Gaelic: A’ cur muilnean gaoithe gu Tonga

0
Have your say

Ann an Tonga, dùthaich a tha sgapte ann an ceann a-deas a’ Chuain Shèimh, tha còrr agus 150 eilean.

Tha sluagh a’ còmhnaidh air 56 dhiubh. Tha an t-sìde blàth ’s chan eil mòran feum air taighean a theasachadh, ach air son cumhachd feumar, rud a tha glè chosgail, gual neo dìosail a thoirt a-steach bho dhùthchannan eile. Thuirt John van Brink, Ministear na Cumhachd, “Tha sinn mothachail air na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho chumhachd ath-nuadhachail. Tha sinn a’ coimhead ri Alba, a tha aig an toiseach a thaobh cumhachd na gaoithe ’s na mara.”

Tha Gaia-Wind, companaidh á Glaschu, air am fastadh gus roth-uidheam a chur thar a’ chuain air astar gu math fada. Gluaisidh i air bàta cargu bho Inbhir Grainnse gu Singapore agus an sin gu Auckland ann an Sealainn Nuadh. Ás a-sin thèid i air bàta nas lugha gu Tonga.

Bidh e cur iongnadh air cuid gu bheil an roth-uidheam a’ dol air astar cho fada – suas ri deich mìle mìle – ach thuirt labhraiche bho Ghaia-Wind, “Tha Tonga ann an àite gu math iomallach agus tha iad cleachdte ri bhith faotainn bathar air astar. Bha tairgsean a-staigh bho chompanaidhean anns an Roinn Eòrpa agus anns na Stàitean Aonaichte. Tha sinn moiteil gun do rinn sinn an gnothach orra, agus bidh sinn an dùil ri tuilleadh a reic.”

Aig an ìre seo tha Gaia-Wind air uidheamachd co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail a reic ri deich dùthchannan thall thairis, agus tha iad a’ coimhead ri mòran a bharrachd.

Back to the top of the page