Ceanglaichean Tiristeach

The CalMac ferry approaching Scarinish Pier, Tiree.

The CalMac ferry approaching Scarinish Pier, Tiree.

0
Have your say

GED a tha Tiriodh air fear de na h-eileanan a-staigh, se as fhaide siar dhiubh, ’s e còrr agus 50 mìle bhon Òban – turas mara mu cheithir uairean a thìde.

A thaobh seirbheisean adhair, canar gu bheil Tiriodh nas goir­easaiche na a nàbaidhean. Tha dà chompanaidh, Flybe agus Hebridean Air Services, a’ frithealadh trì puirt-adhair bho Thiriodh – Cola, an t-Òban agus Glaschu.

An t-seirbheis-chlàraichte as cudromaiche, no co-dhiù an tè as motha a thaobh àireamh luchd-cleachdaidh, se an turas aig Flybe eadar Tiriodh agus Glaschu, a bhios a’ ruith gach latha fad na bliadhna ach air an t-Sàbaid. Tha fhios agam gu bheil beagan farmaid air cuid de na Colaich an ath dhoras, agus is cinnteach air cuid de na Muilich cuideachd, mu dheidhinn seo. Ach coltach ris na Colaich, tha na Tiristich
a’ faicinn buannachd mhòr san
t-seirbheis eadar an t-eilean ’s an t-Òban, a tha a’ cur tur­as-latha dhan bhaile ’nan comas. B’ e sgrìob dhan fhiaclair fear de na h-adhbharan a chuala mi gu bheil an t-slighe-adhair seo cho feumail. Tha i ga cleachdadh gu math tric, oir tha i feum­ail do dh’eileanaich san obair aca cuid­eachd.

Chan eil Sophie NicÌosaig, 22, air an t-seirbheis dhan Òban a chleachdadh ach nuair a bhiodh i coinneachadh ri daoine air tir-mòr son an obair aice mar Oifigear Òigridh an eilein. Bidh i cleachdadh na seirbheis a Ghlaschu nas trice ge-tà, gu sònraichte ’na beatha shòisealta. Bhiodh i cuideachd ga cleachdadh gus faighinn dhachaigh nuair a bha i ’na h-oileanach ann an Glaschu fad bliadhna. Ged nach eil na seirbheisean adhair fon sgeama “Air Discount” aig Riaghaltas na h-Alba gu ruige seo, chan eil cus adhbhair aice gearan mu phrìs­ean nan seirbheisean, leis cho
reusanta ’s a tha iad. Chan eil i air barrachd na £120 a phàigheadh gus faighinn sìos a Ghlaschu ’s air ais le Flybe – figear nach creid­eadh cuid de luchd-siubhail nan Eil­ean Siar.

B’ fheàrr le Sophie itealan seach bàta nan gabhadh a chur air dòigh, air sgàth ùine agus cosgaisean an lùib a bhith tilleadh – nuair a dh’fheumar oidhche a chosg ann an taigh-òsta san Òban air an t-slighe, mar eisim­pleir. Ach a thaobh sheirbheisan aiseig, mar tòrr daoine ris an do bhruidhinn mi, tha Sophie gu ìre mhath toilichte le seirbheisean ChalMac, ach gum b’ fheàrr leatha an t-seirbheis a bha ruith eadar Tiriodh agus Muile fhaic­inn air a toirt air ais. Se iarrtas
cumanta tha seo ann an Tiriodh, ’s chuala mi tric e ann an Cola cuideachd. Tha Sophie den bheachd gun dèanadh an t-slighe-mara seo co-obrachadh le Oifigear Òigridh Muile, agus a leithid ann an Cola, na b’ fhasa. Dhèanadh seo na cosgaisean aca uile na bu shaoire – gus oideachan a thoirt air turas mun cuairt nan eileanan a-staigh, mar eisim­pleir, bhiodh e tòrr na b’ fheàrr na trì tursan fa leth.

Bu toigh le Fiona NicPhàil, 42, an ceangal seo fhaicinn a-rithist cuideachd, agus clàr-ama a dhèan­adh turas a Chola na b’ fhasa do Thiristich, turas nach eil furasta mar a tha clàir-ama an-dràsta. Sann á Tiriodh a bha pàrantan Fiona agus bhiodh an teaghlach a’ toirt gach samhradh de bhliadhnachan a h-òige air an eilean. Ghluais Fiona dhan eilean o chionn ochd bliadhna as dèidh dhi a bhith ag obair ann an Lunnainn ’s a bhith a’ siubhal tric, agus ged a bha i riamh ag amas air tilleadh, fhathast is fheàrr leatha faighinn far an eilein co-dhiù còig no sia tursan anns a’ bhliadhna. Sann gus faochadh fhaighinn bho bhith fuireach “air an iomall” a tha seo, ach uaireannan bidh e doirbh nuair nach eil an aimsir cho math. Se nàdar as coireach ri seo, ’s cha chuireadh Fiona coire air muinn­tir Chalmac no Flybe aig àm sam bith. Bidh iad ag obair gu math cruaidh ’na beachd-sa.

’Na h-obair làitheil, tha Fiona ’na manaidsear aig taigh-òsta Sgairinis. Leis an aid seo oirre, b’ fheàrr leatha barrachd sheirbh­eisean còmhdhail fhaicinn tron t-samhradh gus an àireamh de luchd-turais a thogail, gu h-àr­aidh air sgàth uaireannan nach bi e comasach do dh’aoighean tighinn air sgàth cion rùm air a’ bhàta ’s air an itealan. Bu toigh leatha gun leasaich an Riaghaltas an sgeama “Air Discount” do dh’Eilean Thiriodh, chan ann dìr­each air sgàth ’s gun lùghd­aicheadh e prìsean-adhair do na h-eileanaich ach cuideachd gur dòcha gum brosnaicheadh e itealain nas motha air an t-slighe adhair – rud as dòcha a thàlaidh­eadh barrachd luchd-turais, agus an t-airgead aca, don eilean iom­all­ach seo.

Back to the top of the page