Bàrdachd a tha ’g éirigh far na duilleig mar eun air an sgéith

Am ministear air uileann: Murchadh agus a nighean Mairi aig Ceann Loch Iu mun bhliadhna 1950

Am ministear air uileann: Murchadh agus a nighean Mairi aig Ceann Loch Iu mun bhliadhna 1950

0
Have your say

THA Caimbeulaich Shuaineaboist suaicheanta mar sgrìobhadair­ean ’s mar bhàird – na bràithrean am Puilean ’s am Bocsair; dà mhac agus ogha a’ Bhocsair. Ach bha bràthair eil’ ann, Murchadh, a rinn ainm dha fhéin mar mhinistear ’s mar sgrìobhadair Beurla – Gleanings of a Highland Harvest mar eisimpleir.

Am farainm aig Murch­adh b’e Verey (bhon t-solas a chaitheadh e air gnìomhan chàich tron dà shealladh). B’e bu shine, bha e beò bho 1900 gu 1974. Agus seo a-nis dearbhadh gun deach com­asan a’ bhàird a bhuileachadh airsan cuideachd: Tobraichean Sòlais / Wells of Joy le Murchadh Caimbeul, anns a bheil notaich­ean le Dàibhidh Caimbeul a mhac agus eadar-theangachaidh­ean le Coinneach D MacDhòmh­naill (Covenanters Press, £12.95).

Chan eil ach deich dàin, neo laoidhean, le Murchadh anns an leabhar, ach nach iad a tha math. Tha trì mhóra ann a tha freumh­aichte teann ann an seann dualchas nan òran molaidh. Tha co-chòrdadh fuaim a’ togail ‘Àm Mo Chiad Ghràidh’ far na duilleig mar eun air an sgéith: “Nam faighinn-s’ air inns’ mun t-sìth bh’ aig m’ anam / Is mìlseachd comann do ghràidh . . .” Tha ‘Cumha do Chalum Moireasdan’ a’ càrnadh gibhtean agus gnìomh­an an duine mhairbh mar gum b’ ann air altair, a’ measgachadh a’ chorparra ris a’ mhoralta, na deagh rudan a bh’ aige ’s na droch rudan nach robh, uile san dòigh a b’ aithne do dh’Iain Lom, ach a’ cur car ùr ’nan earball: “Pearsa dhìreach, shnasail, ghrinn / Bha làn de dh’aoigh ’s de bhàidh, / Gun mheang, gun chearb, gun chron, gun chlì / Bho bhàrr do chinn gud shàil. / Cha bhàs do bhàs, a charaid ghràidh, / Ged dh’fhàg thu tìr nam beò . . .” Agus tha ‘Am Prionnsapal Iain MacLeòid nach Maireann’ a’ cleachdadh cainnt thogte ’s leag­te gus a thoirt a thuigsinn oirnn cho coileanta ’s a bha MacLeòid mar dhuine ’s mar Chrìostaidh: “O, Eaglais Shaor na h-Alba, aon ded phrionnsaibh thuit gu làr!” Dà rann nas fhaide air adhart: “Mar mhaoth-lus air a lìonadh leis an dealt a thig o nèamh / Bha d’ anam crom na làthair-san don dligh’ a’ ghlòir gu lèir.” Agus mar dhiadhaire ’s mar shearmon­aiche: bhiodh smuaintean an Leòdaich uairean “mar an iolair suas gu h-àrd”, uairean eile “domhainn tric an cuan” gu ìre ’s gur “iomadh iad a bhàthadh far an snàmhadh tu gu treun”! Ìomhaigheachd mhaighistireil.

Tha tòrr gaoil san leabhar – gaol a’ bhàird do Chrìost (Àm Mo Chiad Ghràidh’) ’s dhan eil­ean aige (‘Air an Turas Dhachaigh’); gaol Chrìost dhan eaglais (‘Ghràdhaich Crìosd an Eaglais’) ’s dhan duine fa leth (‘Bean na Bainnse a’ Dol Dhachaigh’). Agus anns na laoidhean as giorra thug mi an aire do Mhurchadh a’ feuchainn a-mach diofar sheòrs­achan meadarrachd: abba (‘Iehò­bhah-Salom’), abcb gun aicill (‘Fo Thonnan Garbh’), aabb le comh­ardadh eadar sheas agus clos mar anns na seann aoirean (‘Nach Maiseach . . .’). Uile ás an àbhaist, aon de chomharraidhean an fhìor bhàird.

Tha dearbhadh de sheòrs’ eile san leabhar gun robh e ’na shàr bhàrd. Oir tha dà dhàn shìmplidh ann – aon dhiubh ’na chumha do Mhurchadh a rinn a’ Bhean-Phòsta Ailios NicLeòid; am fear eile ‘Bean na Bainnse a’ Dol Dhachaigh’ le Murchadh fhéin. Dà dhàn fhurasta, làn fhaclan cumanta, loidhnichean goirid, briathran goirid, smuaintean sìmplidh. Dòcha nach bu chòir an coimeas. Chan eil an cumha dona idir; mar bhàrdachd, rud beag stòlda; e ’g innse dhuinn mun bhuaidh bh’ aig Murchadh. Ach tha ‘Bean na Bainnse’ laiste throimhe le liut lirigeach. Tha e ’na leug, ’na chloich ghil san allt. Tha e a’ crìochnachadh:

Bidh sinn anns an Àros cuideachd

Le subhachas gun dìth:

Ormsa chionn gun d’ fhuair mi dhachaigh,

’S air gun d’ fhuair E mi.

Ann an Tobraichean Sòlais cuideachd tha eachdraidh beatha Mhurchaidh, seirbheis a chraol e ann an 1957, ’s rudan eile, uile san dà chànain; agus dealbhan camara. Aon de neartan an leabhair se gun deach e tro làmhan Choinn­ich D MhicDhòmhnaill: ann am faclan eile tha gach nì ceart, rud nach fhaodar a ràdh mu iomadh leabhar Gàidhlig an-diugh. Tha mi ga mholadh gu mór.

Back to the top of the page