Boinne ann am beul na gaoithe

Share this article
0
Have your say

Tha còmhraidhean gan cumail fhathast aig na Dùthchannan Aonaichte gus toirt air Siria na h-armachdan ceimigeach aice a thoirt thairis.

Am measg an luchd-teagaisg a chaidh fhastadh le Comhairle nan Eilean Siar am-bliadhna, chan eil ach aon le Gàidhlig.
’S fheudar nach cuala iad gu bheil foghlam Gàidhlig a’ fàs.

• BIDH nobhail ùr, An Nighean air an Aiseag le Aonghas Pàdraig Caimbeul, air fhoillseachadh nas fhaide dhen mhìos seo ann an dà chruth, Gàidhlig agus Beurla.

• Thuirt Riaghaltas Westminster gum bi am Mèile Rìoghail air a reic an ceann beagan sheachdainean. Tha móran ag ràdh gun téid prìsean suas, gum bi dreuchdan air an call, ’s gun téid seirbheisean ann an sgìrean dùthchail nas miosa.

• Chosg Mark Stiùbhart, 44, á Fìobh, mu £20,000 a’ dìon an taigh aige sa Cheannmhor bho Chomhairle Pheairt ’s Cheann Rois. Bha am mullach 5 òirlich na b’ àirde na bha iad ag iarraidh.

• Thuirt am BPE Seòras Lyon gum bu chòir dhan Riaghaltas airgead na Gàidhlig a thoirt a-mhàin do sgìrean far a bheil dualchas Gàidhlig ann. Cha tuirt e có na sgìrean a bha ’na inntinn.

• Bhuannaich Dùn Éideann an cùmhnant air son Ionad Nàiseanta Dèanadas Spòrs fhaighinn. Théid fhosgladh aig Riccarton Campus, Oilthigh Heriot Watt, ann an 2016.