Blàr nam Bonnach anns an Duiteis

Le Brand, cl�, tha 'n Geal nas fhe�rr; le Brysbaert, sa mheadhan, tha cus ga dh�anamh dheth; ach lorg Belsack, deas, nach aidich duine gum faod p�ipear-naidheachd ath-leasachadh a sti�ireadh
Le Brand, cl�, tha 'n Geal nas fhe�rr; le Brysbaert, sa mheadhan, tha cus ga dh�anamh dheth; ach lorg Belsack, deas, nach aidich duine gum faod p�ipear-naidheachd ath-leasachadh a sti�ireadh
Share this article
0
Have your say

Chan ann an Alba a-mhàin a tha deasaichean agus sgrìobh­adairean a’ diùltadh gabhail ri riaghailtean oifigeil litreachaidh nach eil a’ coimhead ciallach dhaibh anns an obair aca.

Ge-tà, tha e doirbh smuain­eachadh air eisimpleir far a bheil an deasbad ga chur an céill cho fosgailte ’s cho cruaidh ’s a tha e sna dùthchannan Duiteach, an Òlaind, a’ Bheilg agus Surinam. Tha na molaidhean oifigeil air am foillseachadh, chan ann ann am beagan duilleagan anns a bheil na prionnsabalan loma air an toirt seachad le corra eisim­pleir ’nan cois, ach ’nan liosta coileanta ann an leabhar mìle duilleag, Het Groene Boekje (“An Leabhran, no Leabhar-Làimhe, Uaine”). Ma tha ceist agad ciamar a litricheas tu facal, faodaidh tu a bhith cinnteach gum faigh thu san leabhar e, air neo air làrach-lìn na buidhne eadar-nàiseanta air a bheil uallach oifigeil son na Duiteis, De Nederlands Taalunie.

Nas cudromaiche buileach, is dòcha, tha molaidhean an fheadh­ainn a tha ’na aghaidh a-cheart cho furasta an lorg. Tha a’ chuid as motha de phàipearan-naidh­eachd móra san Òlaind, cho math ri foillsichearan móra eadar-nàiseanta leithid Elsevier, air tighinn a-mach le boycott an aghaidh an “litreachaidh uaine” fon bhrataich Platform de Witte Spelling. Tha iad mar aon air gabhail ri leabhar litreachaidh eile, Het Witte Boekje (“An Leabh­ar-Làimhe Geal” anns a bheil
800 duilleag, a chaidh a chur an clò le Genootschap Onze Taal, (“Comann ar Cànain”), buidh­eann shaor-thoileach de luchd-iomairt cànain. Agus mur eil De Witte Spelling (“An Litreachadh Geal”) soilleir gu leòr bhon leabh­ran, tha iad air leabhran a bharrachd, Het Groen-Witte Ver­schillenboekje, fhoillseachadh sa bheil mìneachadh mionaideach air na h-eadar-dhealachaidhean.

Se am fear as motha dhiubh mar a tha iad a’ déiligeadh le n am meadhan ainmearan fillte, leithid a’ bhonnaich ainmeil Dhuitich sin, am pannekoek
(lit­reachadh geal), air neo pannenkoek (uaine). Mar sin se am panne(n)koeken wedstrijd, “farpais nam bonnach”, a tha aig cuid air an deasbad.

Dha companaidhean a tha a’ tigh­inn beò air obair sgrìobh­aidh ’s eadar-theangachaidh tha eòlas mionaideach air an dà dhòigh litreachaidh deatamach. Thathas an dòchas ge-tà gun tig atharrachadh air an litreachadh oifigeil fhathast, gus nach bi ach aon shiostam ann. Thuirt Mich­iel Brand, ceannard TekstMees­ter.nl: “Tha barrachd roghainn­ean agus sùbailteachd anns an lit­reachadh gheal, a tha fada nas ciallaiche ’s nas fhasa thuigsinn. Ach tha fhathast aig gach buidh­eann riaghaltais agus ionad foghlaim ri na riaghailtean uaine a leantainn, oir se an Groene Spelling a tha daingnichte san lagh. Bios e inntinneach ri fhaic­inn dé nì an Taalunie mar fhreag­airt air a’ chàineadh a fhuair iad. Nuair a théid an ath leasachadh fhoillseachadh ann an 2015, an coimh­ead iad a-rithist air cuid de na riaghailtean a thàinig a-steach ann an 2005?”

The e coltach dha Brand gu bheil a’ chuid as motha den deasbad eadar luchd planaidh cànain agus luchd-naidheachd, foillsich­earan agus luchd-iomairt, ged a tha na h-uimhir dhiubh sin anns an Òlaind agus ballrachd 40,000 aig Genootschap Onze Taal. “Tha mì-thlachd mhór am measg pro­feiseantaich cho math ri daoine a tha gabhail cùram orra fhéin mu sgrìobhadh ach cha chreid mi gu bheil beachd aig a’ mhór-shluagh mun ghnothach idir.”

Dh’aontaicheadh an t-Ollamh Marc Brysbaert, Oilthigh Ghent sa Bheilg, le sin. Cho math ri bhith ’na eòlaiche-inntinn le ùidh shònraichte an ceistean cànanach tha esan an sàs gu mór ann an rannsachadh eadar-nàis­eanta Duiteis, De Groote (Inter)Nationaal Onderzoek. “Tha e mu dheidhinn eadar-dhealachaidh­ean beaga eadar faclan nach eil a’ nochdadh ro thric, nach eil gu dìubhras don leughadair àbh­ais­t­each. Bidh mi smuaineachadh uaireannan gu bheil cus ùpraid mun litreachadh cheart dìreach a’ cur daoine air mhì-mhisneachd.”

Gu ruige seo, cha d’fhuair a’ Witte Spelling móran greim sa Bheilg. A réir neach rannsachaidh cànanach Els Belsack, a rinn agallamhan ri deasaichean phàip­earan-nàidh­eachd móra na dùthcha, tha e coltach gu bheil nàdar de dh’fhaiceall no fiùs de mhac­antachd an lùib a’ ghnothaich. “Anns an taobh tuath gabhaidh iad na srianan gun cus iomagain. Ann am Flanndrais, chan abair duine gu fosgailte gum faod pàipear-naidheachd a bhith ’na thùs ath-nuadhachadh cànain.”

Ge b’ e dé cho riaghailteach ’s a tha leasachaidhean litreachaidh, faodaidh cus atharrach­aidh­ean a bhith draghail do dh’oileanaich. Rugadh ’s thogadh tidsear fiosaigs Inge Birnie san Òlaind. “Tha litreachadh na Duiteis air atharrachadh cho tric ’s nach eil duine sam bith cinn­teach dé tha ceart no ceàrr. Nuair a bha mi òg se cadeau agus cadeaux a bh’ againn air tiodhlac no preusant. An uair sin chaidh sin atharrachadh gu kado agus kados agus an uair sin air ais gu cadeau ach cadeaus agus a-rithist air ais gu kado. Tha tòrr dhaoine a-nis troimh-chéile a thaobh
litreachadh!”

Gheibhear comhairle ’s taic air litreachadh aig ionadan sòn­raich­te san Òlaind. Có ris a bu chòir dhuinn bruidhinn air litreachadh no air leughadh ann an Alba?

seoncaimbeul@aol.com