Cò bhàth Art MacCormaig?

Share this article
0
Have your say

THA sreath phrògraman air BBC Alba a tha toirt ugainn òrain le bàird air a bheil an sluagh measail. Chan eil ann nas fheàrr na Dòmhnall Ruadh Chorùna, Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich agus Iain MacNeacail, esan le Nach bòidheach Ùige.

Is toigh leam a’ bhàrdachd agus na fuinn, ach tha corra rud nach eil a’ tighinn ri m’ chàil.

Saoilidh mi nach eil seinneadair ann aig a bheil guth cho soilleir tlachdmhor ri Art MacCormaig, a choisinn am bonn òir ann an Tobar na Màthar ann an 1963 ’s gun e ach ochd bliadhn’ deug. Gu mì-fhortanach tha a ghuth air a mhùchadh leis na tha de chluicheadairean a’ cur taic ris. Tha barrachd air “inneal ciùil nan teuda deich agus an saltair” air a chùlaibh. Tha còig neo sia ionnsramaidean a’ deanamh an dìchill gus a chur fodha. Tha mi smaoineachadh gun do lorg mi bogsa, duiseal, meur-chlàr, ionnsramaid bualaidh (percussion) agus beus dùbailte, agus gach neach a’ cluich le faram. Fòghnaidh na dh’fhòghnas! Chanainn gum biodh aonan gu leòr.

Rud eile, saoilidh mi gu bheil e ciallach òran mar A Pheigi a Ghràidh a bhith air a sheinn le fireannach. Mar an ceudna cha toigh leam An Eala Bhàn aig Dòmhnall Ruadh air a sheinn le boireannach.

A dh’aindeoin sin, tha na prògraman inntinneach, le seinneadairean cliùiteach mar Ruairidh Caimbeul, Anna Mhàrtainn, Mairead Stiùbhart agus Murdigan Dòmhnallach ri’n cluinntinn. Se ath-aithris a tha annta, ach is math as fhiach iad èisteachd riutha a-rithist.

Chòrd Òran na Cloiche le Bàrd Phàislig, air a sheinn le Kathleen NicAonghais, rium gu mòr.