Cha robh dearcagan riamh cho pailt

Share this article
0
Have your say

Nuair a bha mi beag bhiomaid a’ dol gu cùl na beinne gu Creag Bhatramaig far an robh smeuran, no brambles, a’ fàs am measg phreasan eile. Bha sinn gan cruinneachadh son gun deanadh mo mhàthair slaman-milis neo jelly.

Cha robh e furasta an togail oir bha drisean a dheanadh cron air corragan timcheall orra. Bha e ’na bhuaireadh na dearcagan a stobadh ’na mo bheul an àite dhan chuinneig.

Am-bliadhna an dèidh geamh­radh tlàth agus samhradh tior­am cha robh dearcagan riamh cho lìonmhor air feadh Alba. Tha tuathanaich a tha a’ togail sùbhan-craoibh neo raspberries air leth toilichte. Anns na deich bliadhna mu dheireadh tha àir­eamh nam maoth-mheasan seo a thatar a’ togail air èirigh 300 ás a’ cheud le bhith brideachadh seòrsachan ùra. Thuirt Dàibhidh Steaphan á Inbhir Uraidh a tha a’ reic nan tunnaichean de shubh­an-craoibh, “Cha robh iad riamh cho pailt agus cho blasta. Cha tàinig reothadh as t-earrach ’s air sgàth sin bha seilleanan a’ gluas­ad poilean feadh nam measan.”

Is iad sùbhan-craoibh agus sùbhan-làir neo strawberries na measan as cumanta. Bidh iad air an togail ann an Sgìr Aonghais agus Siorrachd Pheairt ann am pailteas, agus anns na Crìochan.Air feadh Alba gheibhear dearc­agan eile mar gròiseidean (goose­berries), dearcagan dubha (blackcurrants), dearcagan dearga (redcurrants), crainnseagan (bilberries) agus smeuran loganach
(loganberries).

Chan eil Alba gann de dhearcagan agus tha lighichean ag iarraidh oirnn a bhith gan ithe, oir tha mòran dhiubh làn de antioxidants a chuireas stad air crìonadh air na ceallan a tha ’nar bodhaigean.

Ge dubh an dearcag, ’s milis i.