Gaelic: Aineolas mun Ghàidhlig – agus a leigheas

Norman Maclean

Norman Maclean

Share this article
0
Have your say

NUAIR bha mi fàs suas ann an Glaschu sna 50an agus tràth sna 60an, aon de na rudan a bha gam shìor tharraing a dh’ionnsaigh na Gàidhlig b’e na leabhraichean aig Seton Gordon, gu h-àraidh Highways and Byways in the West Highlands agus Highways and Byways in the Central Highlands. Bha feòil (mion-eòlas) agus ceòl (rosg bàrdail) annta.

Beag air bheag chunna mi le mo shùilean fhìn na h-àiteachan a bh’ anns na leabhraichean. Sgrìoban bàta, trèan agus càr le m’ athair ’s mo mhàthair a Chinn Tìre ’s dhan Eilean Sgith­eanach. Sin cuid de na highways.

Thòisich mi ’n uair sin air na byways, leam fhìn no le caraid­ean, air baidhsagail, air bàtaich­ean-aisig, air chois. Tha mi fhath­ast ris, gu ìre, ach gur e càr, bòt­annan, mapaichean agus an dà chànan a tha mi cleachdadh. Far a bheil mise ag iarraidh a bhith, se na h-àiteachan ann am beatha nam bàrd, leithid Druim Liagh­airt aig Donnchadh Bàn.

Tuigidh sibh ma-tà uiread ’s a chaidh mo chridhe a thogail le dà leabhar aig Marc Calhoun bho Urras Leabhraichean nan Eilean: Exploring the Isles of the West: Firth of Clyde to the Small Isles (£9.99) agus Exploring the Isles of the West: Skye and Tiree to the Outer Isles (£9.99). Oir tha iad mu dheidhinn byways – na h-eileanan beaga agus na h-àit­eachan fad ás anns na h-eileanan as motha neo air tir-mór.

Tha Calhoun, mar a tha mise, déidheil air uamhan, tobraich­ean, tursachan, crannagan, tobht­aichean, caibealan, dùintean agus cais­tealan, sprùilleach na h-each­draidh. Mar as cruaidhe an t-àite faighinn thuige sann as fheàrr. Bidh e toirt camara leis, ’s tha na leabhraich­ean breacte le deal­bh­an inntinn­each dubh ’s geal.

Tha siud uile math ach tha dà nì gam leamhachadh. Mearachd­an nach do rinn Seton Gordon riamh (ged a tha Calhoun ga mholadh, tha e a’ cur M E M Donaldson nas àirde). Aon, tha e a’ fuir­each ann a Seattle ’s cha bhi e a’ leigeil leinn a dhìochuimhneachadh, leithid: “The next day, while waiting in Heath­row Airport for a flight up to Scotland, I called the Girvan boat­man about getting to Ailsa Craig . . .”

’S a dhà, chan e mhàin gur e tòrr trioblaid a th’ annainn ach gur e tongue-twister a th’ anns a’ Ghàidhlig. Sin a chanas e. Chan eil an t-eòlas as lugha aige air cànan nan eilean, ach eu-coltach ri Seton Gordon, cha do dh’iarr e cuideachadh. (Sgrùd agus mhìn­ich Uilleam MacBhàtair ainm­ean-àite a’ Ghòrdanaich, agus dhùblaich siud luach nan leabh­raichean aige.)

Se chiad cheum ann an eòlas cànain an diofar eadar singilte agus iolra. Tha Calhoun a’ toirt dhuinn Eileach an Naoimh the Rock of the Saints, Na Rubh­achan Dona the evil headland, Rubha Bhrisdeadh-ràmh point of the broken oar, Bealach nan Tuilmean the Pass of the Little Knoll, Rubh Aird an Duine the high headland of the men, Beàrn­araidh nan Easbaig Berneray of the Bishop.

Nan ceannaicheadh e an uair sin faclaire, abair gum fosg’leadh e a shùilean. “Aoineadh an Tagh­ain (echo cliff – or possibly the cliff for roasting cats, an old ceremony to raise the devil).” Ach se marten a th’ ann an taghan. “Cais­teal nan Geimhlean, which is usually translated as ‘castle of springs’, but another possibility is ‘prison-castle’.” Seadh, ma tha thu dol ga litreachadh mar sin, chan eil dol ás agad. Geimhlean, bho gheimheal, fetter.

Se ’n treas ceum mearachdan aithneachadh. Nan robh an com­as sin aige dheanadh e feum na b’ fheàrr dhen ùine sna badan uaigneach far am bi e dol. Mar eis­impleir, cumadh e a shùil a-mach ri dùn anns an àite ris an can esan “Rubh Aird an Duine”.

Na togaibh ceàrr mi. Tha na leabhraichean seo ’nan treòr­aich­ean sgoinneil. Tha iad a’ cur thairis le fiosrachadh prìseil. Tha a’ mhórchuid de na h-ainmean ceart no faisg air a bhith ceart. Co-dhiù, chanadh Mgr Calhoun: “Mas breug bhuam e, is breug thugam e.” Nach eil siud ’na leisgeul?

Chanadh an Gòrdanach nach eil.

OS CIONN gach nì eile, an rud a dh’fheumas neach ionnsachaidh se clàraidhean dhen chànain ga bruidhinn gu nàdarra ’s gu soill­eir. Nuair bha mise ag ionnsachadh na Gàidhlig ’nam òige bhith­inn a’ clàradh nan naidheachdan on réidio aig meadhan-latha ’s an uair sin a’ suidhe sìos gan tar-sgrìobhadh, a’ dol tarsainn air na h-aon fhaclan a-rithist ’s a-rithist gus an obraichinn a-mach dé bha an guth ag ràdh.

Tha barrachd feum san eacarsaich seo na ann an dad sam bith eile ach an còmhradh. Tha i ag ionn­sachadh dhut dé an coltas a th’ air faclan sgrìobhte nuair tha iad air an labhairt. Tha i ag ionn­sachadh dhut mar tha fuaimean a’ strì ri chéile – cuid a’ dol fodha, cuid air an atharrachadh, cuid a’ fuireach am bàrr. ’S tha i ag ionnsachadh faclan ’s abairtean dhut gus am bi iad a’ glagadaich ’na do cheann. Cluinnidh mi fhath­­ast, as déidh 45 bliadhna, an guth sgairteil aig Coinneach D MacDhòmhnaill ag ràdh air an reidio: “Thug e beumannan an aghaidh Bile a’ Chòmhdhail.”

An-diugh tha mi a’ cleachd­adh na h-aon innleachd – le diof­ar – gus Gìosais (Portugìos) ionn­sachadh. Tha companaidh ris an canar “101 Noites” a’ cur a-mach “Colecção Livros para Ouvir”. Anns gach leabhran tha sgeul le ùghdar ainmeil agus CD de dh’actair ga leughadh. Bidh mi a’ dol troimhe le faclaire. An uair sin nì mi an tar-sgrìobhadh cho math ’s as urra dhomh: dà dhuil­l­eag a h-uile h-oidhche. Ceartaich­idh mi on leabhar e, suidhidh mi air ais, agus éistidh mi ris an earrainn a-rithist, a’ leantainn an tar-sgrìobhaidh cheartaichte le mo shùil agus a’ gàireachdainn ri mo chuid mhearachdan.

Sgrìobhadh, leughadh, éist­eachd, tuigsinn. Ceithir sgilean a-mach á cóig. Gheibh mi coth­rom­an còmhraidh cuideachd gach turas a théid mi a Phort­ugal, ’s chan eil rian nach bi mi fil­eanta an ceann greis.

Mar sin, tha fios a’m co ás a tha Mas Math mo Chuimhne, deas­aichte le Kenneth Lindsay agus Morag MacNeill (Clì Gàidhlig, £10), a’ tighinn. Cruinneachadh de chuimhneachain, le eadar-theangachadh Beurla air an duill­eig mu choinneamh (nì nach eil agamsa!) agus CD.

Tha trì rudan sònraichte mu Mas Math mo Chuimhne ge-tà, agus tha a dhà ás na trì sin ga dhèanamh air leth iomchaidh do luchd ionnsachaidh.

Sa chiad àite, dualchainntean. Chaidh na beulaichean a thagh­adh gu bhith a’ riochdachadh diof­ar sheòrsachan Gàidhlig: Geàrrloch, Leódhas, na Hearadh, Uibh­ist a-Tuath, Éirisgeigh, Barr­aigh, an t-Eilean Sgitheanach, Muile. Tha Meg Bateman á Dùn Éid­eann ann cuideachd mar eis­impleir de neach ionnsachaidh fileanta.

San dara àite, cuspairean. Tha sia caibidealan ann: ‘Làithean Tràtha (Cluich, Foghlam, Cog­adh)’, ‘Obair is Dòigh-Beatha’, ‘Sgeulachdan is Traidiseanan Teagh­laich’, ‘Coimhearsnachd is Atharrachaidhean’, ‘Gàidhlig’, ‘Cul­tar, Creideamh is Ealain na Gàidhlig’. Diofar dhaoine a’ bruidh­inn mu gach cuspair. Nuair a tha thu air gach nì a leugh­adh ’s a chluinntinn, tha fios agad co ris a tha e coltach a bhith ’nad Ghaidheal. Nan robh leabhar mar seo ann son Gìosais, cheannaichinn anns a’ bhad e. An rud as fhaisg’ a lorg mi se Artigos e Contos ann a Harrap’s Modern Language Ser­ies bho 1942! Tha e sean-fhasanta agus is toil leam sin. Ach chan eil CD ’na chois.

Nis an treas rud mu Mas Math mo Chuimhne. Bha am pròiseact ann an làmhan luchd ionnsachaidh. Se iadsan a rinn na h-agall­amhan ’s tha na ceistean aca san leabhar ’s air an CD. Mar sin tha droch Gàidhlig ann an-dràsta ’s a-rithist, rudan mar “an coimh­earsnachd” agus “Dè bha Maxwell an dùil a bhiodh e a’ cleachd­adh ola a’ chearbain airson?”

Chan eil e math gràmar ionn­sachadh do dhaoine a chuireadh iad an cunnart comharraidhean a chall ann an deuchainnean. Air an làimh eile, tha e math luchd ionnsachaidh a bhith an teis-meadhan ghnothaichean. Ach uile gu léir, tha mi a’ moladh Mas Math mo Chuimhne gu làidir.

SGRÌOBH Tormod MacGill-Eain ceithir nobhailean, Cùmhnantan (1996), Keino (1998), Dacha mo Ghaoil (2005) agus Slaightearan (2007). Bha a’ chiad té ’na h-aoir air muinntir an teilidh Ghàidhlig, bha an dara té dorcha, pearsanta agus drabasta, cha robh na dhà mu dheireadh ach ’nan siùc­ar-candaidh, ’nan cròic de stuth aontrom amaideach. Ach tha brod na Gàidhlig Uibh­istich aig MacGill-Eain agus tha e a-nis air ciall a dhèanamh dhen t-suidh­eachadh le bhith ag eadar-theangachadh na trì as deus­anta gu Beurla. Tha Birlinn air am foillseachadh mar Contracts (£7.99), Dearest Dacha (£5.99) agus Tricksters (£5.99). Anns an dòigh sin tha iad air a dhol ’nan goireasan feumail do luchd ionn­sachaidh – se sin, ma tha na nobhailean Gàidhlig aca cuid­eachd.

Back to the top of the page