A’ togail tàlant an ath ghinealaich aig Cuirm Dhuaisean FilmG 2016

Filmichean FilmG 2016 'An t-Sireadh' agus 'A' Cumail G�idhlig Be�'  Aig a' bhonn: preasantairean Sanjeev Kohli agus Niall Iain D�mhnallach & Fiona NicChoinnich
Filmichean FilmG 2016 'An t-Sireadh' agus 'A' Cumail G�idhlig Be�' Aig a' bhonn: preasantairean Sanjeev Kohli agus Niall Iain D�mhnallach & Fiona NicChoinnich
Share this article
0
Have your say

Tha sgeulachdan agus beul-aithris a-riamh air a bhith prìseil ann an eachdraidh nan Gàidheal. Tha sgeulachdan fhathast cudromach do ghinealach òg an latha an-diugh, ach ’s ann tro chleachdaidhean ùra, leithid YouTube, Snapchat, Instagram agus na meadhanan didseatach eile, a thèid an cuid sgeulachdan innse. Ge-tà, an i a’ Ghàidhlig an cànan a bhios ri faicinn agus ri cluinntinn sa choimhearsnachd ùir air-loidhne a th’ aca?

Tha rannsachadh Ofcom (2015) a’ sealltainn gu bheil òigridh eadar aois 12-15 a’ cur seachad 19 uairean a thìde air-loidhne gach seachdain. Ma tha iad a’ cur seachad am beatha air-loidhne – feumaidh àite nas treasa a bhith aig a’ Ghàidhlig anns a’ choimhearsnachd sin.

’S e co-fharpais nàiseanta nam filmichean goirid aig MG ALBA a th’ ann am FilmG. Chaidh a stèidheachadh ann an 2008 nuair nach do lorg Àrd-Oifigear MG ALBA ach aon fhilm Ghàidhlig air-loidhne. An-diugh, tha còrr is 550 film goirid Gàidhlig air làrach-lìn FilmG (www.filmg.co.uk).

Aig cridhe iomairt FilmG, tha sgoiltean agus coimhearsnachdan a’ faighinn chothroman an cuid sgilean agus an cuid Ghàidhlig a chur gu feum agus a leasachadh. An-uiridh, bha còrr is 40 bùth-obrach air an ruith le proifeiseantaich air feadh na dùthcha. Mar thoradh air an obair chruaidh sin, fhuair na ceudan de dh’fhilmeadairean ùra air geàrr-liosta FilmG agus an cothrom tighinn gu oidhche ghleansach dhuaisean sa bhaile mhòr.

A-raoir aig an Old Fruit-market ann an Glaschu, thàinig luchd-gnìomhachais agus rionnagan film is telebhisein còmhla gus an soirbheas seo a chomharrachadh aig an ochdamh Cuirm de Dhuaisean FilmG, no Oscars na Gàidhlig mar a th’ aig cuid orra!

’S iad na sàr-chraoladairean Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach a stiùir sinn tron oidhche. Chaidh fàilte a chuir air deagh mheasgachadh de chleasaichean River City agus Bannan, agus gaisgich eile na Gàidhlig, leithid Cathy Bhàn NicDhòmhnaill, Donnie Dòtaman agus Fergie Dòmhnallach, nam measg. Bha an oidhche, na filmichean, agus am beairteas tàlant gan taisbeanadh do luchd-amhairc ùra - pàrantan moiteil nam measg - agus e air a chraoladh beò air www.filmg.co.uk airson a’ chiad uair.

Ann a bhith a’ sìor leasachadh FilmG, tha MG ALBA airson sgrìobhadairean a bhrosnachadh agus le barrachd comadaidh is dealbhan-beò Gàidhlig a dhìth, chaidh ceithir roinnean ùra a chuir ris a’ cho-fharpais: Sgriobt as Fheàrr, Dealbh-beò as Fheàrr, Comadaidh as Fheàrr agus Film Fòn-làimhe as Fheàrr. Agus, gus daoine a phiobrachadh gus Gàidhlig a chleachdadh air na meadhanan sòisealta, bha camara GoPro ga thabhann aig na duaisean don neach a thog an dealbh Gàidhlig a bu chruthachail air Instagram.

Airson a’ chiad uair a-riamh am-bliadhna, chaidh an Duais Ghàidhlig a bhuileachadh air sgoil bho thìr mòr. Rinn sgoilearan bho Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig ann an Dùn Èideann an gnothach air càch leis an fhilm aca ‘An Tè Uaine’. Am measg an fheadhainn eile a thug dhachaigh leotha duais, bha Àrd-sgoil Greenfaulds, Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich agus Fèis Eilean na Hearadh. Bhuannaich Ross McKenzie às an Eilean Sgitheanach Duais Fhilmeadair Òg. B’ e Ross fhèin a riochdaich am film ‘gangster’ aige air fad, ‘An t-Sireadh’, às aonais taic. Bheireadh e blàthachadh air cridhe duine sam bith a’ chlann fhaicinn a’ gabhail ris an àrd-ùrlair.

Thug Sanjeev Kholi agus Dawn Steele bho River City duais Dràma As Fheàrr seachad don tidsear, Kirsty Scott, a rinn film le clas a seachd aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Ghlèidh an sgoilear, Kirsty O’ Reilly, duais Cluich As Fheàrr airson a cleasachd san aon fhilm – ‘Cuideigin Ciallach’.

Agus nach sinne a bha toilichte gun tug sinn leinn na brògan dannsa nuair a chuir an còmhlan-ciùil The League of Highland Gentlemen cùisean gu dol an dèidh dhaibh an Duais Chomadaidh a ghleidheadh. Tha am film aca - ‘Seachdain gun Seòladh’ - a’ leantainn bàta-aiseig an Loch Never, nach eil tric a’ seòladh eadar Sràid Mhalaig agus Sràid Uibhist...

Bha e na adhbhar mhisneachd don ghnìomhachas obair nan com-pàirtichean tàlantach fhaicinn air an sgrion mhòr. Ge-tà, tha e cudromach nach eil buannachdan na farpais a’ stad aig na duaisean. Bha an neach a bhuinig duais airson an Fhilm Aithriseach As Fheàrr fortanach greis-gnìomhachais fhaighinn leis a’ chompanaidh Mactv ann an Steòrnabhagh. Feumaidh com-pàirtichean na co-fharpais air fad cumail orra a’ cruthachadh stuth agus na sgilean is a’ mhisneachd a thog iad tro FilmG a chuir gu deagh fheum. Tha FilmG a’ cruthachadh shuidheachaidhean airson fèin-chruthachadh agus airson a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig – rud nach eil cho cumanta san latha an-diugh. Tha sgeulachdan am pailteas san traidisean againn agus tha FilmG a’ cruthachadh chothroman an innse. Siuthadaibh…