Alba ’na Humpty, deiseil ri tuiteam

*
*
Share this article
0
Have your say

THA cuimhne agam nuair a bha mi mu 12 a dh’aois, agus mi ’nam sgoilear, gun robh againn ri pàirt a ghabhail ann an deasbad mu dheidhinn am bu chòir do Shas­ainn agus Alba a bhith dealaichte.

Bha mi fhìn den bheachd nach bu chòir – cha robh mi a’ smaoineachadh aig an àm ud gum b’ urrainn do dh’Alba seas­amh ás aonais Sasainn. Bha eagal orm cuideachd gun togadh iad balla eadar na dùthchannan agus, nan tachradh sin, ciamar a ruiginn an Roinn Eòrpa air son ar turas sgoile?

Tha mi fhathast den bheachd nach bu chòir iad a bhith deal­aichte. A-nis, ge-tà, le barrachd èolais, tha mi air an co-dhùnadh seo a ruigsinn air adhbharan econamach seach balla mar a bha aig Humpty Dumpty far an suidh Alex Salmond, deiseil ri tuit­eam. Ceist: nan tuiteadh e, cò a chuireadh còmhla a-rithist e? Nach e saighdearan Breatannach a th’ annta uile?

Tha Alba agus Sasainn air a bhith còmhla bho àm Achd an Aonaidh ann an 1707. A rèir coltais thachair an t-Aonadh a chionns gun robh Alba ann an staid uabhasach. Bha iad air airgead a chall nuair a dh’fheuch iad ri làmh an uachdar a ghabh­ail ann an Ameireaga a-Deas, agus bha iad feumach air taic airgid bho Shasainn.

Chùm cùisean air adhart, Alba agus Sasainn còmhla, ach bha cuid de dhaoine ag iarraidh Pàrlamaid aig Alba fhèin. Ann an 1998 thàinig Achd na h-Alba gu bhith agus ann an 1999 dh’fhos­gail a’ Phàrlamaid. Cha do bhòt mise air son Achd na h-Alba, cha robh anns a’ Phàrlamaid ach ìre eile de bhiurocrasaidh le cosgais­ean ’na lùib.

A-nis, ge-tà, chan eil pàrlamaid ann an Alba gu leòr, a rèir cuid, tha sinn feumach air Alba a bhith a’ seasamh leatha fhèin. Gu ruige seo, chan eil mise air argamaid sam bith a chluinntinn gus toirt orm m’ inntinn atharrachadh.

A bharrachd air an t-airgead a bhiodh aca ri phàigheadh air son na rudan poilitigeach a chur ann an gnìomh, dè mu dheidh­inn a h-uile càil eile, mar an not fhèin?

Tha Mgr Salmond a’ smaoin­eachadh gun urrainn dhuinn fuireach leis an not ach dè mura h-eil daoine eile a’ smaoineachadh an aon rud? An fheum sinn airgead Monopoly a chleachd­adh gus a bheil iad air tighinn gu co-dhùnadh dè an t-slighe air adh­art?

Anns a’ Phàipear aca mu neo-eisimeileachd, tha mise dhen bheachd gu bheil barrachd cheist­ean na tha de fhreagairt­ean. Tha iad a’ canail gum bi barr­achd cothrom-chloinne ri fhaighinn agus gum bi peinns­ean­an nas àirde, ach gu bheil na cìsean ann an Alba gu bhith nas lugha. Feumaidh gu bheil am matamataigs acasan nas fhèarr na agamsa oir, mar a chì mise, ma tha thu gu bhith toirt barr­achd do dhaoine, feumaidh tu airgead fhaighinn bho àiteigin air son na rudan seo a phàigh­eadh. Ach ’s dòcha gun tig e bhon airgead a shàbhail iad nuair a dh’fhoillsich iad am Pàipear aca air pàipear a ghabhas ath-chuartachadh . . .

Chan e rud furasta a th’ ann idir rudan a chompàirteachadh, gu h-àraidh nuair a tha iad air a bhith còmhla air son ùine mhòr, agus dh’fhaodadh e a bhith gu math cosgail. Tuigidh mi airgead a chosg air rudan mar sin nan robh feum againn air ach, nuair nach eil? Car son?

Chan e dìreach ceistean mu airgead a tha ’nam inntinn. Tha neo-eisimeileachd a’ togail cheis­tean mu dhearbh-aithne chult­arach cuideachd.

Tha mise gu math pròiseil gun deach mo bhreith ’s mo thogail ann an Alba. Tha mi air Gàidhlig ionnsachadh, tha mi a’ fuireach ann an Alba agus tha mi pòsta ri Albannach. An fheum mi bhòtadh air son neo-eisim­eileachd dìreach air son seallt­ainn cho Albannach ’s a tha mi?

Mar m’ athair romham, “tha mo làmhan goirid agus mo phòc­aidean domhainn”, agus chan eil mi air son airgead nach eil ag­ainn a chosg air mì-chinnt. Se sin a th’ ann le neo-eisimeileachd.

Bha mi riamh dhen bheachd, mura h-eil rudeigin briste, nach bu chòir feuchainn ri chàradh. Tha eagal orm gum biodh againn ri Alba a chur còmhla a-rithist dìreach mar Humpty Dumpty fhèin . . .