Cosgais pharsailean: an sgainneal a’ leantainn leantainneach nan

Rannsachadh: Angela Murphy, manaidsear CAS ann am Port Righ
Rannsachadh: Angela Murphy, manaidsear CAS ann am Port Righ
Share this article
0
Have your say

THA Citizens’ Advice Scotland (CAS) air rannsachadh ùr fhoillseachadh a tha sealltainn an uall­aich a tha tuiteam air gnìomh­achasan ’s companaidhean ann an sgìrean iomallach na h-Alba ri linn chosgaisean lìbhrigidh.

Bha iad air rannsachadh a dhèanamh a-cheana, a dh’fhoill­sich iad ann an 2012, air na prìs­ean àrda a dh’fheumadh luchd ceannaich a phàigheadh air son nithean fhaighinn air an lìbhrigeadh, ’s tha an rannsachadh ùr a’ sealltainn gu bheil na cosgais­ean sin cuideachd a’ toirt droch bhuaidh air companaidhean ann an sgìrean mar a’ Ghaidhealt­achd ’s na h-Eileanan. Dh’fhaod­adh suas ri 15,000 gnothachas ann an Alba a bhith a’ fulang.

De na companaidhean a fhreagair an ceisteachan aig CAS, thuirt naoi ás gach deich gun robh aca ri cosgaisean lìbhrigidh nas àirde a phàigh­eadh air sgàth ’s far an robh iad stèidhichte. Thuirt Alasdair Màrtainn, fear-gnothachais ás an Eilean Sgith­ean­ach aig a bheil an compan­aidh foillseachaidh Taigh nan Teud: “Tha e a’ toirt buaidh air an obair againn, feumaidh sinn rud­eigin a dhèanamh mu dheidh­inn. Bha againn ri seòladh air tir-mòr fhaighinn agus rudan mar sin feuch am faigheadh sinn cuid a stuth. A bharrachd air Taigh nan Teud, tha taigh againn air mhàl far am bi luchd-turais a’ fuireach, agus stuth a bha mi a’ ceannach air son sin, cha robh e cho furasta fhaighinn.

“Nuair a tha sinn fhìn a’ cur leabhraichean air falbh sa phost, tha sinn a’ cleachdadh a’ Mhèile Rìoghail, dh’fheuch sinn TNT ach cha robh iad gu feum, bha iad ro shlaodach. Ach tha e cuid­eachd a’ cur beagan eagail orm mar a tha am Mèile Rìoghail air a dhol prìobhaideach. Oir tha na prìsean air son litrichean air a dhol an àirde gu mòr, agus ’s dòcha gum bi na parsailean cuid­eachd. Tha na companaidhean lìbhrigidh dìreach a’ faicinn ‘An t-Eilean Sgitheanach’ agus a’ cur nam prìsean aca an àirde, ach tha na companaidhean lìbhrigidh ionadail a’ tighinn gu na h-eil­eanan co-dhiù, chan eil e a’ dèanamh ciall.”

Thuirt Alasdair Allan, BPA bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air son nan Eilean Siar: “Bho thùs tha cnapan-starra air a bhith ann ro ghnìomhachasan sna sgìrean iomallach, ’s gu sònraichte anns na h-eileanan. Tha buidhnean mar HIE ag obair le gnìomhachasan gus seo a chur ceart. Cuideachd, tha an riagh­altas a’ cur mu cheud millean not a-steach do sheirbheisean aiseig anns na h-eileanan gach bliadhna. Ach fhathast tha compan­aidhean nàiseanta bathair, mar eisimpleir, a’ cur cìsean air pars­ailean a tha dol gu na h-eileanan, rudeigin a bhios mise a’ gearan mu dheidhinn gu tric.

“Tha a leithid ag obair an aghaidh chompanaidhean sna sgìrean iomallach, dìreach mar a tha na planaichean gus a’ chuid as motha den Phost Rìoghail a reic dhan roinn prìobhaideach.”

A rèir aon chompanaidh á Sasainn a tha a’ reic gheamannan bùird, dh’iarr iad prìsean air son cosgaisean lìbhrigidh bho aon chompanaidh ’s bha diofar £20 ann cha mhòr eadar a’ chosgais air son parsail (suas gu 30kg) a chur gu seòladh sa chòrr de Bhreatainn (£4.65) a ruigeadh an seòladh an ath latha, agus a’ chosgais air son na Gaidheal­tachd ’s nan Eileanan, Èirinn a-Tuath, Eilean Mhanainn, Eileanan Scilly agus Eileanan Caolas Shasainn (£24).

Fiù ’s le Parcelforce, tha cosg­ais­ean lìbhrigidh a bharr­achd ann air son sgìrean mar a’ Ghaidh­ealtachd ’s na h-Eileanan ma tha cùmhnant aig compan­aidh le Parcelforce, rud a tha fìor air son iomadach companaidh a tha cur tòrr stuth don phost, oir tha e nas saoire dhaibh san fhars­aingeachd ma tha cùmhnant aca.

Tha seo uile air buaidh a thoirt air companaidhean agus gnìomh­achasan ann an Alba. Thuirt am Manaidsear Poileasaidh aig CAS, Keith Dryburgh: “Tha an aithisg againn ga dhèanamh follaiseach gu bheil gnothachasan a’ fair­eachdainn gu bheil na cosgais­ean mì-chothromach seo a’ gearradh pìos mòr bhon phrothaid aca. Bha aig tòrr dhaoine an gnothachas aca atharrachadh, tuarastalan a ghearradh neo daoine a chur a-mach á obair, agus bheir sin uile buaidh air an econamaidh ionadail – gu h-àr­aidh ann an sgìrean dùthchail.”

Tha CAS a’ moladh gum bu chòir do chompanaidhean a tha reic stuth cothrom a thoirt do dhaoine am Mèile Rìoghail a roghnachadh mar dhòigh lìbhrigidh. Mura h-urrainn do chompanaidh seo a dhèanamh, bu chòir dhaibh innse gu soilleir car son nach urrainn dhaibh am Mèile Rìoghail a chleachdadh. Cuideachd tha CAS a’ moladh nach bu chòir do chompanaidh­ean a bhith ag iarraidh prìs àrd air son nithean a lìbhrigeadh a tha stèidhte air dè an còd-puist a th’ agad, gun mhìneachadh air car son a tha na prìsean sin.

Tha cuid a dhaoine a-nis ag iarraidh gun tèid na compan­aidh­ean lìbhrigidh aig a bheil na prìsean as àirde ainmeachadh gu poblach.