Coimhearsnachd eileanach air a sgoltadh le muilnean-gaoithe

0
Have your say

An rud bu mhotha bh’ air bàrr theangan Tiristeach an uair a thadh­ail mi air an eilean an-uiridh b’e na muilnean-gaoithe. Na ceudan dhiubh.

Bho chionn trì bliadhna, cha mhòr, tha Scottish Power Renewables air a bhith ag amas air achadh-mara mòr de mhuil­nean-gaoithe a thogail sa mhuir an iar-dheas air an eilean. Ann am plana an luchd-leasachaidh tha làrach mu 361 km2, tè den fheadh­ainn as motha san Roinn Eòrpa, a chruinnicheas eadar 500 agus 1800 MW de chumh­achd glan: gu leòr gus na feumalachd­an aig 270,000 gu 1,000,000 taigh a shàsachadh. Agus chaidh dreuchdan ùra a ghealltainn do mhuinntir an eilein.

Ach tha am pròiseact air beag­an de sgaradh adhbharachadh anns a’ choimhearsnachd. Tha Robert Trifle, 67, fada an aghaidh leasachadh mòr den t-seòrsa, gu h-àraidh nuair a bhios an t-achadh-mara cho mòr agus cho faisg air eilean a rùin – “ro mhòr, ro fhaisg”, sna faclan aige fhèin.

Ghluais Robert a Thiriodh ann an 2005 as dèidh dha bhith tighinn dhan eilean gach bliadhna fad fichead bliadhna, ’s tha e air son an t-eilean a ghlèidheadh mar a tha e. Thòisich e a’ bhuidh­eann “No Tiree Array” (NTA) gus dùbhlan a thoirt don phròiseact, ’s chunnaic mi na h-amasan aca air sanasan mòra fhad ’s a bha mi a’ gabhail cuairt timcheall.

Tha dragh aig Robert gun dean­adh am pròiseact cron uabh­asach air coltas na h-àrainneachd nàdarra, air beathaichean-mara na sgìre (mar an cearban-grèine), air eòin na mara (mar am muir-bhuachaille), air tur­asachd, air iasg­ach – fiùs air croitearachd ’s air an aimsir. Agus tha dragh eile aige – nach fhaigheadh muinntir an eil­ein cus buannachd ás a’ phròis­eact.

A rèir Robert, bu chòir do na Tiristich gnìomhachas na turasachd a leasachadh an àite cumhachd ath-nuadhachail. Tha e cuid­eachd a’ moladh “Tiree” a bhros­nachadh mar “sàr-ainm” air son biadh na mara ’s feòil bhon eil­ean, a’ samhlachadh deagh ghnè do luchd-ceannaich air feadh an t-saoghail. Bha Robert agus buill na buidhne toilichte an uair a chaidh dàil bliadhna a chur anns a’ phròiseact aig deireadh 2012.

Bidh iad an dòchas gur e samh­la a th’ ann nach faicear na muil­nean-gaoithe seo idir. Ach tha fear air an eilean mar-thà, nach eil ’na chùis chonnspaid­each, agus a tha a’ toirt buann­achdan don choimhearsnachd gun teagamh sam bith. Sann le Urras Choimhearsnachd Thir­iodh, a thòisich ann an 2006, a tha e, ’s e air a ruith le Tiree Renewable Energy Ltd fo smachd an Urrais. Gheibh pròiseactan ionadail na coimhearsnachd airgead maoin­eachaidh le prothaid sam bith a nì an iomairt seo.

A bharrachd air a’ mhuileann-gaoithe, tha an t-Urras air buann­achd mhath thoirt don choimh­earsnachd le bhith brosnachadh ceangal èifeachdach luath ris an eadar-lìon. An-diugh, as dèidh ceithir bliadhna, seo fear de na sgeamaichean ionadail eadar-lìn as motha ’s as soirbheachail ann an Alba. Fianais gu bheil e com­as­ach leasachadh a nì diofar a dhèanamh gun aimhreit gun ùpraid. Se tìde a dh’innseas dè cho furasta ’s a bhitheas e an aon rud a dhèanamh ann an Tiriodh a-rithist san àm ri teachd.

Back to the top of the page