Eilean Gàidhealach nan trèanaichean

Deas, tr�ana sm�ide aig Doolish; shuas, rathaidean-iarainn Mhanainn mar a th� (loidhnichean leantainneach) agus mar a bh� (loidhnichean be�rnach). Picture: Contributed

Deas, tr�ana sm�ide aig Doolish; shuas, rathaidean-iarainn Mhanainn mar a th� (loidhnichean leantainneach) agus mar a bh� (loidhnichean be�rnach). Picture: Contributed

Share this article
0
Have your say

THA eileanan gu leòr sa mhuir mheadhan-thìreach aig a bheil rathaidean-iarainn, le lìonraidh­ean rèile ann an Corsica, Sard­inia, Sicily agus Mallorca.

Chan eil seo air a bhith fìor idir anns a’ cheàrnaidh seo den Roinn Eòrpa, ge-tà, far a bheil sluagh nas lugha aig na h-eileanan agus uaireannan cruth-tìre a tha dùbhlanach airson obair tog­ail den t-seòrsa seo.

Bha rathaidean-iarainn ann an Deàrsaidh ’s tramaichean ann an Geàrnsaidh uair ceart gu leòr ach dhùin iad sna 30an. Agus ann an Sasainn, cha robh ach aon rath­ad-iarainn eileanach riamh ann, ann an Eilean Wight far a bheil loidhne ghoirid fhathast a tha na pàirt den lìonra nàiseanta.

Ann an Alba, bha planaichean san 19mh linn gus rathaidean-iarainn pasainseir a thogail san Eilean Sgitheanach agus ann an Leòdhas ach cha tàinig iad seo gu buil, ged a bha loidhnichean-bathair goirid san Eilean Sgithean­ach ’s ann an Ratharsair uair. B’e Bòd an t-aon eilean Albannach aig an robh rathad-iarainn ceart riamh: Slighe-Trama Bhaile Bhòid ’s Bhàgh Adraig, a dhùin ann an 1936.

Tha eilean Gàidhealach eile ann, ge-tà, aig a bheil lìonra rèile mòr chun an latha an-diugh. Do chuid, tha an t-eilean seo ainmeil airson na Gàidhlig, do chuid eile airson rèisean motor-baidhg agus do chuid eile airson cìsean ìosal. Do dhealasaich thrèan­aichean, ge-tà, nuair a smaoinicheas iad air Manainn sann air aon rud a-mhàin, yn arbyl bree (“an earball brìgh”) – sin na bh’ aig na seann Mhanannaich air trèan­aichean smùide.

Tha Manainn loma-làn rath­aidean-iarainn. Aig aon àm bha an lìonra a’ cuairteachadh an eilein bho thuath gu deas agus bhon iar don ear. Ràinig fasan nan rathaidean-iarainn an t-àite sna 1870an nuair a bha turasachd a’ sìor fhàs, leis a’ chiad loidhne eadar Doolish (Dùghlais, Douglas, am prìomh bhaile) agus Purt ny h-Inshey (Port na h-Innse, Peel, air a’ chosta an iar) a’ fosgladh ann an 1872. Dh’fhosgail an dàrna loidhne, eadar Doolish agus Purt Çhiarn (Port Tighearn’ , Port Erin, sa cheann a deas) dà bhliadhna às dèidh sin.

Bha farmad aig muinntir a’ chinn a tuath agus ro dheireadh nan 1870an chaidh rathad-iar­ainn eile a thogail bho Phurt ny h-Inshey gu Rhumsaa (Rùmsà, Ramsey, san ear-thuath), a’ ruith an cois a’ chosta an iar ’s an uair sin a-staigh dhan tìr dhan bhaile.

Bha beàrn fhathast air a’ chosta an ear, ge-tà, eadar Doolish agus Rhumsaa, far an robh deagh shluagh a’ fuireach. Air an adh­bhar seo chaidh planaichean a chur air dòigh airson slighe-
trama dealanach, Raad-Yiarn Lectragh Vannin (Rathad-Iar­ainn Dealanach Mhanainn), eadar Doolish agus Rhumsaa taobh Laksaa (Lagsà, Laxey). Ràinig na tramaichean Laksaa ann an 1894 agus Rhumsaa ann an 1899. A bharrachd air seo, chaidh slighe-trama eile, Raad-Yiarn Sniaull (Rathad-Iarainn Snaefell) a thogail eadar Laksaa agus mullach na beinne ann an 1895 gus am biodh cothrom aig luchd-turais Alba, a’ Chuimrigh, Èirinn agus Sasainn fhaicinn bhon bheinn as àirde san eilean.

Cuideachd airson luchd-turais chaidh slighe-trama eich a thogail air a’ phromanaid aig Bàgh Dhoolish ann an 1877.

Mar a thachair aig àm Beeching an seo, bha dùnaidhean ann am Manainn. Chaidh na loidhnichean eadar Doolish agus Purt ny h-Inshey ’s eadar Purt ny h-Inshey agus Rhumsaa a dhùnadh ann an 1968. Bha an lìonra a’ call airgid ’s chaidh na bha air fhàgail a ghabhail thairis leis an stàit. Chaidh na slighean-trama deal­anach uile a chur dhan roinn phoblaich cuideachd sna 1950an agus tha na tramaichean-eich fhathast a’ ruith cuideachd fo smachd Comhairle Dhoolish.

Bho na 60an, tha rathaidean-iarainn na dùthcha air a bhith gan ruith airson luchd-turais agus dealasaichean thrèanaich­ean seach mar dhòigh siubhail do mhuinntir an àite, agus chan eil iad fosgailte fad na bliadhna.Abair gu bheil iad fhathast tarr­aingeach ge-tà. Tha rathaid­ean-iarainn Mhanainn beag is snog oir tha iad caol-ghèidse (3") agus tha na tramaichean ’s na trèan­aichean uile Bhictorianach ’s gu math traidiseanta nan coltas. Tha iomadh taigh-tasgaidh rèile is còmhdhail san eilean cuideachd.

Tha na trèanaichean gu math saor an taca ri loidhnichean glèidhte na RA. Tha cairtean-tap­aidh (smart-cards) rim faighinn airson còmhdhail ann am Manainn a tha a’ gabhail a-staigh rèile agus bus aig prìs gu math ìosal.

Ma tha thu uabhasach dèidh­eil air trèanaichean, tha dà loidhne bheag ghlèidhte eile ann – Rathad-Iarainn Groudle Glen a b’ àbhaist a bhith a’ dol gu sù beag le mathain bhàna ’s leomhainn-mhara, agus an Great Laxey Mines Railway a tha na dheagh eisimpleir de rèile mèinne.

Chan eil mòran àiteachan far a bheil e comasach dhut a bhith air do tharraing le each, loco-smùid agus trama dealanach ’s a dhol air rèile beinne air an aon latha. Le seo agus Gàidhlig an eilein chan eil adhbhar sam bith ann gun a bhith tadhal air Man­ainn – eilean nan trèanaichean.

Back to the top of the page