Cuimhneachan - Bàrdachd is Òrain a’ Chiad Chogaidh

Niall D�mhnallach, Gr�inetobht, Uibhist a' Tuath
Niall D�mhnallach, Gr�inetobht, Uibhist a' Tuath
Share this article
0
Have your say

Bha Niall Dòmhnallach, Niall a’ Ghobha, à Grèinetobht, Uibhist a’ Tuath air cosnadh a dhèanamh dha fhèin mar thàilleir air tìr-mòr nuair a thòisich a’ Chiad Chogadh ann an 1914.

Chaidh a thogail dhan arm agus chaidh a leòn aig Blàr an Somme ann an 1916 nuair a thàinig e fhèin agus a’ bhuidheann anns an robh e fo ionnsaigh shligean Gearmailteach. Chaill e trì corragan agus as dèidh ùine san ospadal chaidh a chur dhachaidh. Bhiodh e do-dhèanta do Niall tilleadh gu obair mar thàilleir agus chuir e an còrr dha bheatha seachad a’ croitearachd ann an Uibhist.

Tha sgeulachd Nèill coltach ri iomadh sgeulachd a dh’ fhàg a’ Chiad Chogadh againn mar dhìleab agus tha mòran dhiubh a tha gu math nas brònaiche agus nas cràitiche oir b’ e seo an cogadh anns an do chaill timcheall air ochd millean neach am beatha.

Rinn Niall Dòmhnallach an t-òran, ‘S ann Fada Mu Thuath’ mu na chunnaic agus na dh’fhiosraich e anns a’ Chogadh Mhòr agus tha e a-measg an taghadh de dh’òrain agus bàrdachd Ghàidhlig mun Chiad Chogadh a chithear ann an sreath ùr, Cuimhneachan, air BBC ALBA. A’ seinn nan òran tha na sàr-sheinneadairean Gàidhlig: Art MacCarmaig, Murchadh Dòmhnallach, Linda NicLeòid agus Raibeart MacDhonnchaidh le taic bhon luchd-ciùil cliùiteach Ingrid NicEanraig, Aonghas MacNeacail agus Innes White.

Tha an t-sreath stèidhichte air a’ chruinneachadh òrain is bàrdachd a rinn Jo NicDhòmhnaill agus am BhBC agus a chaidh fhoillseachadh le Acair san leabhar ‘Cuimhneachan’ an uiridh.

Tha iomadh sealladh air a’ chogadh a’ nochdadh tron bhàrdachd ‘s a’ chruinneachadh sin agus san t-sreath ùr TBh. Tha fèin-fhiosrachadh shaighdearan mar Niall a chaidh a shabaid agus a thill. Tha cunntasan ann cuideachd air cuid nach do thill.

Gheibhear sealladh air buaidh a’ chogaidh aig an taigh air Ghàidhealtachd is anns na h-eileanan le teaghlaichean agus càirdean a’ feitheamh fios mu dhroch naidheachd agus aig a’ cheart àm a’ feuchainn ri rian a chumail air dachaigh, fearann agus beòshlaint. Ann an Leòdhas aig Àm a’ Chogaidh tha Murchadh MacLeòid a’ toirt dhuinn dealbh air sgìrean a tha, cha mhòr, air seacadh:

Chan fhaic thu càil ann ach mnathan laga

’S bodaich chrom agus clann na sgoile,

’S gach aon a’ caoidh dhiubh o dh’fhalbh na curaidh

’S fios is cinnt ac’ nach till iad uile.

Ann an cogadh a bha cho fuilteach ‘s a bha a’ Chiad Chogadh chan eil seachnadh air call de gach seòrsa, aig muir a thuilleadh air tìr. Aig Blàr Jutland far cost na Danmhairg chaill Leòdhas naoi duine deug air an aon latha, triùir dhiubh sin à Tolastadh bho Thuath.

B’ e aon dhiubh Seonaidh MacLeòid, Seonaidh Choinnich, a chaidh sìos leis an HMS Invincible. Dh’ fhàg e banntrach, Mairead, agus triùir chloinne as a dhèidh. Ged a rinn Mairead òran, An Leave Mu Dheireadh, an dèidh na tubaist, cleas iomadh fear agus tè a dh’fhiosraich call agus bròn ri linn a’ chogaidh cha bhiodh i a’ bruidhinn air uair sam bith. B’ ann bliadhnaichean as a dhèidh a fhuair an nighean aice faclan an òrain bhuaipe. Tha Mairead a’ ràdh:

‘Nuair bhios càch nan cadal

Cha bhi mise na mo thàmh,

D’ uaigh is i cho fada bhuam

‘S nach stad mi anns an àit’.

Dhaibhsan a thill dhachaidh bha faochadh ri fhaighinn bho bheatha chruaidh, shalach, àmhghaireach nan trainnsichean. Ach uaireannan cha b’ e an fhàilte bu bhlàithe a gheibheadh iad. Anns an òran ‘Illean na Biodh Oirbhse Smalan’ tha Seonaidh Caimbeul à Ùige san Eilean Sgitheanach a’ cronachadh cuid sa choimhearsnachd a tha càineadh na gillean a thill airson a bhidh dol a-mach a ghabhail drama neo dhà ann am Port Rìgh. Tha Seonaidh a’ ràdh nam biodh tuigse aca-san air a’ chruadal a dh’fhuiling na balaich nach bu chòir e bhith na iongnadh dhaibh gum biodh iad airson balgam a ghabhail an-dràsta ‘s a-rithist.

Bha call na h-Iolaire air là na Bliadhn’ Ùire, 1919, nuair a chaill còrr air dà cheud neach am beatha air Biastan Thuilm faisg air Steòrnabhagh, a mhòr-chuid dhiubh a’ tilleadh dhachaidh as dèidh crìoch a’ chogaidh, na bhuille chruaidh do Leòdhas agus na Hearadh. Bha an call buileach trom air aon teaghlach ann an Nis. Sgrìobh Iain Caimbeul, à Tàbost, Marbhrann (Òran don Iolaire) as dèidh dha a bhràthair Ailig John a bheatha a chall air an Iolaire. Bha dithis bhràithrean eile air am beatha a chall roimhe anns a’ chogadh agus cha d’ fhuaireadh corp Ailig John a-riamh:

S ann siud bha sealladh bu chianail a bhith gan iadhadh suas gu tràigh,

An tràigh nach tèid an dìochuimhn’ dhomh gu sìorraidh ri mo là,

Mi fhèin a’ falbh gad iarraidh ’s mi sileadh sìos gu làr

Ach, Ò, Ailig, cha robh sgeul ort, a-muigh ri cliathaich caladh tàmh.

Anns na bliadhnaichean as dèidh a’ Chogaidh Mhòir bha mòran de na bàird a’ caoidh an call a’ bha na lùib. Bha leithid Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bard Mhealaboist, cuideachd a’ ceasnachadh san fharsaingeachd air dè cho feumail sa tha cogadh.

Agus ann an òran nas pearsanta, Ruaraidh Iain Thàilleir , aig àm nuair a bha an Cogadh Fuar aig àirde, tha Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig, a’ meòrachadh air cogadh agus sìth agus a’ cuimhneachadh air an seanair a chaidh a leòn ‘s a Chiad Chogadh.

Cuimhneachan, BBC ALBA, Diluain 15 Gearran, 8.30f. Chaidh an t-sreath a riochdachadh le BBC Gàidhlig. Cuimhneachan / Remembrance, a new series on the Gaelic poetry and song of WW1 on BBC ALBA from Monday 15 February at 8.30pm.