Fèilltean nan uan sàmhach

Share this article
0
Have your say

MUS bi uain air an reic tha obair ri dheanamh. Feumar an cruinneachadh ’s an cur air leth oir tillear na h-othaisgean a tha ri’n cumail, còmhla ri am màthraichean, air ais don mhonadh. Bidh an fheadhainn a tha a’ dol chun na fèille air an sgioblachadh ’s air an glanadh. Chan eil rud ann a mhilleas ìomhaigh chàich na beathach air a bheil an spùt. Canaidh iad, “Millidh aon othaisg chlaimheach an treud.”

Se latha sònraichte a bh’ ann riamh nuair a bha fèill nan uan ann am baile. Bhiodh Port Rìgh, Inbhir Pheofharain, an Luirg agus bailtean eile air feadh na Gaidhealtachd a’ cur thairis, chan ann a-mhàin le uain, ach le daoine. Bhiodh na marsantan ’s na h-òstairean air an dòigh, oir bhiodh acras agus tart orrasan a bha ag iomain nan uan. Choinnicheadh feadhainn nach fhaiceadh a-chèile ach corra uair fad na bliadhna agus sann ann a bhiodh a’ bhleadraich.

Tha cùisean air atharrachadh, oir tha àireamh nan uan nas lugha agus chan eil na fèilltean cho trang. Tha sin an dèidh fìor dheagh shamhradh far an tug measgachadh de theas na grèine agus na dh’fhòghnas de dh’uisge am bàrr air adhart gu pailteas.

Bha droch gheamhradh ann an-uiridh le fuachd, citheachan sneachda le caoraich fodhpa, tuiltean, tractaran a’ steigeadh san eabar. Chailleadh mòran de chaoraich a bha a’ giùlan uain ’s an àite feadhainn eile cheannach aig toiseach an fhoghair am-bliadhna air son an àite ghabhail, bha mòran de chroitearan air an sgreamhachadh leis an droch shìde ’s cha do cheannaich iad mar a bha dùil.

Tormod E DÒmhnallach