An Reifreann agus a’ Ghàidhlig

Picture: Neil Hanna
Picture: Neil Hanna
Share this article
0
Have your say

FAD MO bheatha bha mi dìleas do dhà chùis, a’ Ghàidhlig agus saorsa pholitigeach na h-Alba. Is iomadh uair a dh’fhaighneachd mi dhomh fhìn, nan robh agam ri taghadh eadar na dhà, có an té a ghabhainn?

Gàidhlig shlàn gun saorsa, no saorsa gun Ghàidhlig shlàn?

Cha do dh’atharraich an fhreag­airt riamh. Ghabhainn ris a’ Ghàidhlig shlàin. Chan eil càn­an ’na meadhan conaltraidh a-mhàin. Sann sa Ghàidhlig tha mise faicinn móran de na rudan as fheàrr mu shìobhaltachd taobh siar na Roinn Eòrpa. Fa chomhair, chan eil ann an saorsa pholitigeach ach meadhan conaltraidh. Dòigh air rudan fhaigh­inn air an dèanamh (fad na slighe suas chun nan Nàiseanan Aonaichte, feumar aideachadh).

Gu mì-fhortanach, na tha ga thabhann air 18 Sultain chan e Gàidhlig shiùbhlach am beul gach duine ach rud tòrr nas suaraiche. “Neo-eisimeileachd”.

Dé nì neo-eisimeileachd dhan Ghàidhlig?

Cuiridh mi mar seo e. Chì mise pròiseas a’ sìneadh romh­ainn. Fo Westminster fhuair sinn am magadh a rinn iad air a’ bhile Ghàidhlig aig Dòmhnall Stiùbh­art, a shad iad dhan t-sitig. Fo sgaoileadh-cumhachd fhuair sinn Achd Gàidhlig gun fhiaclan. Fo riaghaltas Nàiseantach fhuair sinn “Riaghaltas na h-Alba” agus “Fàilte gu Alba” a’ fàs glé chum­anta ann an àiteachan poblach. Fo neo-eisimeileachd gheibh sinn misneach gu bhith bruidh­inn air rudan mar Achd Gàidhlig le fiaclan.

Ma tha ceartas ri dhèanamh dhan chànain tha feum air trì rudan: taic phoblach, airgead agus dùil – dùil gum bi sinn nas eu-coltaiche ri Sasainn agus nas coltaiche ri dùthchannan eile na Roinn Eòrpa. Cha tig an dùil sin gun neo-eisimeileachd.

Tha taic phoblach freumhaich­te anns na meadhanan, oir tha buaidh mhór acasan. Fo neo-eis­imeileachd bidh buidheann Alb­annach craolaidh againn ’s chan ann ron mhithich. Agus ma tha nì fon ghréin a bheir air deas­aichean phàipearan-naidheachd meas a thoirt do dh’inntinn an luchd-leughaidh aca se bhot air son neo-eisimeileachd.

Chan eil ach seachdain bho thuirt Éireannach rium, “Nach eil Comisean Ainmean-Àite ag­aibh an Alba?” Ma tha sinn ag iarraidh rudan mar, can, Gàidhlig ga teagasg sa h-uile sgoil (doirbh), neo Comisean Ainmean-Àite (tòrr nas fhasa), bidh feum air airgead.

Fo sgaoileadh-cumhachd bha, neo thà, eagal air riaghaltasan Albannach cìsean a chur suas, oir tha mar dhleasnas aig a’ BhBC coimeas a dheanamh eadar diof­ar phàirtean na RA. Fo neo-eis­imeileachd cha bhi an aon eagal orra – ach a réir ’s mar a théid leinn a thaobh na h-ola, tha a h-uile teans ann nach leig iad a leas cìsean a chur suas co-dhiù.

Rud eile. Mus tig piseach air a’ Ghàidhlig tha e riatanach gum bi ceann-stàit’ againn a bhruidhneas i. Feumaidh a’ Ghàidhlig poblachd. Is cinnteach nach tig siud gun neo-eisimeileachd!

RAGHNALL MACILLEDHUIBH