Fèis Chiùil Thiriodh - Blasad bhon fhèis ri fhaighinn air BBC Alba

Sarah is Vicky  a coimhead air adhart ri F�is Chi�il Thiriodh 2016. Picture: Kris Kesiak

Sarah is Vicky  a coimhead air adhart ri F�is Chi�il Thiriodh 2016. Picture: Kris Kesiak

Share this article
0
Have your say

A-mach bho thìr-mòr, am meadhan a’ Chuain Sgìth, tha eilean beag a tha eu-coltach ri eilean sam bith eile. Àite eireachdail le tràighean òr-bhuidhe, a tha air a bhith a’ tàladh luchd-turais o chian nan cian. Ach bho 2010 tha eilean Thiriodh air adhbhar eile a thoirt do dhaoine tadhal air an ‘Hawaii of the North’ agus ’s e sin TMF, no Fèis Chiùil Thiriodh.

Agus am-bliadhna a-rithist bheir sinne taghadh de na tachartasan bhon fhèis thugaibh air BBC ALBA.

Tha mise, Sarah, air a bhith an lùib Fèis Chiùil Thiriodh bhon thòisich i le àrd-ùrlar a bha air cùl làraidh chun na làraich mòire a tha aice a-nise; làrach aig a bheil na seallaidhean-mara as bòidhche, an teas-meadhan coimhearsneachd coibhneil, taiceil agus làrach a tha air sìde nan seachd sian fhaicinn thar nam bliadhnaichean. Ach chan eil e gu diofar a bheil a’ ghrian a’ deàrrsadh no gèile a’ sèideadh oir cumaidh an ceòl is na còmhlain air do chasan thu bho mhoch gu dubh.

Nuair a chaidh iarraidh orm aithris dha BBC ALBA bhon fhèis, cha b’ e ruith ach leum gus an t-àite eireachdail a tha seo a thoirt fa chomhair sluaigh ùir le mo charaid ùr Vicky.

Nise cha robh mise, Vicky, air cas a chur air tràighean bàna Thiriodh roimhe, ged nach ann air tìr a dh’fhuirich ar casan fada is iomadach spòrs uisge ri fheuchainn!

Cha robh dad a dh’fhios agam dè bha romham. Chuir mi seachad ceithir uair an uaireadair air bàt’-aiseig gus faighinn dhan eilean, ach chaidh sin às mo chuimhne cho luath ’s a dh’fhairich mi blàths na grèine an dèidh dhomh Tiriodh a ruighinn. Bha mi air cluinntinn mu na tràighean àlainn is an t-sìde ghrianach, ghaothach agus mar sin dè a b’ fheàrr na gabhail chun na tràghad agus a-mach air an uisge ann an caidheig; a’ mhuir cho gorm agus fiù ‘s beagan blàth – mar a fhuair Sarah a-mach nuair a chuir sinn car dhan a’ chaidheig! Cha b’ e mo choire-sa a bha sin.

Tha iomadach adhbhar tadhal air eilean Thiriodh agus an fhèis chiùil agus ’s e an ceòl a tha dha-rìribh gar fàgail a’ miannachadh tilleadh am-bliadhna leis gu bheil an fhèis a’ brosnachadh freumhan ceòl tradiseanta an eilein le còmhlain mar Skipinnish, Skerryvore, Trail West is Gunna Sound a’ nochdadh gach bliadhna. Ach tha e cuideachd a’ tabhann farsaingeachd de cheòl le còmhlain mar The Fratellis, Toploader, The Chaplains, Washington Irving, Capercaillie agus Eddi Reader am measg cuid a tha air nochdadh thar nam bliadhnaichean.An-uiridh b’ e We Banjo 3 à Gaillimh a ghlac ar n-aire is iad cho ceòlmhor, beothail agus tòrr spòrs aca leis an luchd-amhairc!

Chan eil gainnead tàlant ann am-bliadhna nas motha eadar na trì àrd-ùrlair aig an fhèis le Levellers, Sharon Shannon Band, Saltfishforty, Tide Lines agus Fergie Dòmhnallach 
agus a chòmhlan a’ dèanamh air an eilean airson an 7mh bliadhna den fhèis.

Leis na tiocaidean uile air an reic, ’s math gum bi sinn ann gus taghadh de na còmhlain bho fhèis na bliadhna a thoirt thugaibh air BBC ALBA. Dèan cinnteach gum bi sibh nar cuideachd air BBC ALBA airson Fèis Chiùil Thiriodh 2016.

Back to the top of the page