Gaelic: A’ chiad chuairt dha na h-oileanaich ann am blàr Sgoil Eòlais na h-Alba

0
Have your say

THA oileanaich á Oilthigh Dhùn Èideann air soirbheachadh le’m prìomh amas san iom­airt aca gus dìon a dhèanamh air an tasglann eachdraidheil aig Sgoil Eòlais na h-Alba agus leabh­arlannan Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba.

Ach tha ceist ann fhathast mu càit am bi luchd teagaisg agus luchd rannsachaidh na Roinne air an suidheachadh.

Thòisich an iomairt an uair
a fhuair oileanaich a-mach gun robh an t-oilthigh ’s dòcha am beachd an tasglann – anns a bheil stòras air leth prìseil de chlàraidhean a tha a’ gleidheadh iomadh freumh de dhualchas na h-Alba – agus na leabharlannan agus an luchd teagaisg ’s rann­sachaidh a chur gu diofar àit­eachan air feadh an oilthigh mar phàirt dhen phlana aca gus gach roinn ann an “Sgoil an Litreachais, nan Cànanan agus nan Cultaran” a chur dhan aon togalach.

Tha còrr agus 2,000 duine air an ainm a chur ri athchuinge mun chùis, agus fhuair an gluas­ad a chuir am BPA bhon Phàrtaidh Uaine, Alison NicIain, air adhart am Pàrlamaid na h-Alba taic bho 16 BPhA eile. Air a’ mhìos a chaidh, thuirt an t-oil­thigh gun robh iad deònach £350,000 a chosg air an togalach ann an Ceàrnag Sheòrais, far a bheil an Roinn ’s an tasglann an-dràsta, gus a dhèanamh freagarr­ach do chiorramaich ’s gus cuid­eachadh le catalogadh ’s le stòr­adh an tasglainn a leasachadh.

Mar sin bidh an tasglann, na leabharlannan ’s an luchd obrach a bha ag obair an lùib an tasg­lainn air an cumail còmhla gus am faigh an t-oilthigh maoin­eachadh son ionad ùr a thogail air an son. Ach tha sin fhathast a’ fàgail ceist: càit am bi an luchd teagaisg. An-dràsta tha coltas ann gum bi iad fhathast a’ gluasad gu dachaigh ùr (gun an tasglainn ’s na leabharlannan) ann an togal­ach eile ann an Ceàrnag Sheòrais.

Bha coinneamh aig oileanaich agus luchd teagaisg le Prionnsapal Oilthigh Dhùn Èideann, am Profeasair Sir Timothy O’Shea. Thuirt an t-oileanach Màiri Britton, a tha air a bhith an sàs san iomairt: “Chan urrainn dhuinn fhathast a ràdh ciamar a bhios daoine air an suidheachadh. Thuirt am Prionnsapal gun robh e an dùil gum fàsadh an Roinn, agus gum biodh feum air barr­achd àite air son oileanaich.

“Tha sinn gu math toilichte gu bheil an t-oilthigh dol a chumail an leabharlann agus an tasglann còmhla. Tha sin uabhasach math, sin am prìomh rud a bha sinn ag iarraidh. Ach se an rud air nach eil sinn cinnteach fhathast, an luchd teagaisg ’s càit am bi iadsan. Thuirt sinn ris a’ phrionns­apal gum biodh e uabhasach math nam b’ urrainn an luchd teagaisg agus an luchd rannsachaidh bhith fhathast san aon tog­al­ach leis an tasglann ’s na goir­easan gu lèir. Tha sin cudromach a thaobh na Gàidhlig, gu bheil àite ann far am faod thu Gàidhlig a bhruidhinn ’s a chluinntinn. Se seòrsa de choimhearsnachd a th’ ann ann an dòigh, mar tha iad an-dràsta. Sin a’ phuing nach robh sinn a’ smaoineachadh gun robh am prionnsapal a’ tuigsinn gu buileach. B’ àbhaist dha bhith ag obair ann an oilthigh ann an Texas a bha uabhasach fhèin mòr. Tha esan den bheachd gur e aon àite a th’ ann an Ceàrnag Sheòrais, ’s nach eil e gu mòran diofar ma tha agad ri coiseachd dhà no thrì mionaidean. Ach tha sinne dhen bheachd gun dèan­adh sin diofar mòr. Tha sinn fhathast a’ feuchainn ri sin a dhèanamh soilleir dha.”

Thuirt neach labhairt bho Oilthigh Dhùn Èideann: “Mar a dhearbh am Prionnsapal do luchd obrach agus oileanaich air 27 Gearran, tha an t-oilthigh ag amas air airgead a thogail gus ionad tasglainn ùr a chruthachadh a bheir barrachd cothruim do dhaoine, gu fiosaigeach agus gu didseatach, air tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba. Gus an togar an t-ionad ùr sin, bidh na cruinn­eachaidhean prìseil cultarach seo air an suidheachadh, còmh­la ri luchd obrach an tasglainn, aig 29 Ceàrnag Sheòrais, agus thèid an gleidheadh a rèir nan inbhean profeiseanta as ùire. Bidh làn chothrom fhathast aig oileanaich, luchd rannsachaidh agus am mòrshluagh air an tasglann, agus cha tèid gin a stuthan a dh’fheumar air son teagasg no rannsachadh a ghluasad.”

Chan eil guth ge-tà air luchd teagaisg no luchd rannsachaidh san ionad ùr air a bheil an t-oilthigh ag amas. Thuirt Mhàiri Britton: “Tha sinn fhathast a’ dol a dh’fheuchainn ri sealltainn dha gum bu chòir a h-uile duine agus goireas fuireach far a bheil iad. Ach ma tha iad air son ionad ùr spaideil a chruthachadh dhuinn air son an leabharlann agus an tasglann bhiodh sin glè mhath. Bhiodh sinne air son gum biodh an luchd obrach san togalach ùr cuideachd. Se gur e sin as rud as fheàrr, nam biodh iad air son ionad ùr a thoirt dhuinn le àite ann air son nan goireasan agus an luchd teagaisg.”

Tha mar tha Cathair na Ceiltis air a bhith bàn bho 2009 cuid­eachd a’ cur dragh air oileanaich, oir am measg iomadh rud eile tha e a’ ciallachadh nach eil guth aig an Roinn aig ìre àrd am measg luchd stiùiridh an oil­thigh. A rèir an oilthigh thèid agallamhan a chumail air son na dreuchd air an ath mhìos. Tha oileanaich an dòchas gum bi iad air soillearachadh fhaighinn air ceist an luchd teagaisg cuideachd an uair sin.

Back to the top of the page