Alba Nuadh: coilltean, aibhnichean, bailtean fiodha agus biadh na mara

Anna agus D�ibhidh a' can�adh am P�irce N�iseanta Kejimkujik.
Anna agus D�ibhidh a' can�adh am P�irce N�iseanta Kejimkujik.
Share this article
0
Have your say

MAR neach-aithris siubhail, a’ cheist as trice a thèid faighn­eachd dhomh si “Dè an t-àite as fheàrr leat?”

Chan eil tè nas dorra a fhreag­airt dhòmhsa, ’s mar as trice can­aidh mi an t-àite mu dheireadh air na thadhail mi. Ach tha cheist nas dorra a fhreagairt buil­each as dèidh turas a dh’Alba Nuadh.

Bha e follaiseach gur e àite sònraichte a bh’ ann fiù ’s mus do ràinig mi fhìn ’s mo charaid Anna an talamh. A’ sgèith a-steach dhan phrìomh bhaile Halifax on deas, chunnaic sinn costachan taitneach, coilltean glas agus bailtean beaga brèagha. Ged gur e baile beag snog càirdeil a th’ ann a Halifax, bha fadachd oirnn ar turas rathaid a thòiseachadh gus coimhead air na chunnaic sinn on adhar, agus chum sinn oirnn sìos gu baile Lunenburg.

Tha Lunenburg air fear de na bailtean beaga as àille a chunnaic mi riamh, ’s chan e iongnadh a th’ ann gun deach ainmeachadh le UNESCO mar “làrach dualch­ais cruinne”. Air sgàth a shuidh­eachadh air bàgh eireachdail ’s gu bheil e loma làn taighean dathail fiodha, tha gach oisean dheth ’na dheagh chothrom dealbh math a thogail.

A’ tionndadh chun na dùthcha, dhràibh sinn mu uair gu leth gu Pàirce Nàiseanta Kejimkujik a tha cuideachd ’na “làrach each­draidheil nàiseanta Chanada”. Tha pailteas de shlighean nàdair ’s de chur-seachadan fallain ri dhèanamh a-muigh san dìth­reabh seo, ach sann bhon uisge a fhuair sinn an sealladh as fheàrr den phàirce nuair a thug sinn canùthaichean Canèidianach a-mach air màl bho Why Not Adventure (whynotadventure.ca).

Uair a thìde eile sa chàr agus ràinig sinn Annapolis Royal, fear de na bailtean-tuineachaidh as sine ann an Ameireaga a-Tuath, a chaidh a steidheachadh leis na Frangaich fon ainm Port Royal ann an 1605. Tha e làn taighean dualchasach air an glèidheadh ’s an dìon agus, le sin, tha each­draidh beanailteach ann an seadh seunmhor nach eil cumanta fiùs ann am bailtean nas sine buileach.

Bho bhaile Tiverton shìos air Eilean Fada air a’ chosta an-iar, ghabh sinn cuairt-mhara gus mucan-mara fhaicinn. Thug Tom Goodwin bho Ocean Explorations (www.oceanexplorations.ca) sinn a-mach air Bàgh Fundy, camas farsaing eadar New Brunswick agus Alba Nuadh. Tha e cho torrach ’s gum bi e a’ taladh tòrr mòr mhucan-mara – feadhainn dronnach ’nam measg. Chan eil cus rudan ann an nàdar nas mìorbhailiche na a bhith coimh­ead nan creutairean seo ’nan àr­ainneachd nàdarra fhèin. Chunnaic sinn deich mucan-mara dronnach a’ snàmh ’s a’ daoibh­igeadh son an cuid bhidhe.

Ach chan ann dìreach air son nam mucan-mara a tha torrachas na mara ann an Alba Nuadh! Bidh creachannan bho Bhàgh Digby – cho milis, cho reamhar ’s cho feòlmhor ’s a ghabhas – ri’m faotainn ann an rolan-arain ri taobh an rathaid. Cha dèanadh “cù teth” a’ chùis an seo!

Ach se giomach am biadh as tlachdmhoire, as ainmeile agus, gu fortanach, as fhasa fhaighinn ann an Alba Nuadh. Cha b’ urr­ainn dhuinn a dhol seachad air Halls Harbour Lobster Pound (www.hallsharbourlobster.com) ann an Cala Halls air ar slighe air ais a Halifax. An dòigh anns a bheil cùisean ag obrachadh san àite sgoinneil seo, se a bhith a’ taghadh fear de na creutairean bochda blasta bho amar a tha loma làn dhiubh. An uair sin se a mheidheachadh, pàigheadh air a shon agus, an ceum mu dheir­eadh, a ghiùlan chun an t-chef agus … dhan a’ phoit!

Fichead mionaid fhada as dèidh siud thàinig an neach-frithealaidh le ar creach air a goil agus air a tabhann gu sìmplidh còmhla ri aran blàth agus ìm leaghta. San fhichead mionaid goirid as dèidh sin, cha robh guth againn air bruidhinn.

Tha seachd mìosan agus seachd tursan-cèine bhon uair sin. Ach ma dh’fhaighnicheas duine dhomh an-diugh “Dè an t-àite as fheàrr leat?” se “Alba Nuadh” am freagairt a bhios air bàrr mo theangaidh.