Briathran m’ athar air an àrd-ùrlar

Iomair thusa: Aonghas P�draig Caimbeul a' toirt sm�id �s na r�imh ann an In My Father's Words Picture: Contributed

Iomair thusa: Aonghas P�draig Caimbeul a' toirt sm�id �s na r�imh ann an In My Father's Words Picture: Contributed

Share this article
1
Have your say

Tha aon chothrom eil’ ann a-nochd In My Father’s Words – dealbh-chluich inntinneach mu chànain ’s mu fhéin-aithne – a ghlacadh aig an Dundee Rep Theatre mus falbh e air chuairt mun Ghaidhealtachd.

Tha e a’ gabhail àite ri taobh loch ann an Canada. Tha Louis (Lewis Howden á Dùn Éideann), a tha ’na ollamh oilthighe, a’ strì ri athair, Don (Aonghas Pàdraig Caimbeul). Tha dementia air Don, agus tha e a’ bruidhinn cànain nach eil Louis a’ tuigsinn.

Tha Louis a’ fastadh té Flora (Muireann Kelly á Éirinn) gu bhith a’ coimhead as a dhéidh. Sann á Alba bha màthair Flora, ’s tha i ag aithneachadh gur e Gàidhlig a tha Don a’ bruidhinn. Tha seo a’ fosgladh suas saoghal de dh’fhaireachdainnean aig an triùir a thaobh có iad gu pearsanta agus dé as dùthchas dhaibh.

Chaidh In My Father’s Words a sgrìobhadh le Justin Young (Beurla) agus Iain F MacLeòid (Gàidhlig), ’s tha e ga stiùireadh le Philip Howard. Tha MacLeòid a’ mìneachadh: “Tha deagh chuid Gàidhlig ann. Tha i air a fighe
a-staigh, gu h-àraidh anns na sgeulachd­an mu na làithean a dh’fhalbh. Bha mi fhìn agus Justin, neo mi fhìn agus Aonghas Phàdraig, ag obair còmhla air an sgriobt. Bha Justin gu math fosgailte. Tha rudan ann a tha gu math coltach ri beatha mo 
sheanair a dh’fhalbh a Chanada!

“Tha fo-thiotalan ann ach chan ann man a tha iad air an
teilidh. Tha iad a’ tighinn suas ’s a’ falbh, ’s a’ nochdadh mór neo beag ann an diofar àiteachan.”

Gabhaidh In My Father’s Words fhaicinn aig Eden Court (Inbhir Nis) 14mh/15mh Iuchar, Àrd Rois 16mh, Baile Mhanaich 18mh, an Ceann a-Deas 19mh, SMO 22ra, Ulapul 24mh, agus An Lanntair 25mh/26mh.

Back to the top of the page