A’ strì son cridhe na Gàidhealtachd

Share this article
0
Have your say

THA coltas ann gu bheil na companaidhean a bhios a’ gabhail geall bhuainn an ìre mhath cinn­teach gu bheil Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (PNA) dol a bhuannachadh sna suidheachain air a’ Ghàidh­eal­tachd agus sna h-Eil­eanan anns an taghadh an ath sheachd­ain, mar a tha dùil aca a tha dol a thachairt ann an tòrr de dh’Alba.

Ach tha strì làidir fhath­ast ead­ar PNA ’s na Lib-Deamaich air a’ Ghàidhealtachd ’s eadar na Làb­araich agus PNA sna h-Eil­eanan Siar. Agus dh’fhaodadh na pàrtaidh­ean eile bhòtaichean a chum­ail bho na prìomh fharp­aisich sna rèisean sin.

Ann an Ros, an t-Eilean Sgith­eanach agus Loch Abar tha Ian Blackford bho PNA a’ feuchainn ris a’ ghnothach a dhèanamh air Tèarlach Ceanadach, a tha air bhith ’na BhP Lib-Deamach son na sgìre fad còrr agus 30 bliadhna. Fhuair an Ceadanach 52.6 as a’ cheud den bhòt (18,335) an turas mu dheireadh, le PNA san treas àite le 15.1 as a’ cheud (5,263). Mar sin ged a tha iomairt PNA aig àirde ’s an sruth leotha, feum­aidh gluasad mòr a bhith ann gus an tig an latha le Blackford.

Dh’iarr sinn air tagraichean on roinn-pàrlamaid chudrom­ach seo innse dhuinn dè dhèanadh am pàrtaidh aca dhan Ghàidh­ealtachd ’s na h-Eileanan. Thuirt Ian Blackford (PNA): “Se aon de na rudan as motha a dh’fheumas sinn dèiligeadh ris air a’ Ghàidh­ealtachd, ceanglaichean. Co-dhiù a thathar a’ dèanamh ceangal tro chòmhdhail no teicneòlas dids­eatach, tha feum againn air leasachadh a dhèanamh air na dòighean a th’ againn ceangal a dhèanamh ri càch. An-dràsta tha sinn a’ fulang le ana-cothrom a thaobh sin. Tha mi air son leasachaidhean fhaicinn a thaobh astar a’ bhuinn-leathainn agus goireasan-sgaoilidh fònaichean-làimhe. Cuideachd, tha mi air son gun dèilig sinn ris na cosgais­ean a bharrachd a tha tighinn oirnn air a’ Ghàidhealt­achd son dealain agus cumhachd.

“Tha sinn cuideachd ag iarr­aidh croitearan ’s tuathanaich a chuideachadh. Agus bhruidhinn Comisean Mhic a’ Ghobhainn air tuilleadh chumhachdan a thaobh Oighreachd a’ Chrùin, ach chan fhacas adhartas mar a tha sinn ag iarraidh an sin fhathast. Tha mise air son gum bi coimhearsnachdan ionadail iad fhèin a’ faighinn buannachd bho phroth­aidean bhuaipe, chan e dìreach gum biodh airgead bho Oighreachd a’ Chruin a’ dol gu Riagh­altas na h-Alba an Dun Eid­eann ach gum faigheadh coimh­ears­nachdan ion­adail cothrom air.”

Thuirt Teàrlach Ceanadach: “Se an roghainn as motha th’ aig daoine, cò tha iad ag iarraidh mar BhP ionadail? Air son an obair seo feumaidh sibh a bhith comasach air co-dhùnaidhean ciallach a dhèanamh, a bhith treibhdhireach, earbsach agus feumaidh co-fhaireachadh a bhith agaibh air son daoine àbh­aisteach air a’ Ghàidhealtachd.Leis an eòlas a th’ agam, tha sin uile fìor mu mo dheidhinn. Tha coimhearsnachdan Gàidhealach air a bhith fulang ri linn mar a tha Riaghaltas an SNP air a bhith cruinneachadh cumhachd gu meadhan na dùthcha. Tha liosta nan nithean air a bheil smachd againn aig ìre ionadail a’ sìor fhàs beag. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum faigh ceann a-tuath na h-Alba tuilleadh chumh­achdan. Sin a dhèanainn-sa mar phàirt de ‘Sgioba na Gàidheal­tachd’ san ath phàrlamaid.

“Nì mi strì air son cùisean a bheir buaidh air ar beatha gach latha. Feumar barrachd a chosg air a’ bhann-leathann air a’ Ghàidhealtachd, air rathaidean, agus thar gach nì eile, feumaidh maoineachadh iomchaidh bhith ann air son Seirbheis na Slàinte.”

Bha tagraiche nan Tòraidhean, Lyndsay NicCaluim, cuideachd ag ràdh nach robh daoine toil­ichte mar a bha cumhachdan agus seirbheisean air an toirt air falbh bho sgìrean dùthchail, gu Inbhir Nis agus Dùn Èideann. “Tha sinn air gealltainn taic a chur ri bann-leathan glè luath air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, gus am biodh e còmhdach 95 per cent den sgìre. Tha sinn cuideachd ag iarraidh gum bi tuilleadh bhusaichean agus seirbheisean bus a bha nas cunbhalaiche. Agus tha sinn air son gum bi tuilleadh thaighean ann aig prìs reusanta.”

Thuirt Anna NicThòmais on Phàrtaidh Uaine: “Tha sinne taic­eil do dhaoine, dhan phlanaid ’s do shìth, ’s tha sinn an agh­aidh ghearraidhean ri linn an teann­aid a bheir buaidh air daoine bochda aig àm nuair a tha mòr-chompanaidhean ’s daoine bear­tach a’ seachnadh chìsean. Tha sinn son coimhead as dèidh na planaid air son a’ ghinealaich seo agus na ginealaichean ri teachd.”

Agus thuirt Chris Conniff (Làbar): “Tha sinn air son cur ás do bhochdainn connaidh air a’ Ghàidhealtachd. Nì sinn ath-leasachadh air margaidh a’ chumhachd. Agus tha mi air son dèiligeadh ris an surcharge a th’ aig daoine ionadail ri pàigheadh an seo air son cumhachd.

“Cuidichidh sinn daoine le àrdachadh air a’ bhun-thuarastal ’s le ‘Tuarastal air an Tig Daoine Beò’. Nì sinn cinnteach á peinnseanan. Nì sinn cinnteach gum faigh daoine cothrom na Fèinne air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.”

B’ e am prìomh phuing aig Philip MacAnndrais (UKIP) gum bu chòir do Bhreatainn tarraing ás an Aonadh Eòrpach, agus gun toireadh sin tòrr a bharr­achd airgid dhuinn ri chosg oirnn fhìn. Cuideachd bha e dhen bheachd gum bu chòir tuilleadh chumhachdan a bhith aig ùghdarrasan ionadail, an àite a bhith toirt nan cumhachdan aca air falbh.

Bidh fios againn Di-Haoine sa tighinn cò na h-argamaidean a thug buaidh, agus cò bhios gar riochdachadh son nan ath chòig bliadhna. Se ceist eile a th’ ann, cò bhios gar riaghladh?