As dèidh dà dheasbaid se an scòr 1-1

Share this article
0
Have your say

Bha an not, ola ’s an econam­aidh gu mòr am follais a-rithist san dara deasbad eadar Ailig Sal­m­ond agus Alistair Darling air TBh an t-seachdain seo, ach a dh’aindeoin na h-èigh­eachd ’s na h-ulathruis, an d’fhuaras freag­air­tean soilleir do na ceistean mòra ann an deasbad an Reifrinn?

Cha robh ceist ann gun deach an oidhche le Salmond an turas seo. Ged a bha làmh an uachdair aig Darling sa chiad deasbad air 5 Lùnastal, bha e follaiseach gun robh Salmond air ullachadh nas fheàrr a dhèanamh son deasbaid oidhche Luain. Agus a rèir pol a chum an Guardian/ICM as dèidh deasbad na seachdaine seo, bha 71 ás a’ cheud dhen bheachd gun do bhuannaich Mgr Salmond, le dìreach 29 ás a’ cheud ag ràdh gur e Mgr Darling a bhuannaich.

Tha aon chuspair air a bhith mar shamhla air a’ mhì-chinnt a tha cuid a dhaoine a’ cumail a-mach a th’ ann a thaobh dè thachras ma gheibh Alba neo-eisimeileachd, sin an not. Agus cho luath ’s a fhuair e an coth­rom, thog Darling an dearbh cheist sin, a’ faighneachd dha Salmond dè dhèanadh Alba mura faigheadh iad aonadh-airgid leis a’ chòrr den Rìoghachd Aon­aichte? A bheil Plana B aige?

Thuirt Mgr Salmond: “Tha trì Planaichean B againn, tha iad mar bhusaichean, tha dùil agad ri aonan agus an ath rud tha thu a’ faicinn trì dhiubh. Ach ma sheallas muinntir na h-Alba gu bheil iad ag iarraidh gum bi aonadh-airgid ann, an gabh thusa ri sin, mar deamocratach, gur e sin a tha muinntir na h-Alba a’
miannachadh mar shluagh? Ma bhòtas mòrchuid air son Cha Bu Chòir, gabhaidh mise ris a-sin.Mar sin, ma bhòtas mòrchuid air son Bu Chòir, an gabh thusa ris gur e miann muinntir na h-Alba gum bi aonadh-airgid ann, agus an toir thu do thaic dha sin?”

Thill Mgr Darling: “Thuirt mi riamh gun gabhainn ri toradh an Reifrinn. Ach tha mise dhen bheachd, agus tha gu leòr eile, nach e an rud as fheàrr do dh’Alba a th’ ann an aonadh-airgid. Chan obraich aonadh leis an not Sterling ach nuair a tha aonadh poilitigeach agus econam­ach ann cuideachd.”

’S dòcha nach robh cus fiosrachaidh ùir sna freagairtean aig an dithis aca, ach an turas seo bha barrachd cinnt agus cumhachd sna thuirt Mgr Salmond na bha o chionn trì seachdainean.

Se cuspair mòr eile a thaobh an econamaidh a thog ceann, ola. Bha Mgr Darling a’ cumail a-mach nach biodh e glic do dh’Alba a bhith cho eisimeil air airgead na h-ola mar bhun-stèidh dhan dùthaich ùir, thor­adh bha esan dhen bheachd nach robh cinnt sam bith ann a thaobh dè an t-airgead a gheibh­eadh tu bho bhliadhna gu
bliadhna. Dh’ainmich e fhèin agus Mgr Salmond figearan bho dhiofar eòlaichean a bheireadh taic dha na h-argamaidean aca, ach car coltach ris an not, bha e doirbh fios a bhith aig daoine cò na h-argamaidean anns am bu chòir dhaibh diù a chur.

Nuair a thàinig e gu seirbheis­ean slàinte agus sochairean sòis­ealta, thug Mgr Salmond iomradh air poileasaidhean aig West­minster ’s aig na Tòraidhean a bha a’ toirt buaidh air sochairean sòisealta do dhaoine ciorramach ann an Alba. Cuideachd thuirt e gu robh mar a bhathar a’ prìobh­aideachadh pàirt de na seirbheis­ean slàinte ann an Sasainn a’ dol a chur seirbheisean slàinte ann an Alba ann an cunnart, sin agus gearraidhean ann am buidseatan.Thuirt Darling, “Cha b’ urrainn do dhuine sam bith a bhith ag iarraidh stad a chur air taic do dhaoine a tha feumach air taic. Tha e mar uallach oirnn taic a thoirt do dhaoine a tha feumach oirre. Ge-tà, feumaidh an t-ionmhas a bhith agad air son sin a dhèanamh. Tha e ’na adhbhar dragh dhomh gum bi suidh­eachadh ann far nach bi an uir­ead chothroman aig compan­aidhean airgead a dhèanamh ann an Alba neo-eisimeileach agus nach bi an uiread airgid ann bho chìsean gus pàigheadh air son nan seirbheisean sin.”

An uair sin chuir Mgr Salmond ceist air Mgr Darling, dè na cumhachdan a bharrachd a bhiodh ann do Phàrlamaid na h-Alba ma bhòtas mòrchuid “Cha Bu Chòir”? Dè na cumhachdan a bheireadh e dhi gus barrachd obraichean a chruthachadh?

A bharrachd air iomradh air a’ Phrògram Obraichean, cha robh freagairt ro mhath aige.

Tha nas lugha na trì seachd­ainean ann a-nis chun an Reif­rinn fhèin, ’s tha tòrr cheistean ann fhathast far a bheil co-dhiù dà fhreagairt ann. Tha a’ mhì-chinnt a’ dèanamh chùisean doirbh do luchd-bhòtaidh, ’s ann an dòigh cha robh cus fiosrachaidh ùir san deasbad an t-seachd­ain seo a nì cùisean nas soilleire. Ach bheir a’ mhisneachd ’s a’ chinnt a nochd Mgr Salmond dòchas dha na daoine a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd do dh’Alba, agus ’s dòcha gun toir e buaidh air cuid a dhaoine nach eil cinnteach fhathast ciamar a tha iad a’ dol a bhòtadh.

ahcampbell@btinternet.com