Bidh cuimhne gu bràth air na rinneadh an Rosal

Share this article
0
Have your say

Dh’fhuiling na Gaidhil cruadal an-iochdmhor air sàilleabh nam fuadaichean.

Ann an Cataibh ruaig am bàillidh, Patrick Sellar, teaghlaichean ás an dachaighean agus chaidh iad fhèin ’s an cuid àirneis a shadail a-mach air an t-sitig. Chuir e feadhainn dhe na taigh­ean ’nan teine agus chaidh na daoine bochda a sgiùrsadh air falbh. Chaidh Sellar a dhìteadh, ach fhuair e ás leis.

Chan eil air fhàgail mar chuimhneachain air an àm seo ann an àiteachan mar Sannda agus Solas ach corra làrach taighe agus feannagan taomaidh.

Sann le Comisean na Coilltearachd a tha oighreachd Shrath Nabhair, far an do rinn Sellar am miastadh. Tha 6,356 acair a tha leis an riaghaltas air an cur air a’ mhargaid aig tagraidhean thairis air £1.85 millean. Tha sin air iomagain a chur orrasan aig a bheil fios air eachdraidh nam fuadaichean, oir air an oighreachd tha baile beag Rosail far a bheil na taighean dìreach mar a bha iad nuair a chaidh an leagail.

Gu fortanach, air do Paul Wheelhouse, Ministear na h-Àrainneachd, cluinntinn mun iomagain, chuir e stad air an reic agus a-nis tha fios air nochdadh gun glèidh am Comisean am baile dìreach mar a chaidh fhàgail, agus a bharrachd, le dà cheud gu leth acair timcheall air.

Thuirt Tim Cockerill, manaidsear Comisean na Coilltearachd anns a’ cheann a-tuath, “Obraichidh sinn còmhla ri buidhnean san sgìr a tha air son cuimhne a chumail air mar a thachair.”

Chaidh thu fèin ’s do phàirtidh

An àirde gu bràighe Rosail

Is chuir thu taigh do bhràthar

’Na smàlaibh a-suas ’na lasair.

Back to the top of the page