Freumhan a’ daingneachadh nam bruachan

Share this article
0
Have your say

IS FHADA bho dh’iarr an Dotair Bàn air croitearan anns na h-eileanan muran a chur air bearraidhean a’ chladaich gus a’ ghaineamh a chumail ri chèile. Thèid na freumhan righinn cruaidh aige sìos astar agus mun cuairt agus air a feadh agus cumaidh i a’ ghaineamh gun sguabadh air falbh leis a’ ghaoith.

Air an t-slighe gu deas sìos gu Ceann Loch Chille Chiarain bidh maoimean-talmhainn gu tric a’ cur bacadh air trafaig faighinn troimhe agus ag adhbharachadh cam-rathad a ghabhail, a chuireas lethcheud mìle ris an t-slighe. Tha leathad cas sìos chun an rathaid agus bidh tuiltean mar a bha againn air a’ gheamhradh seo a’ cur poll agus sprùilleach sìos.

A-nis tha innleadairean a’ beachdachadh air craobhan a chur air an leathad fiach an cum na freumhan aca an talamh seasmhach. Bheir e ùine, ach chan eil teagamh nach obraich e.

An-dràsta tha Urras Talamh-Chraobhan na h-Alba, Woodland Trust Scotland, a’ tabhann grantaichean air son craobhan dùthchasach a chur. Thuirt Anndra Caimbeul bhon Urras, “Chan eil aig an àm seo ach 4 ás a’ cheud de thalamh ann an Alba fo chraobhan a bhoineas don dùthaich. Tha sinn am beachd an àireamh sin a dhùblachadh agus na craobhan a chur far an dean iad feum. Faodar talamh àitich a sheachnadh agus an cur ann am badan far an toir iad fasgadh agus far an cum na freumhan talamh mì-sheasmhach ri chèile.

“Bheir badan den t-seòrsa seo de chraobhan cothrom do dh’fhiadh-bheathaichean agus lusan, a bharrachd air fasgadh do sprèidh.”

Bheir an t-Urras seachad 60 ás a’ cheud de na cosgaisean agus tha grantaichean eile ri lorg.

Tormod E Dòmhnallach