An call uabhasach ann an Cluaidh a dh’fheuch iad ri a chumail bhuainn

HMS Dasher, a bha 'na soitheach marsantach mus deach i 'na long-ghi�lain phleunaichean, agus an caolas far an deach i fodha, a' coimhead a-null gu Eilean Arainn

HMS Dasher, a bha 'na soitheach marsantach mus deach i 'na long-ghi�lain phleunaichean, agus an caolas far an deach i fodha, a' coimhead a-null gu Eilean Arainn

0
Have your say

SANN beag suarach a tha tachartasan nan linntean a dh’fhalbh a’ fàs mar a tha an saoghal a’ gluas­ad tro chuairtean mòra na time.

Do-chreidsinn­each ’s gu bheil e do ghinealach a thogadh ri linn san robh mac-talla nan Nàsach ri chluinntinn tro ghuthan athraich­ean agus sheanmhairean, tha fiù an Dàrna Cogadh a’ crìonadh ann am brìgh, ’s do chlann a tha ga fhaicinn ann an leabhraich­ean-sgoile no air film, tha e ’na chogadh eachdraidheil. Tha Hit­ler ’na Napoleon, Arnhem ’na Fhlodden dhaibh – uilebheistean a’ mhic-mheanmna, fad ás, cian.

Ach lag ’s gu bheil iad a’ fàs sa chogais, fhathast tha tachartasan mòra an Dàrna Cogaidh air an comharrachadh – seirbheisean cuimhne, am flùr beag dearg, fac­ail shòlaimte ìoranta aig luchd-poileataigs; deas-ghnàthan sìobh­altais a’ toirt taic do chuimhn­eachain a tha a’ dol á bith. Ach chan ann dha na h-uile tha ’n t-urram sin. Nuair a nochd sgeul HMS Dasher, bha a’ mhòrchuid ann an sgìre Àird Rosain ’s ann an eilean Arainn aineolach mu chudromachd, neo fiù gun do thachair e idir, leis gun robh fiosrachadh air a chumail dìomhair sna Tasglannan Nàiseanta fad bhliadhnaichean. Gu dearbh, ás aonais saothair Òglaich Mhara Àird Rosain – na Sea Cadets – agus luchd-eachdraidh ionadail, bhiodh an sgeul a’ seargadh á cuimhne mar-thà.

Ùr ’s gu bheil e do chuid, do Dhàibhidh Bell, a bha ’na writer air bòrd HMS Dasher nuair a chaidh i fodha, tha e ’na sgeul aosta. “Nuair a chuala mi an spreadhadh, ghlais mi doras na h-oifis agus choisich mi dhan a’ hangar, rud a tha cho èibhinn dhomh an-diugh. Sann an uair sin a mhothaich mi gun robh an Dasher a’ dol fodha ’s gum bu chòir dhomh teicheadh.

“Leum mi a-steach dhan mhuir agus thog soitheach ionadail – iasgairean, saoilidh mi – mi fhìn agus ceathrar eile. Bha an deise nèibhidh agam cho bog fliuch ’s cho trom ’s nach b’ urrainn dhomh na staidhreachan a shreap. Air bhòrd, fhuair sinn cupa tea, agus thugadh an t-òrdugh dhuinn gun a bhith a’ bruidhinn air na thachair.”

Gu dearbh, air sgàth draghan aig an riaghaltas gum buaileadh an droch naidheachd air misneachd an t-sluaigh, b’e sin an dearbh òrdugh a fhuair muinntir an àite ’s na meadhanan. Ach se am fathann mac an rùin-dìomh­air, agus bha fathannan pailt – cuid de na mairbh gan cladhadh ann an sloc mòr ann an Àird Ros­ain; corp air a chleachdadh ann an “Operation Mincemeat” (far am fàgadh am muir oifigear marbh Breatannach air cladach na Spàinne le pàipearan làn fhios­rachadh feall­sa ’na phòcaid); fiù nach b’e spreadhadh am broinn an t-soithich bu choireach, ach ionnsaigh mhearachd­ach le bàt’-aigil Ameireaganach, no le tè Ghearmailteach a bha ann an Linne Chluaidh aig an àm.

Ach a dh’aindeoin a’ bheachd làidir aig an neach-eachdraidh amaitear John Steele gu bheil an riaghaltas fhathast a’ falach fiosrachadh a nàraicheadh Ministreachd an Dìon, gu ruige seo tha na fathannan gun bhrìgh. O chionn dà bhliadhna dhearbh sgioba airceòlais á Oilthigh Ghlaschu nach eil mòr-uaigh ann an cladh Àird Rosain, agus tha Ministreachd an Dìon fhèin air a dhearbhadh nach eil barr­achd phàipearan ann na an fheadhainn mu dheireadh a nochd ann an 2008. Tha na clàraidhean Gearmailteach cuid­eachd air sealltainn nach robh bàta-U san linn aig an àm.

Seòltachd aig ìre riaghaltais ann no ás, tha an guth blàth soc­air aig Mgr Bell, ’na dhòigh fhèin, ’na cho-dhùnadh dhan chonns­p­aid. “Cha chreid mi gu bheil dad eil’ ann. Chan eil mi den bheachd gur iad na Gearmailtich a rinn e, ach an obair a rinneadh air an t-soitheach sna Stàitean. Bha i air a h-ath-thogail gu bhith ’na long-ghiùlain – ach chan e long-ghiùlain mhath a bh’ innte idir!”

Aig aois 92 ’s e air aon de na seòladairean mu dheireadh on Dasher a tha fhathast beò, sann luachmhor a tha a’ chuimhne ’s an sealladh aig Dàibhidh Bell air linn cha mhòr nach tuigear an-diugh, ’s tha tiotal na fèin-each­draidh aige, A Fortunate Life, a’ dèanamh soilleir nach ann le aithreachas a tha e a’ coimhead air ais. A’ gàireachdainn, thuirt e, “Nuair a shreap mi staidhreachan luing-ghiùlain eile air son rannsachadh air an tubaist, bhris iad, agus thuit mi a-rithist. Leis an fhìrinn innse tha mi fortanach a bhith beò!”

Ach ’s e a-nis a’ faireachdainn ro aosta a thighinn dhan t-seir­bheis chuimhne ann an Àird Ros­ain an deireadh seachdain seo, bidh e a’ meòrachadh air an tachartas san taigh aige ann an Sussex. “Ged a rinn mi tòrr ’nam bheatha, bidh mi cuimhneachadh gu bràth air an là sin. Se tachartas air leth cudromach a bh’ ann. ’S dh’fhaodadh mo bheatha a bhith air crìochnachadh.”

Tha eachdraidh ’na h-àite trang, ’s ged a bhios gach gineal­ach a’ feuchainn ri sgeulachdan agus gaisgich a linn fhèin a ghlèidheadh gu sìorraidh, thèid a’ mhòrchuid, aig a’ cheann thall, air chall. Bha Dàibhidh, ’s dòcha air sgàth na beatha làin a th’ air a bhith aige, gu math pragmatach mun àm ri teachd. “Bhiodh e math nan robh ‘Gàrradh Dasher’ air a chumail mar chuimhne, ’s tha mi smaoineachadh gu bheil e gu math iomchaidh gu bheil na Sea Cadets ga chumail a’ dol.”

Co-dhiù tha 379 fir a chaill am beatha, cha mhòr gun aire, airidh air sin.

Back to the top of the page