Ag ionnsachadh mu nàdar ar planaid

Abriachan Woodland Trust, Loch Ness. Picture: Contributed

Abriachan Woodland Trust, Loch Ness. Picture: Contributed

Share this article
0
Have your say

IS gann gu bheil là a’ dol seachad nach cluinn sinn naidh­eachd air choreigin mun bhuaidh a tha sinn a’ toirt air an àrainn­eachd.

Cha robh sinn riamh cho mothachail dha mar as urra dhuinn cron no feum a dhèanamh a thaobh àrainneachd an t-saogh­ail anns a bheil sinn a’ fuireach.

Mar sin, tha e fìor chudrom­ach, a rèir nam buidhnean àrain­n­­eachd, gun ionnsaich sinn mun bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith againn air cùisean, agus gum faigh sinn tuigse air nàdar ’s air neart­an agus laigsean ar planaid.

Tha a’ bhuidheann “Lìonra Àrainneachd na Gaidhealtachd” (Highland Environmental Network) a’ brosnachadh dhaoine gu bhith gabhail an rathaid sin. Tha iad a’ toirt còmhla ceud­an de bhuidhnean aig a bheil an aon amas. Thuirt Carol Masheter on Lìonra: “Tha mi smaoin­eachadh gu bheil daoine nas tuigsiche a-nis a thaobh mar as urra dhan a h-uile duine buaidh a thoirt air an àrainneachd ag­ainn. Chan eil daoine cho coma ’s a bha iad o chionn deich bliadhna, nuair bha iad a’ faireachd­ainn ’s dòcha nach b’ urra dhaibh dad a dhèanamh son cùis­ean a leasachadh.Tha iad a’ faicinn a-nis gu bheil gach rud beag a’ dèanamh diofar, ’s gun urra dhaibhsan rud­eigin a dhèanamh. Chan eil iad cho buail­teach a bhith coir­eachadh dhaoine eile – tha iad ag iarraidh rudeigin a dhèanamh iad fhèin.”

’S dòcha gur e buidhnean mar an t-Ionad Foghlaim Croitearachd aig a’ Ghlaic Bheag – Glachbeg Croft Education Centre san Eilean Dubh – as coireach gu bheil daoine a’ fàs nas mothachail dha cùisean, leis mar a tha iad ag ionnsachadh do chloinn agus do dh’inbhich mun àrainneachd.Thuirt Bob Bull, leis a bheil an t-Ionad: “Se am beachd a th’ againn gum bi a’ chroit mar cho-theacs sam bi daoine ag ionnsachadh. Tha e ’na ghoireas leis an urra dhuinn frithealadh air feuman dhaoine fa leth no clasaichean.

“Tha a h-uile rud a nì sinn stèidhte air ionnsachadh prag­taig­each. Mar sin, bidh buidhn­ean sgoile ag obair leis na lusan ’s a’ ghlasraich a tha a’ fàs againn, agus leis na beathaichean air a’ chroit, ’s ag obair a dh’ionnsaigh nan targ­aid­ean a th’ aca aig an aon àm. Gu math tric bidh cuspairean àr­ainneachd a’ gabhail a-staigh an obair a nì sinn an seo air a’ chroit. Air biadh, mar eis­im­pleir, dh’fhaodadh gun coimh­eadadh sinn air na thach­ras on àm a thèid glasraich a chur gu’n àm a dh’itheas tu i. Ach ’s dòcha làithean eile gun ionns­aich sinn dhaibh mu lùths agus mar a tha an t-sìde ag atharrachadh.”

A rèir Bob ’s dòcha nach eil e comasach don chloinn cus a dhèanamh a thaobh na h-àrainneachd nuair a tha iad beag, ach tha e an dòchas gun cuimhnich iad air na dh’ionnsaich iad agus gun toir sin buaidh orra a thaobh na nì iad ’nan inbhich. “Can ma tha sinn dol a bhruidh­inn mu lùths, dh’fhaod­adh gun cleachdadh sinn a’ chroit mar eis­impleir. Tha an togalach ag­ainn ’na thogalach ‘eco’, agus dh’fhaodadh tu faighneachd dhaibh car son a tha an togalach seo math dhan àrainneachd? Dh’fhaodadh a’ chlann an uair sin coimhead air an sgoil aca no an dachaigh aca feuch dè cho math ’s a tha iad sin. Air neo, dh’fhaodadh tu faighneachd dè an diofar eadar am buntàta a th’ againn an seo ’s an fheadh­ainn a gheibh sibh sa bhùth, bhiodh tu an uair sin a’ bruidhinn air na mìltean a tha biadh a’ siubhal, agus rudan mar sin.”

Àite eile a tha ag obair còmh­la ri clann se Urras Coille Obar Itheachan taobh a-muigh Inbhir Nis. Thuirt Suzann Barr bhon Urras: “Le clann sgoile, bidh sinn a’ feuchainn ri targaidean ionn­sachaidh fhighe a-steach dhan obair a tha iad a’ dèanamh san sgoil. Tha na tha iad ag ionnsachadh caran am falach, bheir sinn a-mach iad ás an t-seòmar-teag­aisg a dh’ionnsachadh mu dhiof­ar rudan. Mar eisimpleir, tha sinn ag obair air ‘Taigh Cruinn’ bho Linn an Umha an-dràsta, agus bidh a’ chlann a tha ag obair air sin a’ suathadh air grunn chus­pairean. An-diugh bha sinn a’ dèanamh beagan matamataig, a’ tomhas dè an fharsaingeachd aig mullach cruinn an taighe, agus dh’obraich sinn a-mach cia mheud bèile feòir a dh’fheum­adh tu gus a chòmhdach. Bidh sinn cuid­eachd a’ dèanamh tòrr foghlam àrainneachd àbhaisteach le buidh­nean sgoile.

“Bidh sinn ag ionnsachadh rudan ann an dòigh spòrsail far nach eil a’ chlann a’ mothachadh gur e leasan a th’ ann. Tha tòrr cheuman anns a’ choille, agus bidh sinn a’ dèanamh gheamannan. Tha a’ chlann a’ faireachd­ainn gu bheil dlùth dhàimh aca ris an àite – gum buin iad dha ann an dòigh, leis mar a bhios na rudan a nì iad a’ toirt piseach air an àrainneachd aige.”

Tha na h-àiteachan seo ’s gu leòr eile air a’ Ghaidhealtachd a’ feuchainn ri daoine oideachadh mun àrainneachd agus mu nàd­ar, feuch an tuig sinn na th’ ag­ainn mus tèid cuid dheth á bith.

Back to the top of the page