Bàrdachd “Cogadh a’ Cheusair”: mar thug i guth do dh’fhearg an t-sluaigh

Chaidh dealbh-comhdaich Cuimhneachan a pheantadh le Mairead NicFhearghais a Leodhas
Chaidh dealbh-comhdaich Cuimhneachan a pheantadh le Mairead NicFhearghais a Leodhas
Share this article
0
Have your say

Chan urra dhomh ach Cuimhneachan, Remembrance: Bàrdachd a’ Chiad Chogaidh, Gaelic Poetry of World War One (Acair, £15) a choimeas ris an fhear mu dheireadh den t-seòrs’ a thàinig mo rathad.

Bha Beneath Troubled Skies air a chur air dòigh a réir na bliadhna ris an robh a’ bhàrdachd a’ buntainn – 1914, 1915, et cetera. Dh’fhàg siud a’ bhàrdachd air leth inntinneach ach aig an aon àm bha mi mì-chomhartail, oir bha dàin a bh’ air an dèanamh le daoine a bha anns na trainnsichean measgaichte ri feadhainn nach robh riamh.

Tha ceithir seòrsaichean bhàrd an lùib a leithid: iadsan a bha an uchd a’ bhlàir ’s a chaill am beatha; iadsan a bha an uchd a’ bhlàir ’s a thàrr ás beò; iadsan nach robh an uchd a’ bhlàir ach a dh’fhuiling còmhla ri càch; iadsan nach robh ann mun àm sin idir. Tha Cuimhneachan a’ dèanamh fìor mhath a thaobh an cumail air leth bho chéile, ach an greimich sinn air ùghdarras a’ ghuth.

Tha eadar-dhealachaidhean eil’ ann cuideachd. Lorg deasaichean Beneath Troubled Skies glé bheag de chreideamh ann am bàrdachd Bheurla a’ chogaidh; tha Cuimhneachan loma-làn dheth. Agus rud eile: an Kaiser. Cha leugh thu móran mun Khaiser ann am Beurla ach abair gun tug na bàird Ghàidhlig ròstadh dha. A-rithist ’s a-rithist. An e cruth an ainm as coireach – “kaiser” air fhuaimneachadh “ceusar”, an Donas fhéin? “O, cha b’ fhair’ orm Ceusar a thoirt air a’ bhèist mar ainm,” thuirt Mairead NicLeòid á Tolasta, “Is iomadh crìdh’ rinn e reubadh a bha glè threubhant’ a’ falbh.”

Tha an leabhar ’na dheich earrannan ’s tha cho math dhomh iomradh a thoirt air gach gin.

Se earrann 1 ‘Toiseach a’ Chogaidh’ (ochd pìosan). Tha e buileach eadar-dhealaichte bho earrann 1914 ann am Beneath Troubled Skies. Se th’ againn ach “obh obh seo sinn a-rithist” mar gum bitheadh: cha do lorg mi pròis ach ann an aon phìos ás na h-ochd, ‘Òran Cogadh a’ Cheusar’ le Gilleasbaig MacAmhlaigh á Uibhist a-Deas. “Gach rèisimeid ainmeil a bha ’n Gàidhealtachd Alba / Bu shunndach a dh’fhalbh iad le ’n armachd gu blàr.”

An nì a bu mhotha a bhuail orm b’e gun robhar an dùil gur e cogadh gluasadach a bhiodh ann a chrìochnaicheadh nuair a ruigeadh na Breatannaich Berlin. Ach feumaidh mi cuideachd na deasaichean (Jo NicDhòmhnaill, Annella NicLeòid, Dòmhnall Iain MacLeòid) a mholadh air son rabhadh bho Ruairidh MacAoidh, Bàrd Iollaraigh, a chur aig toiseach ghnothaichean. “Nuair cheanglar an t-sìth leibh / Cha bhi cuimhn’ air mar smàladh / Thar sàl do thìr chèin sibh, / Mar chaidh fearann a dhiùltadh / ’S mar a chùm iad na fèidh bhuaibh . . .”

Se earrann 2 ‘Ri Aghaidh a’ Bhlàir’ (18 pìosan). Seo fìor stuth a’ chogaidh, bho leithid Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna. Tha cuid dheth glé làidir: “Bha mòran diubh nan sìneadh, / Bha pàirt gun chinn gun chasan dhiubh.” Thòisich mi ag aithneachadh feartan an genre: coltas grànda na strì; mallachd air a’ Cheusar; beagan arraghlòir mu na réiseimeidean Gaidhealach; call churaidhean; smuaintean air an dachaigh; air an leannan; air Dia. Mar eisimpleir, tha a h-uile gin dhiubh seo ach na dhà mu dheireadh ann an ‘’S ann Fada mu Thuath’ le Niall Dòmhnallach á Solas agus gheibhear na dhà mu dheireadh san ath phìos, ‘Duanag Saighdeir (05/05/1916)’ le Leódhasach gun ainm.

Se earrann 3 ‘Ar Tìr ’s na Gaisgich a Thuit sna Blàir’ (ceithir pìosan, uile le Iain Rothach no Murchadh Moireach). Cha b’ urra dhomh tuigsinn an toiseach car son a bha an earrann seo ann. An uair sin thàinig e thugam. Seo dithist a bha an uchd a’ bhlàir a’ togail dhàintean a tha ’nan carraighean-cuimhne dha na mairbh gu léir.

Se earrann 4 ‘An Cogadh aig Muir’ (cóig pìosan). Chòrd ‘Fàgail Bharry san Oceana’ le fear á Éirisgeigh rium. “’S an Starboard Lifeboat gun d’ nigheadh aist’ i / ’S cha bhi e cneasta ma bheir i an còrr bhuainn . . .”

Se earrann 5 ‘Sealladh bhon Dachaigh’ (26 pìosan). ’S iongantach na th’ ann mun Khaiser an seo. Agus chì sinn sìol an Dara Cogaidh ga chur. “Ged bhithinn sgrìobhadh là ’s a dh’oidhch’ / Bho Dhiluain gu Dòmhnaich, / Chan fhaigheadh m’ ìot’ ach bloigh a sàth / De ùmaidh na Roinn-Eòrpa.” (Aonghas Moireasdan, Loch Bhraoin.) “Nam faighinn a-nis mar a b’ àill leam, / Bhiodh cìs air an nàmhaid thug bhuainn / Gillean cho tapaidh ’s cho àlainn / ’S bha idir a’ tàmh san taobh tuath.” (Iain MacGriogair, Tolasta Chaolais.) Diofar eile bhon Bheurla, se nach eil sgeul air co-fhaireachdainn ris na Gearmailtich; an àite sin tha nàiseantas Gaidhealach agus Albannach. “Riamh o thàinig sgoilean Gallda / Dhubhadh a-mach cainnt ar màthar. / Iomradh air Sir Cailean Caimbeul? / Cha chluinn mi ach ‘English Army’.” Sin bho ‘An Saighdear Leòdhasach’, dàn cudromach eile le Leódhasach gun ainm.

Se earrann 6 ‘Call’ – 15 marbhrannan. Chan eil dad coltach riutha san leabhar Bheurla. Chaidh mo bhualadh gu sònraichte le ìomhaigh a thog a ceann ann an dà chumha do sheòladairean. Catrìona Mhoireasdan, Brèinis, Ùig: “Nuair a thèid mi chun an dorais, / Oidhche ghealaich ’s i na h-àirde, / Cianalas a’ tighinn air m’ inntinn / Nuair a chluinn mi fuaim na tràghad.” Mairead NicLeòid, Tolasta: “Nuair a bhios càch nan cadal cha bhi mise na mo thàmh, / D’ uaigh is i cho fada bhuam ’s nach stad mi anns an àit’, / Nam faighinn do an ùir thu is ciste dhùinte ort, a ghràidh, / Gun tugadh sin dhomh saorsa gun mo shùil bhith air an tràigh.”

Se earrann 7 ‘Sìth’ – gun ach dà phìos.

Se earrann 8 ‘An Iolaire’, ochd pìosan. B’e òran le Tormod MacLeòid ás na Hearadh bu mhotha a ghlac m’ aire. “Nuair shaoil leotha a bhith sàbhailte / Bho gach gàbhadh agus pian, / ’S ann ghoid a-staigh am bàs orra, / ’S neo-bhàidheil a bha Bhiast.” Tha ìoranas dùbailte an seo. Air feadh an leabhair b’e a’ Bhiast an Kaiser. Seo a-nist Biast Thuilm.

Se earrann 9 ‘A’ Coimhead air Ais’ – 14 pìosan le leithid Mhurchaidh MhicPhàrlain agus Shomhairle MhicGill-Eain. Chan eil an Kaiser air ainmeachadh ach uair. ’S fheàrr le Dòmhnall Iain Dhonnchaidh Pheighinn nan Aoireann a h-uile h-ìmpireachd a mhallachadh, leithid: “Tart cumhachd gus dìreadh / Air na h-ìompairean gràineil, / Riaghladh Shasainn a’ cìsneadh / Bhochdan, ìslean is ànraich, / Shnàmh suas i gu ìre / Tro fhuil phrìseil a bràithrean.”

Se earrann 10 ‘Sealladh 2014’ (seachd pìosan a rinneadh sa bhliadhna sin air iarrtas a’ BhBC). ’Nam measg tha òran a rinn Tormod MacGill-Eain, an “glaoicire” (a chaidh a dh’fhuireach a-nist a Ghriomasaigh), do chlann sgoile Chàirinis.

Air feadh an leabhair tha dreach Beurla mu choinneamh na Gàidhlig. Uaireannan tha e litireil agus uaireannan chan eil an leughadair gun Ghàidhlig a’ faighinn luach a chuid airgid. Mar eisimpleir, leughaidh sinn mun Niseach air an Iolaire “a dh’fhàg / Cuid de làmhan anns a’ chrann” – “the Nessman who was stuck on the mast”! Tha na deasaichean a’ cumail a-mach gu bheil iad air son “brìgh is faireachdainn na bàrdachd” a chur an céill “seach feuchainn ri eadar-theangachadh litireil no bàrdail a dhèanamh”. Ach chan eil siud math gu leór.

Mar chruinneachadh ge-tà, tha Cuimhneachan sgoinneil. Rinn deasaichean Beneath Troubled Skies gearan nach robh sgeul air Red Clydeside anns na chruinnich iadsan; lorg deasaichean Cuimhneachan fearg ann an guth an t-sluaigh.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

After discovering the difference between mòr and mhòr, in place-names like Loch Mòr and Beinn Mhòr, last week we introduced the genitive case in place-names, looking at masculine words. Today we will investigate feminine nouns and adjectives. The genitive affects both the noun and the adjective and occurs when a noun follows another noun to specify it further. In English, translations of these usually include the word ‘of’.

Sgùrr na Ciste Duibhe - the peak of the black chest

A mountain nearby is called A’ Chiste Dhubh, the black chest, but in the mountain mentioned above, it turns to na Ciste Duibhe, since it is in the genitive: the peak of the black chest. In most cases the genitive of feminine nouns and adjectives is formed by slenderising the end of the word, which means adding an i or changing a broad vowel to an i, and adding an e if the word is short e.g. sròn to sròine, dubh to duibhe

When using the feminine genitive article, we use the form na: an t-sròn to na sròine, the nose.

Genitives are very common in place-names e.g. Sròn na Làirige – the nose of the pass, and Sgùrr na Sgine – the peak of the knife.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www.smo.uhi.ac.uk

PLACE NAME OF THE WEEK

Falkirk - An Eaglais Bhreac

This name is of British origin, recorded as egglesbreth in c. 1120. It likely originally meant ‘the speckled church’. In the Gaelic era, the name was translated as An Eaglais Bhreac, of the same meaning and using cognate elements. Gaelic eaglais, and its British equivalent, are loan words from Latin ecclesia ‘church’, whilst breac means ‘speckled’.

The Gaelic form is well remembered for two reasons: William Wallace’s famous battle took place here this week in 1298; and a fair was held here until relatively recent times.

The modern name Falkirk is an early translation of the Gaelic or British form into Scots ‘faw kirk’ of the same meaning. The -l- has crept in due to hypercorrection, since in Scots a syllable final -l is sometimes dropped (such as Scots ba’ for English ball).

For more information visit www.ainmean-aite.org