FTG: far a bheil adhartas tha dòchas

sgoilearan B6 Chantelle Steel, Bronwen Stahl agus Lilli McShea, Bun-sgoil Taobh na P�irce, D�n �ideann, 2013. ''Picture: Neil Hanna

sgoilearan B6 Chantelle Steel, Bronwen Stahl agus Lilli McShea, Bun-sgoil Taobh na P�irce, D�n �ideann, 2013. ''Picture: Neil Hanna

1
Have your say

Tha cuimhne agam sna seachd­adan mapa de dh’Alba fhaicinn an Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Bha e a’ sealltainn crìonadh na Gàidhlig tro na linn­tean, na h-àiteachan far an robh i air a bruidhinn air an sealltainn le dath bàn-dhearg agus an dath nas duirche mar bu mhotha an àireamh a-mach às a’ cheud a bha ga bruidhinn. Aig an àm sin cha robh ach na h-Eileanan agus pìosan beaga de thìr-mòr a bha le bàn-dhearg nas duirche.

Bidh mi tric a’ smaoineachadh ciamar a bhiodh am mapa sin an-diugh. ’S dòcha nach biodh bàn-dhearg nas duirche idir ann a bha a’ riochdachadh far an robh 70 às a’ cheud no barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig. Ach chan e sin deireadh an sgeòil. Dà fhichead bliadhna on uair sin agus cho math ri crìonadh, gu h-iongantach, tha fàs beag air a bhith ann, taobh ri taobh ris a’ chrìonadh.

’S e an rud, mura biodh am fàs a tha seo air a bhith ann, agus tha mi a’ ciallachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), cha bhiodh cùisean ach air a bhith gu math truagh. A rèir cunntas-sluaigh 2001, bha mu 59,000 neach ann an Alba aois 3 no os a chionn a b’ urrainn Gàidhlig a bhruidhinn. Ann an 2011, b’ e mu 58,000. Faodaidh sinn a bhith cinnteach, mura b’ e am fàs a th’ air a bhith ann am FTG gum biodh an àireamh sin gu math nas lugha.

Bha cùisean gu math dubhach dhan Ghàidhlig anns na seachd­adan. Cha robh FTG air tòiseachadh. Bha daoine a’ tuigsinn nach robh an seòrsa foghlaim a bh’ ann, ’s e sin a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair, anns a’ bhun-sgoil no san àrd-sgoil, a’ dol a thoirt dhuinn clann a bha fileanta no leth-fhileanta sa chànan. Mura tachradh rudeigin agus gu luath cha bhiodh mapa na Gàidhlig le tuar bàn-dhearg sam bith, ’s ann a bhiodh e geal.

Uill, chan e sin buileach a
thachair. Ann an 1985 thòisich FTG ann am Bun-sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu agus ann an Sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis. Bha 24 sgoilear eadar an dà sgoil. A-nis tha 2,818 duine-cloinne a’ faotainn FTG ann am bun-sgoiltean ann an Alba. Tha trì bun-sgoiltean ann a tha gu tur Gàidhlig agus trì eile a bhios ann ro dheireadh 2016. An tacsa ris an t-suidheachadh a bh’ ann anns an seachdadan, tha piseach mòr air tighinn air cùisean.

A bheil sin a’ ciallachadh gum bi tuar bàn-dhearg air mapa na h-Alba a-rithist? Tha e soilleir nach bi a’ chiad-ghreis agus gun ach 1.1 às a’ cheud den t-sluagh a’ bruidhinn Gàidhlig agus iad sin sgapte air feadh Alba. Tha an suidheachadh toinnte agus tha mòran dhòighean anns am faod­ar coimhead air cùisean.

Chan eil foghlam leis fhèin a’ dol a shàbhaladh Gàidhlig. An aon rud a “shàbhaileas” i ’s e ma bhios miann aig gu leòr dhaoine a bruidhinn ’s a toirt dhan ath ghinealach.

Tha Bòrd na Gàidhlig anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta airson 2012-17 a’ tuigsinn sin. Tha iad a’ cur cuideam air foghlam aig na diofar ìrean, ach cuideachd air Gàidhlig anns an dachaigh ’s anns a’ choimhearsnachd, agus tha e ceart gu bheil iad a’ dèanamh sin. Tha an sgoil ’s na h-eal­ain ’s na meadhanan cudromach ach mura bi Gàidhlig anns an teaghlach ’s anns a’ choimhearsnachd, cha bhi i beò ro fhada.

Agus a’ bruidhinn mu dheidh­inn coimhearsnachd, tha e soill­eir gu bheil diofar choimhearsnachdan Gàidhlig ann: air an tuath anns na h-Eileanan an Iar; na sgoiltean anns na bailtean; corra àite-obrach; saoghal na sgoilearachd; na meadhanan sòis­ealta. Cha mhòr nach tuirt mi soidhnichean rathaid, ach chan eil iad sin a’ dol a chruthachadh coimhearsnachd. Ged a dh’fhaod­adh iad misneachd a thoirt do thè a th’ ann mu thràth.

B’ àbhaist dhuinn a bhith ag ràdh gun robh cridhe na Gàidhlig ann an Gàidhealtachd nan eilean. Ach chan eil mi cinnteach a bheil sin fìor tuilleadh. Tha faisg air leth luchd-labhairt na Gàidhlig taobh a-muigh na Gàidheal­tachd ’s nan Eilean. Dh’fhaodadh gu bheil cridhe na Gàidhlig – no co-dhiù leth a’ chridhe sin – air gluasad gu na bailtean mòra mar Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis, far a bheil iarrtas mòr air nochdadh airson FTG.

Tha e soilleir sna làithean air thoiseach, nuair a thig e gu Gàidhlig, gum bi ciall eile aig an fhacal coimhearsnachd. Bidh a’ choimhearsnachd sin sgapte air feadh Alba agus an t-saoghail. ’S e lìonra agus lìonraidhean a bhios ann. Bidh a’ Ghàidhlig beò, ach cha bhi i gu bràth mar a bha i ceud bliadhna air ais.

Ach ann am foghlam gu h-àr­aidh, tha adhartas mòr air a bhith ann o chionn dà fhichead bliadhna. Agus far a bheil adhartas mar sin, gun teagamh sam bith tha dòchas.

Back to the top of the page