Dòmhgan tro shùilean Barrach

Cuid de na Sinclairich, na daoine aig D�mhgan, mu 1910.
Cuid de na Sinclairich, na daoine aig D�mhgan, mu 1910.
Share this article
0
Have your say

GED tha mìosan a-nist on a nochd D.M.N.C. ann am Barraigh ’s a fhuair sinn comas air a cheannach, chan urrainnear a ràdh le fìrinne gu bheil an leabhar de sgrìobhaidhean Dhòmhgain air bilean an t-sluaigh.

Tha na vox pops a ghabh mise a’ ruith car mar seo: tha e math ach tha e doirbh a leughadh; tha e ro dhomhainn agus ro sgoilearach; feumaidh tu faclair ri d’ thaobh; leugh mi beagan dheth; bhiodh e na b’ fheàrr le notaichean agus faclair aig an deireadh; tha na h-òrain math ach tha a’ bhàrdachd a’ fairtleachadh orm; car son nach eil eadar-theangachadh ann?; tha e seann-fhasanta agus bu chòir dha bhith air nochdadh o chionn fada. Agus mar sin air adhart.

Chan eil teagamh nach eil na h-òrain, a’ mhórchuid dhiubh a’ moladh Barraigh, fonnmhor agus grinn – cluinnear fhathast iad aig céilidhean – ach cha b’ann do mhuinntir Bharraigh a-mhàin a bha Dòmhnall Mac na Ceàrdaich a’ sgrìobhadh. Ged bha a chridhe riamh anns an eilean, bha e mothachail gun robh saoghal mór a-muigh an siud, saoghal anns am faighte beairteas is bochdainne, sòlas is bristeadh-cridhe, gràdh is fuath, creideamh is ana-chreideamh, réite is cog­adh. Agus bha de dh’fhiosrach­adh ’s de dh’innleachd aige na chuireadh ann an deagh Ghàidhlig a bheachdan air cuspairean a bha ga ghluasad, agus air mì­cheartas a bha, ar leis, feumach air leasachadh.

Cha robh fios aig muinntir Bharraigh air an deicheamh cuid de shaothair Dhòmhgain gus an do nochd D.M.N.C. Car son nach robh? An e th’ ann do dh’eilean Caitligeach Bharraigh nostra cul­pa, nostra culpa, nostra maxima culpa, ar coire fhìn, ar coire fhìn, ar mór-choire fhìn? Ma dh’fhaod­te gu bheil sinne ceart cho coir­each ’s a bha na sgoilearan agus buidhnean móra na Gàidhlig – an establishment Ghaidhealach – a chuir an cùl ris agus nach tug dha urad prìne de bhrosnachadh nuair bha e aig àirde a thàlantan. ’S dòcha nach bu chòir iongnadh a bhith oirnn nach eil e air ainm­eachadh am measg sgrìobhad­airean urramach Gàidhlig an fhicheadamh linn. A bheil e airidh air a bhith ’nan lùib? Fàgaidh mi a’ cheist sin acasan a tha nas comasaiche na mise.

Mar tha Lisa Storey ag innse dhuinn anns an Fhacal-Toisich, nochd cuid dhen sgrìobhadh aige ann an irisean beaga eadar na bliadhnachan 1912 agus 1932, bliadhna a bhàis, agus ann an 1954 dh’fhoillsich Gairm dà òran. Cha do thuig sinne uige seo cho fìor ioma-chomasach ’s a bha e. Có sgrìobhadair Gàidhlig eile a chuir a-mach a leithid
de mheasgachadh, agus nach d’fhuair urr­am no meas ach beag air a shon?

A thaobh nam faclan, gnàth­asan-cainnte ’s mar sin a tha Dòmh­gan a’ cleachdadh, tha e doirbh dhòmhsa chreidsinn gun d’fhuair e iad uile ann am Barraigh. (Tha mi fhìn ag aideachadh gum feum mi mo làmh a shìneadh gu Dwelly an-dràst’ ’s a-rithis fhad ’s tha mi a’ leughadh!) Tha Ruair­idh MacThòmais a’ moladh ann am bàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh Mhic an t-Saoir an teeming vocabulary aig a’ bhàrd, agus a’ beachdachadh gun d’fhuair e an fharsaingeachd seo ann an Uibh­ist a-mhàin. Dh’fhaodadh sin a bhith, ach tha amharas agam gun deach leud­achadh a dhèanamh air fiosrachadh Dhòmhgain, anns a h-uile dòigh, thairis air cladach Bharraigh. Chan ann leis a’ chiad
bhuille a thuiteas a’ chraobh.

“Se ’n t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach.” Well, gun teagamh, ach cluinnidh sinn an-diugh cuideachd gum faod an t-ionnsachadh òg cron a dhèanamh, on tha na chaidh dhan cheann òg buailteach air fuir­each ann. Fhuair Dòmhgan, còmhla ri a cho-aoisean òga, oileanachadh dìcheallach anns a’ chreideamh Chaitligeach. Nuair bha e na bu shine mhothaich e gun robh feadhainn timcheall air nach robh cho làidir ann an diadhachd, agus thug sin, còmhla ri móran leughaidh (a’ toirt a-staigh John Stuart Mill), adhbhar dha ath-smaointinn air a shuidh­eachadh fhéin. Nuair a tha e ’g ràdh ann an ‘Litir Dhachaidh’ “chan eil ann an creideamh ach faoineis” tha e furasta dhuinn tighinn gu co-dhùnadh g’eil e fhéin a’ creidsinn seo. Ach tha Lisa Storey ag innse dhuinn gur ann air càch a tha e a-mach, agus mar as motha a dh’ath-leughas tu na faclan, sann as fheàrr a thuig­eas tu gu bheil Lisa ceart. Do Dhòmhgan, ma-tà, ’s dòcha gum b’e ’n t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach.

Cha robh càirdeas-fala riamh eadar cuideachd Dhòmhgain ’s mo dhaoine-sa, ach tha moit orm gun robh cleamhnas ann a thaobh piuthar m’ athar a bhith pòst’ aige. Sann an taigh mo sheanar a bha a’ bhainis. Nuair a phòs Dòmhnall, mac Dhòmhgain, b’e mise am fleasgach. Cuid­eachd bha Calum MacIain, bràth­air mo mhàthar, ag obair còmhla ris ann an Dùn Éideann, agus chithear an dithis aca anns an dealbh aig toiseach an leabhair.

ruairidhpheter@gmail.com