Foghlaimte, dearg, reamhar

Am Piazza Nettuno ann am Bologna. Picture: Contributed

Am Piazza Nettuno ann am Bologna. Picture: Contributed

0
Have your say

THA NA pàipearan-naidheachd’s na h-irisean siubhail a’ moladh cinn-uidhe an-dràsta son làith­ean saora an t-samhraidh.

Bidh gu leòr de na h-airtigealan seoa-mach air prìomh chinn-uidhe turasachd na h-Eadailte, na h-ainmean ainmeil mar an Ròimh, Floireans, Milan, Venice, Naples. Ach sann ro ainneamh a nochd­as ainm Bologna.

Tha seo tàmailteach, ’na mo bheachd-sa. Tha Bologna, prìomh bhaile Emilia-Romagna ann an ceann a-tuath na dùthcha, air fear de na cinn-uidhe as tarraingiche dhomh anns an dùthaich sgoinneil seo.

Tha Bologna aithnichte san Eadailt fhèin ge-tà, ’s air iomadh adhbhar. Bidh na h-Eadailtich a’ gabhail mar fharainm oirre, anns an t-seadh mhireanach Eadailteach sin, la Dotta, la Rossa, la Grassa – “an Tè Fhoghlaimte, an Tè Dhearg, an Tè Reamhar”.

Tha i foghlaimte air sgàth Oilthigh Bologna, stèidhichte ann an 1088, an t-oilthigh as sine san Roinn Eòrpa. Ge b’e dè cho sean ’s a tha an t-oilthigh, bidh na 85,000 oileanach òg a’ cur gu mòr ri beatha agus stior a’ bhaile, ’s iad a’ biadhadh beatha-oidhche gu math beòthail gu moch-mhadainn cha mhòr a h-uile oidhche. Se Cairteal nan Oileanach – an Seann Bhaile ’s an sgìre mun cuairt air a’ Phiazza Magg­iore – an sgìre as frogaile. Tha e ’na dheagh àite cuideachd gus jazz Eadailteach a chluinntinn aig fear den iomadh club jazz a tha sgapte tro mheadhan a’ bhaile.

Tha Bologna ’na “Tè Dhearg” air dà adhbhar – poileataigs muinntir a’ bhaile agus an ailtir­eachd àlainn eachdraidheil. Tha a’ chuid as motha de na toglaich­ean agus na porticothan air an dèanamh á terracotta, dath blàth nach eil cus ri fhaicinn ann an seann bhailtean dorcha na Roinn Eòrpa. Tha meadhan a’ bhaile air a chumail mar a bha e linntean air ais, ’s tha e riatanach sgrìob a ghabhail a dh’fhaicinn co-dhiù am Piazza Nettuno, am Basilica di San Petronio agus dà thùr air chlaonadh, na “Torri degli Asi­nelli e Garisenda”.

Se “an Tè Reamhar” am far­ainm as fheàrr leamsa ge-tà, ’s am prìomh adhbhar gu bheil mi cho measail air Bologna – cho math ’s a tha am biadh! Chan ann air sgàth na mortadella, ìsbean mòr blasta na sgìre, no gu bheil slisean pizza na sràide nas fheàrr na ann an taighean-bidhe Eadailteach na h-Alba, ach dìr­each air sgàth nach eil cus nas cudromaiche na deagh bhiadh ann am Bologna.

Sann am Bologna a thòisich an sgeama coimhearsnachd Le Cesarine, a tha ga do bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh seann reasabaidhean ionadail aig dachaighean daoine a tha còir agus àbhaisteach agus a bhuin­eas dhan àite. Fhuair mi cothrom cèilidh shònraichte a chur air Luisa anns an taigh shnog aice shuas anns na beanntan air iomall a’ bhaile. Se seo fear de na rudan as fheàrr agus as tlachd­mhoire a rinn mi thall thairis riamh.

Cha chreid mi gun robh mi cho math air an taois a dhèanamh, no air a bhith ag ullachadh nan tagliatelle, nan tortellini (feadhainn bheaga) agus nan tortelloni (feadhainn mhòra), ach bha mi math air am feuch­ainn fhad ’s a bha sinn a’ dol air adhart. Nuair a bha gach nì deis­eil, shuidh sinn cuide ri màthair Luisa – Maria Theresa, 86, ’s gun fhacal Beurla aice – a ghabhail tortelloni lìonta le spionaids agus càise ùr ricotta. Air achòmhdachadh gu luath le ìm sàisteach, ’s le glainne Prosecco dearg cuide ris, se seo biadh ceart ’nam bheachd-sa – sìmplidh, nuadh, ’s cho blasta ’s a ghabhas.

A tavola non si invecchia,arsa Maria Theresa as dèidh dhi crìoch a chur air a’ bhoinneag Prosecco mu dheireadh. Sean­fhacal Eadailteach a tha seo, a tha a’ ciallachadh: “Aig a’ bhòrd chan fhàs duine nas sine.” Uill, ’s dòcha nach fhàs, a Mharia Theresa chòir, ach, gu deimhinne, aig bòrd blasta Luisa sann a dh’fhàs­ainn-sa nas reamhra.

Back to the top of the page