Duais mhòr do Shlèite on Chrannchur

Camuscross & Duisdale Initiative's planned community hub on Skye

Camuscross & Duisdale Initiative's planned community hub on Skye

Share this article
0
Have your say

Tha coimhearsnachd ann an ceann a-deas an Eilein Sgithean­aich air gealladh fhaighinn air £1 millean bhon Chrannchur Nàis­eanta a dh’ionnsaigh chosgais­ean son ionad-coimhearsnachd ùr ann an Slèite – an t-suim as motha a b’ urrainn dhan Chrann­chur a thoirt dhaibh.

Chuir Iomairt Chamas Chros agus Dhùisdeil iarratas a-steach air son £1 millean mar phàirt dhen oidhirp aca gus togalach a stèidheachadh far am bi seirbh­eisean agus goireasan riatanach ri’m faotainn. Tha an Crannchur a-nis air a h-uile sgillinn dhen t-suim a thabhann dhan choimh­earsnachd, ’s tha iad cuideachd air taic a bharrachd a thabhann dhaibh, luach £200,000, gus cuid­eachadh le bhith stèidheachadh gnìomhachas sòisealta a sheasas air a chasan fhèin.

Mark Wringe, Skye, Gaelic lecturer and broadcaster.

Mark Wringe, Skye, Gaelic lecturer and broadcaster.

Thuirt cathraiche Iomairt Chamas Chros agus Dhùisdeil, Mark Wringe, gun robh an t-àite “air bhioran” leis an naidheachd seo. “Tha sinn a-nise a’ faicinn buil air an obair chruaidh a rinn grunn dhaoine sònraichte sa choimhearsnachd. Fhuair sinn sàr chomhairle bho àiteachan eile, taic-airgid thràth bho Chomhairle na Gaidhealtachd, ’s tha na h-ailtirean dìreach air leth mar a dh’obraich iad an co-bhonn ris a’ choimhearsnachd.

“Se pròiseact mòr a tha an seo do sgìre le nas lugha na 200 neach, ’s tha airgead mòr ri thogail bho mhaoinean eile. Ach tha an earbsa a chuir an Crannchur Nàiseanta ’nar gnìomh agus ’nar rùn fìor chudromach. Seasaidh sin rinn mar a chumas sinn oirnn a’ còmhradh ris na buidhnean maoineachaidh eile.”

Se tha san amharc san togal­ach talla cruinneachaidh, bùth agus café, a chuireas fàilte air gach aois ’s a ghabhas cleachd­adh le daoine le ciorram. Tha an làrach air prìomh rathad Shlèite, le seallaidhean air beanntan tìr-mòr. Cosgaidh am pròiseact £1.8 millean uile gu lèir. Thuirt Rory Flyn a tha air a’ bhòrd-stiùiridh aig Iomairt Chamas Chros agus Dhùisdeil: “Tha obair againn ri dhèanamh fhathast, ’s feum­aidh sinn bruidhinn ri grunn bhuidhnean maoineachaidh eile, ’s cha toireadh gin dhiubh gealladh air maoineachadh dhuinn gus an robh sinn air gealladh fhaighinn bhon Chrannchur.

“Air son pròiseact mar seo, feumaidh tu daonnan gealladh fhaighinn bhon Chrannchur an toiseach, ’s tha sin againn a-nis. Bidh sinn ag obair gu deireadh na bliadhna feuch am faigh sinn an còrr dhen mhaoineachadh a tha dhìth oirnn. Ach leis an naidh­eachd seo bhon Chrann­chur, tha sinn air ceum mòr a ghabhail a dh’ionnsaigh a bhith a’ togail an ionaid ùir.”

Ma thig an taic a tha a dhìth bhon luchd-maoineachaidh eile, tha dùil ann gum fosgladh an tog­alach ann an 2016/17.

Tha taic dhan Ghàidhlig san sgìre ’na pàirt cudromach dhen phròiseact. Bidh cothrom aig croitearan biadh agus bathar a reic sa bhùth. ’S thathar an dùil gum bi suas ri seachd obraichean làn-ùine san togalach. Bidh e fosgailte fad na bliadhna.

A rèir na h-Iomairte, tha dìth àite cruinneachaidh ’s call na bùth o chionn beagan bhliadhnachan gam faireachdainn gu geur an Camas Chros, an Eilean Iarmain ’s an Dùisdeil. Chaidh cruth an togalaich a tha san amh­arc, ’s na goireasan a bhiodh ’na bhroinn, a thaghadh leis a’ choimhearsnachd ann an sreath de choinn­eamhan co-chomhair­leachaidh ’s de cheisteachain. Fhuaras lit­rich­ean taice bho ghnìomhachasan ’s bho bhuidhnean san sgìre.

Thuirt Mark Wringe gun robh iad air ìre eile a ruighinn as dèidh an gealladh fhaighinn air maoineachadh on Chrannchur. “Ron a-seo dh’fhaodadh tu a ràdh gur e dòchas agus miann a bh’ anns an ionad choimhearsnachd, ach a-nis se dha-rìribh gum faodadh e tachairt. Tha e a’ ciallachadh tòrr gu bheil an Crannchur air earbsa a chur san obair againn agus sna planaich­ean againn gu ruige seo. Tha tòrr den luchd-mhaoineachaidh eile a’ coimhead air a’ Chrannchur mar sheula a thaobh maith a’ phròiseict.”

’S dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig a’ phròiseact air a’ choimhearsnachd fhèin? Thuirt Mark: “Air a’ choimhearsnachd gu h-ionadail, tha mi a’ smaointinn gum bi trì rudan ann gu sònraichte. Sa chiad dol a-mach, cosnadh. Bidh suas ri seachd obraichean FTE, tha sin tòrr, oir tha 180 a’ fuireach sna trì bailt­ean, mar sin se tòrr a th’ ann an seachd obraichean FTE an sin, agus obair fad na bliadhna.

“Rud eile a th’ ann, tha oidh­irpean air a bhith ann an Camas Chros agus Dùisdeil gus ath-bheo­thachadh a thoirt air croit­earachd, agus anns an ionad ùr gheibh daoine cothrom nas fheàrr an stuth aca a reic sa bhùth, glasraich agus uighean agus rudan mar sin. Tha daoine ag iarraidh stuth ás an àite, gun food miles, agus tha sin a’ tarr­aing dhaoine cuideachd.

“An uair sin tha an rud sòisealta. Oir ged a tha àiteachan san sgìre far am faod cuid a dhaoine cruinneachadh, se an rud a tha dhìth, ann an Ceann a-Tuath Shlèite, àite far am faod daoine dhen a h-uile aois ’s a h-uile comas a thaobh gluasad agus eile tighinn còmhla. Tha tòrr àiteachan ann far nach eil goireasan freagarrach ann dhan a h-uile duine. Mar sin bheir seo dhuinn àite cruinneachaidh dhan a h-uile duine.”

Ma thèid an t-ionad ùr a thogail, thathar an dòchas cuideachd, tro phròiseact eile le Iomairt Chamas Chros agus Dhùisdeil, gun cum sgeama dealain hydro cumhachd uaine ris an togalach.

Back to the top of the page