaicheanta, a’ samh­lachadh structar cealla criostail. Bidh taisbeanaidhean air an cum­ail ann. Gu math faisg air tha Mini-Europe, àit’ eile a thàirrneas daoine aig diofar aoisean – cruinneachadh de mheanbh thog­laichean stèidhte air na toglaich­ean as ainmeile san Roinn Eòrpa.

Cuairt bheag air chois bho mheadhan a’ bhaile, lorgaidh tu tè de na margaidhean flea as fheàrr san Roinn Eòrpa. Bidh i sa Phlace du Jeu de Balle gach latha eadar 7m agus àm lòin. Gheibh thu farsaingeachd fharsaing de rud sam bith ann – bho sgudal gu àirneis àlainn – le suas ri 200 neach-reic an làthair. Chan eil teagamh nach fhaigh thu bargan ann, ma tha bargan a dhìth ort.

Fear de na h-amannan as fhèarr sa bliadh­na ’nam bheachd-sa se an deireadh-seachdain fada sa Chèitean nuair a bhios fèis mhòr jazz ann, am Brussels Jazz Marathon. Abair gum faicear baile beòthail, frogail, jazzmhor an uair sin. Bidh cuirmean ciùil anns gach àite cha mhòr – bho oiseanan nan sràidean, dhan iom­adh café a lìonas sràidean teis-meadhan a’ bhaile mar an Café Halles de Saint-Géry, gu cùl làraidh air a pàirceadh shìos an Rue de Pierre. Chan ann air son a h-uile duine a tha jazz tradiseanta, mi fhìn gu ìre ’nam measg, feumaidh mi aideachadh, ach gu fortanach chan e jazz tradiseanta a-mhàin a chluinnear. Tha deagh mheasgachadh ann bho acid jazz gu jazz pop gu jazz punc – nach fhaca sinn DJ ciùil le cluicheadair sax a bha a’ cluich beò thar ceòl an DJ. Bha iad sgoinneil. Tha e ’na marathon dha-rìribh – bha còrr agus 120 cuirm chiùil ann sna trì làithean a bha mi fhìn ann, le suas ri 400 ceòladair an sàs.

Bidh na taighean seinnse fosgailte gu moch madainn agus, leis cho blasta ’s a bha an leann ionadail, tuigidh mi car son. B’e an leann measach an seòrsa as fheàrr leam fhad ’s a bha mi ann ge-tà, gu h-àraidh as dèidh latha slàn a’ bualadh nan sràidean. A bharrachd air an leann, ’nam bheachd-sa, seo fear de na prìomh bhailtean gus peacaidh­ean bìdh a dhèanamh, ’s an dèanamh tric. Iadsan a tha feuchainn ri cumail ri dòigh ithe modhail, chan e seo an t-àite dhaibhsan idir idir. Chithear waffles Beilg­each air an tabhainn cha mhòr air gach sràid no oisean ann an teis-meadhan a’ bhaile, air an deanamh ùr, blàth gach turas. Tha iad air an tabhainn le tagh­adh farsaing de rudan eile bhios math – uachdar, uachdar-reòite ’s gach seòrsa sabhs measach a tha ri fhaotainn fon ghrèin. Blasta.

San dearbh dhòigh, cha rachar fada gun bùth frites fhaicinn. A-rithist thig iad còmhla ri tagh­adh de shabhsaichean, ach tha iad nas fheàrr san dòigh a ghabh­as muinntir an àite iad – le tòrr mòr mayonnaise. Blasta. Blasta.

Ach a thaobh bidhe, sann air son an rud donn, dorcha, milis sin as ainmeile am Bruiseal, ’s a’ Bheilg air fad. Tha stuth na Beilge air a riochdachadh tric mar an teòclaid as fheàrr san t-saoghal. Chan eil teagamh agam nach eil e math fhèin, ach an rud a chuir iongnadh oirnn, se cho grinn (’s gu dearbh cho cosgail) ’s a bha cuid de na bùthan – Passion Choc­olat, mar eisimpleir. Leis na tha de dh’obair a’ dol a-staigh
do dh’ullachadh nan teòclaid­ean, cha mhòr gun robh iad ro àlainn gus an ithe. Cha mhòr!

“Blasta. Blasta. Fada ro bhlasta.” Dh’fhaodte ceann-naidheachd bu mhiosa bhith ann mun Bhruiseal.

daibhidhseumas@yahoo.ca

Back to the top of the page