30 bliadhna a’ boillsgeadh ann an Steòrnabhagh – an Lanntair

07/03/15
07/03/15
Share this article
0
Have your say

THA an Lanntair, an t-ionad-eal­ain ann an Steòrnabhagh, a’ comh­arrachadh 30 bliadhna bho dh’fhos­gail e sa Mhàrt 1985. Tha e air a bhith ’na dhachaigh ’s ’na thosgaire do gach seòrsa ealain sna h-Eileanan Siar agus mar mheadhan air iomadh neach agus taisbeanadh cliùiteach a thoirt ann.

’S ged a dh’fhosgail e mar ghailearaidh ann an Talla a’ Bhaile, bha e riamh ’na amas dhan fheadh­ainn a stèidhich e gum biodh barrachd na dìreach dealbhan gan sealltainn ann. Thuirt Calum MacIllEathain, a bha – còmhla ri Sam Maynard agus Andy Bruce – air cùl a’ bheachd son a chur air chois: “Dh’èirich e á mar a bha an triùir againn air a bhith an sàs san taisbeanadh ‘Grinneas nan Eilean’.

“Bha Grinneas nan Eilean air a chur air chois mar thaisbeanadh fosgailte do dhuine sam bith a bha air son obair a shealltainn. Bha sin a’ dol ann an Talla a’ Bhaile son cola-deug timcheall air 1980. Bha mi fhìn agus Sam agus Andy ’na lùib.

“Dh’obraich e fada fada seachad na bha daoine an dùil. Bha obair-ealain a bha dha-rìribh math air a shealltainn, agus tòrr a bharrachd dheth na bha sinn an dùil. An uair sin bha an t-àite làn daoine fad an ath sheachd­ain, ’s chaidh an t-uabhas dheth a reic. Bha seo a’ sealltainn dhuinn ann an 1980 gun robh cothrom an seo ’s dòcha nach robh daoine ga thuigs’ gu ruige sin.”

Thòisich iad a’ lorg àite air son gailearaidh fhosgladh, ’s as dèidh chòmhraidhean leis a’ Chomh­airle fhuair iad cothrom air rum­annan ann an Talla a’ Bhaile. Agus mar a tha Calum fhèin a’ mìneachadh, nuair a fhuair iad an taic a bha dhìth ann an 1985 gus an t-àite fhosgladh, cha robh leithid ann air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan aig an àm. “Sin aon de na rudan a bha mìorbh­aileach bhon taobh againne, se sglèat no canabhas glan a bh’ ann. Bha e toirt cothrom dhuinn rudan a dhèanamh nach robh air a dhèanamh roimhe. Chan ann a-mhàin sna h-Eileanan, ach air a’ Ghàidhealtachd air fad, cha robh a leithid a rud ann anns a’ cheann a-tuath. Cha robh a leithid de rud ri lorg anns an dàrna leth de dh’Alba.”

Cha b’ fhada gus an robh barr­achd air dìreach na h-ealain lèir­sinneach gan taisbeanadh. “Thòis­ich rudan eile tachairt san Lann­tair sa bhad. Nuair a bha sinn a’ beachdachadh air dè seòrs’ àite a bha sinn air son a chruthachadh, se an fheallsanachd a bha sinn a’ leantainn, an rud a bha dha-rìribh a dhìth air na h-Eileanan agus a’ Ghàidhealtachd, rud ris an canadh tu “àite cruthachail”, far am faodadh rudan ùra tachairt, agus far am faodadh rudan tradiseanta tachairt cuideachd. Tha cuimhne agam ag ràdh aig an àm nuair a bha cuideigin a’ faighneachd dè seòrsa sealladh a bh’ againn air an àite, bha mise a’ faicinn àite far am faodadh daoine ás na h-Eileanan a bhith a’ faicinn dealbhan le Picasso air son a’ chiad uair ach cuideachd a bhith faicinn cèilidhean le òrain Ghàidhlig san t-seann nòs a’ dol air adhart ann an suidheachadh mar sin. Bha mi uabhasach toil­ichte, bliadhna as dèidh sin bha an dearbh rud againn. Taisbeanadh de etchings agus prints cruthachail Picasso, ’s rinn sinn cinnteach gun robh sreath de chèilidhean againn san Lanntair air a’ mhìos sin.”

Ri ùine thigeadh café agus gu leòr de thachartasan ’s de thaisbeanaidhean ainmeil, ’s chaidh togalach a dh’aona-ghnothach a thogail ann an Steòrnabhagh, a dh’fhosgail ann an 2005.

Tha Ruairidh Moireach, a bha ’na stiùiriche air an Lanntair bho dh’fhosgail e ann an 1985, ’s a tha a-nis ’na Cheannard air na h-Eal­ain Lèirsinneach agus Litreachas aig an Ionad, ag ràdh: “Tha gail­earaidh tòrr nas mutha againn a-nis. Tha theatre againn, tha sinn a’ sealltainn films an sin, rud nach deach a dhèanamh ann an Steòrnabhagh bho na 70s no 80s. Tha sinn a’ dèanamh consairtean a tha gu math eadar-dhealaichte, bho ballet gu opera gu jazz gu ceòl tradiseanta. Tha Mòd Nàis­eanta air a bhith againne ann an Steòrnabhagh.

“Tha prògram mòr, farsaing agus domhainn de dh’fhoghlam a’ tachairt san ionad. Tha pròis­eactan eadar-nàiseanta againn a’ dèanamh ceanglan eadar-nàis­ean­ta. Tha sinn ag obair an-dràsta air pròiseact air Colin MacKen­zie, a’ chiad Surveyor General a bh’ aig India. Sann á Steòrnabh­agh a bha esan. Tha cruinneachadh mòr againn, agus tha sinn air ceanglan a dhèanamh le leithid a’ V&A, am British Mus­eum agus am British Library. Se pròiseact mòr a tha sin.”

Abair gu bheil dùsgadh air tighinn air na h-ealain sna h-Eil­eanan Siar bho dh’fhosgail an Lanntair, ’s gu bheil e air sealltainn do dh’àiteachan eile dè a ghabhas dèanamh. Bho adan Donaidh Dòtaman gu Pablo Pic­asso, bhon t-seann nòs gu còmhlain-chiùil eadar-nàiseanta, tha an Lanntair air soillseachadh a thoirt dha na h-Eileanan.

Tha sreath de thachartasan gu bhith ann a’ comharrachadh 30 bliadhna den Lanntair.