Èiginn mu cheannardan sna sgoiltean Gàidhlig

Alex Salmond aig fosgladh Sgoil Gh�idhlig Inbhir Nis ann an 2008

Alex Salmond aig fosgladh Sgoil Gh�idhlig Inbhir Nis ann an 2008

1
Have your say

a rèir phàrantan, dh’fhaodadh co-dhùnadh a tha Comhairle na Gaidhealtachd air a dhèanamh mu bhith fastadh ceannard air son Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis buaidh a thoirt air foghlam Gàidhlig aig ìre nàiseanta.

Tha a’ Chomhairle air a bhith a’ coimhead air son ceannard le Gàidhlig dhan sgoil air son cha mhòr ceithir bliadhna, ach ged a chaidh an obair a shanasachd seachd tursan, cha d’fhuair iad neach le Gàidhlig a bha freagarr­ach san ùine sin, ’s gu dearbh cha do chuir mòran a-staigh son na dreuchd idir. Tha a’ Chomh­airle a-nis air sanas a sgaoileadh far a bheil iad ag ràdh nach fheum tag­raichean a bhith fil­ean­ta sa Ghàidhlig, ach tha iad cuideachd ag ràdh mura h-eil iad fileanta gum feum iad a bhith deònach na comasan aca sa chànain a thoirt gu ìre a tha freag­arrach air son na dreuchd. Thuirt Dawn Morgan bho Chomann nam Pàrant Inbhir Nis: “Chan eil sinn uabhasach toilichte le sin, agus sgrìobh sinn thuca, oir bha sinne fada an aghaidh mar a bha iad ag iarraidh nam faclan san t-sanas atharrachadh bho Ghàidhlig riat­anach gu Gàidhlig desirable.

Wentworth: chan eil tidsearan a' cur e�las air manaidsearachd

Wentworth: chan eil tidsearan a' cur e�las air manaidsearachd

“Bha sinn a’ faireachdainn gur e lagachadh mòr a bha siud. Tha sinn a’ creidsinn gum feum ceannard a bhith ann aig a bheil an cànan. Nuair a chuala a’ Chomh­air­le gun robh pàrantan ann nach robh toilichte, thuirt iad gun cuireadh iad dàil sa chùis, agus tha co-chomhairleachadh ann an-dràsta a bhios deiseil air an 9mh. Tha sinn an dòchas nach tèid iad air adhart le agall­amh gus an cluinn iad dè th’ aig pàrantan ri ràdh.”

Thathar a’ tuigsinn ge-tà gun tèid agallamh deireannach a chumail le aon tagraiche air an 19mh, agus nach eil Gàidhlig aig an tagraiche sin.

A rèir Dawn, dh’fhaodadh na tha a’ Chomhairle air a dhèanamh buaidh a thoirt air sgoiltean eile. “Tha sinn air feuch­ainn ri seo a thoirt gu aire dhaoine, tha sinn air duilleag Face­book a stèidheachadh agus tha sinn a’ faighneachd do dhaoine, dè ur beachd air seo? Oir tha buaidh nas fharsainge aige seo ’s dòcha air sgoiltean eile, chan ann dìr­each air an sgoil againne. Oir bidh iad ag iarraidh ceann­ard air son sgoil anns a’ Ghearastan nuair a bhios tè ann, ’s ann am Port Rìgh, ’s ma nì iad seo ann an Inbhir Nis dè tha sin a’ ciallachadh dha na h-àiteachan eile? Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil an co-dhùn­adh seo car cunnartach do shaoghal na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.”

Thuirt Dawn gur e an dragh as motha a bh’ air pàrantan gur e dreuchd mhaireannach a bha air a sanasachd, agus mar sin ma gheibh an sgoil ceannard aig nach eil Gàidhlig, gum faodadh an ceannard sin a bhith ann son bliadhnaichean mòra. “Tha pàr­an­tan toilichte leis a’ cheann­ard a th’ ann an-dràsta, tha an sgoil air a bhith air a ruith gu math. Tha i math leis a h-uile nì, ach chan eil an cànan aice. ’S dòcha nam b’ urrainn dhan t-suidh­each­adh sin a bhith ann gu h-ead­ar-amail, gus am faigh sinn ceannard le Gàidhlig.

“Tha pàrantan air a bhith gu math foighidneach mun chùis. Tha sinn an dòchas gun cum iad an doras fosgailte ’s gum bi coth­rom aig cuideigin le Gàidhlig.”

Tha Magaidh Wentworth, Oif­igear Phàrant aig Comann nam Pàrant Nàiseanta, dhen bheachd gum feumar coimhead air dòigh­ean far am faigh tidsearan Gàidhlig trèanadh agus eòlas air son a bhith ’nan ceannardan ’s ’nan iar-cheannardan. “Tha fàs air a bhith ann tro na sgoiltean Gàidhlig, tha sinn a’ coimhead air adhart ri sgoiltean fhosgladh sa Ghearastan, ann an Dùn Èid­eann, ann am Port Rìgh. Ach cò ás a thig na ceannardan a tha sin? Agus ciamar a tha sinn a’ dol a dhèanamh plana gus dèanamh cinnteach gum bi iad ann? Mar
a tha cùisean an-dràsta, chan eil tidsearan a’ faighinn chothrom­an eòlas fhaighinn aig ìre manaidsearachd, oir chan eil na sgoil­tean air a bhith againn. Se dòigh a lorg far am faigh iad an t-eòlas sin tro chùrsaichean no tro thaic.”

Thuirt Màiri NicIlleMhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionns­ach­aidh aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ coimhead air seo. Tha sinn fhìn ’s na h-ùghdarrasan ionadail mothachail air a-seo, agus tha buidheann obrach an-dràsta a’ coimhead air foghlam luchd-teagaisg Gàidhlig.

“Se aonan de na rudan a thathar a’ coimhead air, ciamar as urrainn taic a chumail ri tidsearan ’s ciamar as urra dhuinn tidsearan a bhrosnachadh air son a dhol air adhart air son obair mar cheannardan agus iar-cheannardan sgoiltean. Chan e suidheachadh furasta a th’ ann, a chionn ’s nach eil uiread a choth­roman a’ tighinn suas. Tha­thar
a’ coimhead air dòighean eile gus daoine fhaighinn a-staigh a bhith ’nan ceannardan. Ach chan eil bacadh sam bith air tidsearan Gàidhlig a dhol air aghaidh son cùrsa a dhèanamh a bheireadh dhaibh na sgil­ean a tha dhìth.”

Thuirt an comhairliche Sgith­eanach Hamish Friseal: “Anns na ceithir bliadhna a chaidh seachad, tha a’ Chomhairle air dhà no thrì thidsearan a thoirt a-staigh gu bhith ’nan ceannardan ’s tha iad a’ faighinn taic air son sin a dhèanadh. Ach cha robh neach-teagaisg ann a bha deònach sin a dhèanadh on Ghàidhlig, bhiodh an taic ann dhaibh sin a dhèan­adh, ach chan eil duine a’ tighinn air adhart. Se ceist gu math duil­ich a th’ ann, tha sinn air falbh bho chion luchd-teagaisg gu cion cheannardan. Ma tha duil­gh­eadas air a bhith againn son ceithir bliadhna ann an Inbhir Nis, ’s dòcha gum bi duilgheadasan ann sna bliadhnaichean tha romhainn ceannardan fhaigh­inn ann an sgìrean eile.”

ahcampbell@btinternet.com

Back to the top of the page