Dùn nan Gall, Para Handy, ’s fealla-dhà

0
Have your say

Tha còrr agus 25 bliadhna on a thòisich an còmhlan Altan á Dùn nan Gall, agus nuair a nochd iad air an 23mh bha e follaiseach gun robh iad gu mòr aig an taigh ann an Glaschu, far a bheil mòr­an on tìr aca fhèin a’ fuireach. Tha ceanglaichean làidir eadar Dùn nan Gall agus Alba a thaobh a’ chiùil, ’s bha iad sin follaiseach, le puirt a dh’aith­nicheas sinn mar ‘The New-Rigged Ship’ agus ‘Hills of Glen­orchy’ am measg na chualas on chòmhlan.

Bha grunn sheinneadair­ean ’s luchd-ciùil aig an robh ceang­laichean ri Dùn nan Gall air aoigh­eachd còmhla riutha – ’nam measg Karen Nic­Mhathain agus Manus Lunny as aithne dhuinn o Chapercaillie, am fìdhlear Paddy Glackin, agus Maighread Ní Dhomhnaill ’s a piuthar Tríona. Nochd dà chòmh­lan òga cuideachd, a sheinneadh ’s a chluichdeadh iomadh ionnstra­m­aid – na peathraich­ean Friel (Anna, Sheila agus Clare) á Glaschu agus na “Henry Girls” (Karen, Lorna agus Joleen McLaughlin). Bha blàths agus doimhneachd san fhuaim nuair a nochd a h-uile neach air an àrd-làr aig deireadh na h-oidh­che a ghabhail ‘Gleann­táin Ghlas Ghaoth Dobh­air’ agus a chluichd ruidhlichean.

Sann sa Ghaeilge a bha mòran dhe na h-òrain a ghabh Mairéad Ní Mhaonaigh bho Altan. Tha guth brèagha soilleir aice, ’s am measg na ghabh i bha ‘Am Buachaille Bàn’. Còmhla rithe ga ghabhail bha Karen NicMhath­ain. Bha an taic a thug Tríona Ní Dhomhnaill dhaibh air a’ phiàna air leth grinn agus tuigseach. Chualas e a-rithist nuair a sheinn a piuthar Maighread gu h-àlainn ‘Is Fada Liom Uaim i’. Chan eil teagamh ann nach cualas ceòl tradiseanta Èir­eannach aig an ìre a b’ àirde anns a’ chuirm seo, agus thug e togail do gach neach anns an Talla Rìoghail air oidhche fhuair gheamhrachail.

Sann an Club nan Ealain air an 25mh a nochd Ailean Dòmh­nallach (pìob, bogsa nam putan), Iain MacLeòid (mandolin) agus Russell Hunter (piàna) ann am “Para Handy: The High­land Voyage”. Bha e follais­each gun robh cuid dhen luchd-èisteachd air seo a chluinntinn air a’ chlàr a nochd ann an 1963 le cleasaich­ean ainmeil mar Ruair­idh Mac­IlleMhaoil, Donn­chadh MacRath agus Iain Grieve. Chualas deagh cheòl on sgioba ùr, gu h-àraid nuair a chluichd iad mar chòmhlan, ach le òrain mu thìr a “Hodrum Ho” agus còisir “Clach­nabrochan” bha e doirbh gun a bhith mothachail air cho mòr ’s a tha fealla-dhà air atharrachadh tro na bliadhnaich­ean.

Back to the top of the page