Boinne ann am beul na gaoithe

0
Have your say

Gheall Dàibhidh Camshron reifreann an déidh an Taghaidh Choitchinn air co-dhiù bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte fuireach san Aonadh Eòrpach. Tha seo a’ cur àite na h-Alba san Roinn Eòrpa ann an teagamh.

•Thuirt am Prionnsa Harry gun do mharbh e ceathairnich Thalebanach fhad ’s a bha e an ceann a chosnaidh ann an Afghanastan. Cha do dh’innis e cia mheud duine a mharbh e.

• bhuail Andaidh Moireach Roger Federer gu bhith ann an cuairt dheireannach Farpais Mhór Astràilia, agus cluichidh e Novak Djokovic Di-Dòmhnaich.

• Faodaidh boireannaich sabaid a-nis ’nan saighdearan coise am feachdan armailteach nan Stàitean Aonaichte.

• Chaith Comhairle Ghlaschu £100,000 ag iarraidh air ailtirean tùs-dhealbhan air son Ceàrnaig Dheòrsa a chur thuca, ach cha do thagh iad gin air a’ cheann thall. Thuirt ceannard na Comhairle gum b’e pròiseas riatanach a bh’ ann a bha aca ri dhèanamh.

• Thug comhachag-mhór ionnsaigh air fear ann an Inbhir Nis. Chaidh Iain MacAoidh, 58, a leagail le buille ri cùl a chinn a dh’fhàg e ’na shìneadh agus a’ sileadh fala. Chaidh a thoirt chun an ospadail. Bidh a’ Chomhairle a’ fastadh eòin chreachaidh gu bhith cur ás do dh’fhaoileagan.

• nochd soidhne ann an leabharlann Manly, Sydney, ag ràdh gum biodh leabhraichean mu Lance Armstrong air an gluasad bho roinn “Fìrinn” gu “Uirsgeul”. Fealla-dhà a bh’ ann.

Back to the top of the page