Dhìonadh pàrlamaid shaor ar còraichean gu luath ’s gu h-èifeachdach

Steaphan Macrisnidh

Steaphan Macrisnidh

0
Have your say

’S FHEUDAR gu bheil sluagh na h-Alba dol ga fhàgail aig prasgan de sgoilearan Sasannach á Eton na co-dhùnaidhean as cudrom­aiche a dhèanamh.

Sin a shaoil­eadh tu nan gabh­adh tu ris a’ chuid as motha de na beachdan a tha a’ taomadh ás na meadh­anan. Gu for­tanach, leis an eadar-lìon tha clàir-dhùnaidh na h-uinneige air am fosgladh, agus chì sinn saoghal an iomadach beachd a’ sealltainn nach eil gnothaichean cho dubh is geal ’s a bheireadh iad ort creidsinn.

Nan robh Alba neo-eisimeil­each chan eil fhios agam an toirinn cus feart do phoilitigs, seach a bhith a’ bhòt­adh sna taghaidh­ean as motha. Ach bha mi riamh a’ taobhadh ri saorsa phoilitig­each don dùth­aich, gun sriantan Westminster ga cumail air ais. Tha mi taobh­adh ri saorsa don dùthaich o bhuaidh neo-dhligh­each sam bith aig feadhainn nach eil a’ fuir­each innte.

Tha fèin-riaghladh ann gun teag­amh, ach tha ar rùintean air an cuingealachadh fhathast leis an t-suidh­eachadh a th’ ann. Tha sinn air ar bacadh air sgàth ar staid, agus ’nam bheachd fhèin, air sgàth na Stàite sa bheil sinn. Ma tha miannan agus iarrtasan an t-sluaigh air an cuingealachadh no air am bacadh, tòisichidh iad air càineadh. Chan eil rud sam bith math gu leòr, cuiream­aid sìos air a h-uile sian. Ann an Alba neo-eisimeileach, chan eil rian nach bi sinn a’ càineadh fhathast, tha sin ’nar gnè, ach gheibhear freagairtean nas luaithe o phàrlamaid an Dùn Èid­eann na gheibhear o Westminster.

Chithear eisimpleirean dheth seo bho thaobh na Gaidheal­tachd. Cha bu luaithe a thugadh còraichean seilge air falbh o chroitearan Ratharsair, na thug am ministear Pòl Wheel­house air ais iad air sgàth iomairt a rinn Comann Croitearachd an eilein. An tachradh sin nan robh Westminster an urra riutha fhathast? Chuirinn geall nach tachradh.

Car son ma-tà a dh’fhàgamaid ar còraichean eile aca? Còraich­ean aig muinntir na dùthcha air fad. Tha Westminster a’ leacan­achadh air adhart le a seann mhodhan nach eil freagarrach idir air son an latha a th’ ann no air son Alba. Bidh an luchd-poilitigs a thèid an diùltadh leis an t-sluagh a’ gabhail an suidheachain ann an Taigh nam Morairean. Bidh iad a’ gabhail brath gus ar còraichean a ghabhail air ais a h-uile cothrom a gheibh iad. Chan eil iadsan cunntach air son càil a nì iad, ’s fheàirrdte cuidhteas iad, agus se bhòtadh air son neo-eis­imeileachd ar pàrlamaid an Dùn Èideann an dòigh as fheàrr.

• Buinidh Steaphan MacRisnidh do Dhùn Dèagh. Tha e a’ teagasg Beurla ’s Gàidhlig do dh’inbhich agus ag obair mar sgrìobhadair.

Back to the top of the page