Easagan – plàigh eile a tha laghail ann an ainm spòrs

Easag san t-sneachda air Ghaidhealtachd: n� iad milleadh air b�rr 's tha �ireamhan a' s�or �irigh. Picture: Ben Curtis

Easag san t-sneachda air Ghaidhealtachd: n� iad milleadh air b�rr 's tha �ireamhan a' s�or �irigh. Picture: Ben Curtis

Share this article
0
Have your say

THATHAS AN dòchas gun tig atharrachadh air a’ bhuaidh a th’ aig tionnsgal nan easagan (pheasants) air an àrainneachd an lùib Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn, ged nach eil buidh­nean oifigeil ag aontachadh fhathast dé an ìre de chron a tha easagan a’ dèanamh.

Do thuathanaich tha e sìmp­lidh. Chì iad na h-achaidhean aca còmhdaichte le ceudan, uaireannan fiù ’s mìltean de na h-eòin seo, a bhios, coltach ri cearcan, a’piocadh ’s a sgròbadh ’s a’ tionn­dadh an talaimh a’ lorg sìol.

Mì-choltach ri radain, coin­eanaich ’s an leithid, chan eil e ceadaichte do thuathanaich cur ás do dh’easagan gun chead bhon uachdaran air neo bhon gheam­air aig a bheil na h-eòin.

Thuirt Crìsdean MacNeacail os leth an Scottish Tenant Farmers’ Association: “Nan robh còir lagh­ail aig tuathanaich gu smachd a chumail air eòin a tha a’ mill­eadh a’ bhàrr, bhiodh na daoine a tha a’ cumail rian air easagan na b’ fhaiceallaiche càit a bheil iad gan leigeil mu sgaoil agus chum­adh iad air falbh bho bhàrr iad.”

Ge-tà, bidh geamairean agus compàirtichean a’ dol as àich­eadh gu bheil easagan a’ dèanamh cron sam bith idir. A réir Iain Forrester, a tha an sàs ann am còmhlan gunna-froise san Agaidh Mhór, tha e ’na spòrs a tha toirt beòshlaint do mhìltean ’s a’ cur ri econamaidhean ionadail. “Sann as t-fhoghar a théid na h-eòin a chur air an fhearann nuair bu chòir am bàrr a bhith a-staigh co-dhiù. Leis gu bheil sinn a’ feuchainn ri’n cumail san aon àite, thathas gam biadhadh ’s mar sin chan eil móran feum ac’ air biadh a bharrachd. Théid a’ chuid as motha dhuibh a mharbhadh agus cha mhair móran dhiubh thar a’ gheamhraidh.”

Ann an suidheachadh mar seo tha feum air tomhas cuspaireil air an àireamh de dh’eòin a tha an tionnsgal a’ làimhseachadh gach foghar, an àireamh a bhios ann fhathast as t-earrach agus mar sin air adhart. Gu mì-fhort­anach, a réir Dualchas Nàdar na h-Alba chan eil figearan ri fhaot­ainn do dh’Alba, agus tha deich bliadhna bho chaidh an àireamh a thomh­ais dhan RA uile gu léir – 35 millean eun ann an 2004.

Ann am beachd Peter Robinson, sàr-eòlaiche eun a rannsaich a’ chùis anns na 1990an, chan eil adhbhar nach eil na figearan a’ sìor dhol am meud.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail fianais fo chùram an Agricultural Holdings Legislation Review Group.

• seoncaimbeul@aol.com

Back to the top of the page