Ag ithe a-muigh ann a Bhancùbhar

Eadar duatharachd na mara agus am baile glainne: Cardero's ann an Coal Harbour, Bhanc�bhar.

Eadar duatharachd na mara agus am baile glainne: Cardero's ann an Coal Harbour, Bhanc�bhar.

0
Have your say

SANN sa bhliadhna 2000 a thadh­ail mi air Bhancùbhar son a’ chiad turas, ’s tha mi air tilleadh ann iomadh turas bhon uair sin.

Fear de na rudan a tha gam thàladh air ais fhathast, se an fharsaingeachd de dhiofar sheòr­saichean bidhe tha ri fhaighinn. Bho Afghanastach gu Itiopach gu Greugach, ’s cha mhòr a h-uile seòrsa anns a’ mheadhain, bidh e uaireannan mar gu bheil sràid­ean Bhancùbhair a’ riochdach­adh nan Dùthchannan Aonaichte.

Ach ged a bha farsaingeachd de thaghadh anns a’ bhaile, cha robh cus shàr thaighean-bìdh cliùiteach ann – an fheadhainn a thàlaidheas luchd-turais foodie air taisgealachd bìdh. An-diugh ge-tà, tha deagh-ghnè, doimhn­eachd agus – ’s dòcha nas cudrom­aiche buileach – misneachd ann an scene bidhe Bhancùbhair nach robh ann mu 2000. Am measg na fianais chruaidh air an atharrachadh seo tha an fhèis-bidhe òg “Dineout Vancouver” (www.dineoutvancouver.com) a tha a’ cur àird’ air blasan a’ bhaile gach bliadhna san Fhaoilleach.

Tha an taigh-bìdh Forage (www. foragevancouver.com) ’na dheagh eisimpleir den mhisneachd ùr cuideachd. Se àit’ ithe ùr-ghnàthach agus uaine anns gach seadh a th’ anns an taigh-bìdh ùr tha seo – bho bhith a’ cleachdadh grìtheidean agus fìon ionadail a-mhàin chun an teicneòlais bheag-chumhachd adh­artaich anns a’ chidsin. Bidh an t-Àrd Chef Chris Whittaker ’s a sgioba a’ tabhann taghadh de thruinnsearan beaga blasta a tha nas motha na starter ach nas lugha na prìomh-chùrsa, ’s iad sgoinneil son am pàirteachadh aig a’ bhòrd. Se biadh nàdarra a th’ ann, air a chur còmhla ann an dòigh innleachdach. Bidh mi fhathast a’ bruidhinn air a’ chàl smòcte a bh’ againn . . . cha shaoil­inn gun tigeadh an latha!

Àit’ eile a tha a’ sealltainn misneachd agus farsaingeachd biadh a’ bhaile se reistiurant na rionnaige-bìdh ionadail Dàibhidh Hawksworth. Beagan bhliadhn­aichean air ais cha robh sgeul air sàr thaighean-bìdh eadar-nàis­eanta ann a Bhancùbhar, feadh­ainn a sheasadh mu choinn­eamh taighean-bìdh phrìomh-bhailtean an t-saoghail – ach se sin a th’ ann a Hawksworth (www.hawksworthrestaurant.com). Chan eil teagamh nach eil Maighstir Hawksworth a’ toirt seachad eòlas air dìnnearachd fhìnealta, le seirbheis a tha sònraichte agus fiosraichte, air a cur còmhla ri taghaidhean de bhiadh àlainn agus fìon air leth bho gach ceàrnaidh san t-saoghal.

Sann as foghlamaichte na Bhancùbharaich, chanainn, mu bhiadh Iapanach. Ach leis gu bheil 600 taigh-bìdh Iapanach anns a’ bhaile, ’s dòcha gum biodh am facal “beò-ghlaicte” na bu fhreagarraiche. ’S cha bheag an t-iongnadh, le àiteachan cho sgoinneil ’s a tha Tojo’s (www.tojos.com). Chaidh Tojo a threànadh sa mhodh thradiseanta Iapanach, ach tha e ainmeil an-diugh son blasan “Siarach” a thoirt don truinnsear cuideachd. Mholainn-sa an taghadh O-makase a ghabhail. Tha O-makase a’ ciallachadh “fàgaidh mi agadsa e” agus tha e a’ leigeil le Tojo ’s a sgioba am biadh a thaghas iad fhèin a thoirt seachad – na fhuair iad ùr aig na margaidhean an latha ud. Tha e ’na shàr shushi!

Biadh eile air a bheil na Bhancùbharaich gu math meas­ail se brunch. Bidh loidhneachan de dhaoine a’ feitheamh gu foighidneach son bòrd aig Café Medina (www.medinacafe.com) agus, leis cho fliuch ’s a tha an aimsir aig amannan, se moladh dha-rìreabh tha sin. ’Na bhroinn tha na blasan tradiseanta brunch ri’m faighinn ach uile le blasan Meadhan-Tìreach air an cur riutha. Ghabh mi uighean le Baba ganoush agus hummus spìosrach, Mimosa Morocach làn star-anise agus fìon gucagach sradagach, agus waffalan aotram ana-bhlasta le sabhs milis de sheòclaid gheal, cnò-phiostais agus uisge-ròis.

Suidheachadh suidheachadh suidheachadh. Sin an rud as cud­romaiche mu dheidhinn taigh ùr a cheannach, a rèir nan eòl­aichean co-dhiù. Cha leig Carderos (www.vancouverdine.com/carderos) a leas dragh sam bith a ghabhail mun t-suidheachadh acasan, ’s e shìos air a’ mhuir ann an Coal Harbour, air a chuartachadh le bàtaichean-seòlaidh, na beanntan air a bheulaibh ’s am baile glainne air a bheil Bhan­cùbhar air a chùlaibh. Agus le clàr-bìdh a fhuair misneachd bho iomall iar-thuath a’ Chuain Shèimh aca, chan e dìreach na seallaidhean a tha airidh air aire!

Twitter @DavidGalavants

Back to the top of the page