A’ bualadh a’ chòrr ás an uisge

Chruthaich MacLe�id "rud a tha nas motha na tha fios aig duin' againn"
Chruthaich MacLe�id "rud a tha nas motha na tha fios aig duin' againn"
Share this article
0
Have your say

Tha An Sgoil Dhubh ‘na fantasaidh ùr Gàidhlig a tha shuas ud comhla ri The Lord of the Rings

Bho 2003 bha nobhailean “Ùr-Sgeul” againn, bho Chlàr – chaill mi cunntas cia mheud. A-nise tha nobhailean “Aiteal” againn, bho Acair. Agus chanainn fhìn gu bheil an té as ùire, An Sgoil Dhubh le Iain F MacLeòid (£9.99), a’ bualadh a’ chòrr ás an uisge, ’s a’ farpais ris na nobhailean as fheàrr de’n seòrsa ann am Beurla.

Chan fhaca mi a’ tighinn e. Sgrìobh Iain F trì nobhailean roimhe, Na Klondykers, Bounty agus Ìmpireachd. Bha feartan math aca – bha e follaiseach gun robh Iain F deònach a dhol seachad air “àrainn na comhartachd” aig sgrìobhadairean agus leughadairean na Gàidhlig, ach cha robh Na Klondykers ro fhada seachad oirre, bha cus Beurla ann am Bounty, agus, uill, cha chuimhne leam móran mu Ìmpireachd.

Tha An Sgoil Dhubh tur diofraichte. Chuir e an cuimhne dhomh The Dark Twin aig Marion Campbell. Tha doimhneachd agus deagh Ghàidhlig ann nach eil aig Air Cuan Dubh Drìlseach le Tim Armstrong, a bha saidheans-ficseanail.

Chan eil facal Beurla ann. Tha cothromachd ann eadar cabadaich, gnìomh agus tuairisgeul. Tha e virginibus puerisque, a tha cudromach fhathast do nobhailean Gàidhlig: se sin, ged a tha brùidealachd ann tha e buileach gun drùisealachd. Os cionn gach nì, tha de mhac-meanmna aige a bheir an anail bhuat.

Se fantasaidh a th’ ann. Sin far a bheil mise ’nam bhreitheamh cruaidh. Cha tugainn smugaid do fantasaidh riamh. Cha leughainn The Lord of the Rings anns an sgoil nuair bha mo chàirdean craicte mu dheidhinn. Chan fhaicinn stàth ann an rud nach buineadh do dh’fhìor eachdraidh no do dh’fhìor bheul-aithris. Air a shon sin, mar bu mhotha a leugh mi de An Sgoil Dhubh sann bu ghlacte bha mi san ribe.

Tha e mu dheidhinn Sgàire a tha ’na ghille eileanach á planaid Erda. Tha a mhàthair ’na bana-ghaisgeach le claidheamh. Tha sgilean aig Sgàire os cionn a’ chumantais. Tha banacharaid aige, Eimhir, a tha ’na h-iuchair eadar shaoghail. Tha cóig saoghail ann, le cogaidhean eatarra. Mar sin, tha daoine a’ bàsachadh gu math tric ’s a’ tighinn beò a-rithist. Tha an “sgoil dhubh” a’ bristeadh a-mach ann an làmhan na “Sìth”, ach tha ar laochan a’ cur crìoch oirre.

Chan eil siud a’ deanamh ceartas dhan sgeul: nach leugh sib’ fhéin e.

Tha sgriobtairean aig na cóig planaidean, ’s an-dràsta ’s a-rithist tha bloighean dhiubh air an toirt seachad – bho Leabhar Erda, bho Leabhar Stairsich agus bhon Chiad Leabhar. Tha iomadh mac-talla ann bho bheul-aithris na Gàidhlig, leithid “Danaan”, “Beinn Shehallon”, “eich-uisge” (a’ tarraing dhaoine a-staigh do loch), “Fèill Mhòr Bhrìghde air a’ mhachair”, “draoidhean”, “na Birlinn”, “Lir”, “an Gae-bolg”, agus, tha fhios, “an Sgoil Dhubh” fhéin, uile dìleas agus neo-dhìleas do dhualchas na Gàidhlig aig an aon àm agus measgaichte le ainmean coimheach mar “Brisingr”, “Fenrir”, an “Claidheamh Gorm”, “Am Maighstir”. Tha spiritualism, shamanism, ath-bhreith agus animism uile pailt.

Bheir mi beachd a-nist air an stoidhle shìmplidh chumhachdaich aig Iain F. An toiseach on sgeul: “Aon oidhche, agus a’ ghealach air a’ mhuir fharsaing, cho socair, chunnacas a’ tighinn thar fàire, crann.”

A-nise bho Leabhar Erda: “Tha muinntir Fairge, an saoghal far nach eil càil ach uisge, beò air bàtaichean ris an canar ‘Na Birlinn’, agus tha na bàtaichean seo cho mòr gur gann a ghabhas a chreidsinn – le gàrraidhean agus achaidhean agus rudan a’ fàs, craobhan agus crainn cho àrd ri càil a th’ againn anns an t-saoghal seo.”

Agus bhon Chiad Leabhar: “Ged a tha an corp a’ seargadh an uair tha sinn a’ bàsachadh, chan eil an spiorad ach air pàirt eile den turas aige agus mar a thionndaidheas an corp gu dust, ’s ann a dh’fhaodas an spiorad a bhith beò ann an iomadach dreach – agus mar sin tha sinn mar phàirt den t-saoghal, tha sinn mar duilleach nan craobh, tha sinn mar na h-eòin a tha a’ sgèith agus tha sinn mar an t-uisge a tha a’ tuiteam. Agus bidh fios agaibh gu bheil nàdar an duine ri fhaighinn anns na rudan seo, air chùlaibh an dreach shaoghalta aca.”

Nise chan eil mise, mar a thubhairt mi, cleachdte ri fantasaidh. Bha mi ag ràdh rium fhìn fad an t-siubhail, “Se sgrìobhadh mìorbhaileach tha seo: dé tha ga bhrosnachadh?” Mar sin, an cùl m’ inntinn bhithinn a’ strì gu ciall phoileataigeach a thoirt ás. Nuair a leugh mi na leanas, shaoil mi gun do lorg mi i: “A-nis bha iad eadar-shaoghal agus an Còigeamh Saoghal gan cuairteachadh. Chruinnich sluagh timcheall orra oir bha an t-slighe eadar saoghail a-nis fosgailte, agus choimhead iad air an dithis a’ sabaid – bha cuimhne aca air a’ Mhaighstir agus an grèim a bh’ aige air Saoghal nam Marbh, agus mar nach robh fois aca – agus ged nach robh anns a’ mhòr-chuid dhiubh ach sgàile dhiubh pèin beò, dh’fhairich iad rud a’ dùsgadh nan com nach do dh’fhairich iad airson ùine fhada – b’e sin dòchas.”

Ann an An Sgoil Dhubh chruthaich Iain F MacLeòid rud a tha nas motha na tha fios aig duin’ againn. Cluinnidh sinn tòrr eile mu dheidhinn.