Turas taistealachd do dh’Èirinn às leth a’ chànain is a’ chultair

Oideas Gael, Colaiste Ghaidhlig na h-Eireann, Gleann Cholm Cille, Dun nan Gall. Tha a cholaiste air a bhith a tairgsinn chursaichean goirid ann an canan is cultar Gaidhlig na h-Eireann bho 1984

Oideas Gael, Colaiste Ghaidhlig na h-Eireann, Gleann Cholm Cille, Dun nan Gall. Tha a cholaiste air a bhith a tairgsinn chursaichean goirid ann an canan is cultar Gaidhlig na h-Eireann bho 1984

0
Have your say

Chuir mi seachdain anabarrach math agus inntinneach seachad as t-samhradh aig a’ Cholaiste Ghàidhlig, Oideas Gael, ann an Dùn nan Gall, an ceann an iar-thuath na h-Èireann.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig an ionad a tha air a bhith a’ tairgsinn chùrsaichean ann an Gàidhlig na h-Èireann, ceòl, dualchas is ealain bho 1984. Tha a’ cholaiste car coltach ris a’ cholaiste againn fhèin, Sabhal Mòr Ostaig, gu h-àraid as t-samhradh nuair a thig na ceudan a dhaoine às a h-uile ceàrnaidh den t-saoghal airson na cùrsaichean goirid againn a dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach.

Thog mi fhèin orm madainn bhrèagha Dihaoine san Ògmhios agus an dèidh siubhail fad dà latha bhon Eilean Sgitheanach, ràinig mi mo cheann-uidhe. Gu h-iongantach dhomh fhìn, fhuair mi a-mach beagan mus do shiubhail mi gun do bhuin meur dem theaghlach do sgìre a’ Chabhain ann an ceann a deas Uladh, luchd-àiteachais a rinn imrich a dh’Alba aig àm a’ Ghorta Mhòir mar a rinn na mìltean a dh’Èireannaich eile. Mar sin, fhuair mi tlachd sònraichte às an turas bus, a shiubhail tron Chabhan, sgìre anns nach robh mi a-riamh roimhe. Cha b’ urrainn dhomh ach smaoineachadh gun robh mi a’ tilleadh don àite a dh’fhàg iad fhèin agus airson cànan ionnsachadh a chaill iad fhèin ann an Alba.

Ràinig mi Gleann Cholm Cille oidhche Shathairne agus abair gur e àite brèagha a th’ ann - an gleann fhèin agus am baile beag far a bheil a’ cholaiste suidhichte - beanntan, tràighean, làraichean eachdraidheil, taighean-seinnse - cha mhòr nach canadh tu gu bheil an sgìre cho àlainn ris an Eilean Sgitheanach fhèin! B’ e a’ chiad rud a bha fa-near dhomh pinnt den stuth bhlasta dhubh sin fhaighinn agus beagan de cheòl na sgìre a chluinntinn ann an aon de na taighean-seinnse. Bhuail e orm - agus cha b’ e sin an aon uair an t-seachdain sin a bhuail a leithid a smuain orm - cho coltach ‘s a bha a h-uile nì a bha sa cheàrnaidh seo de Thìr Chonaill - an ceòl, na h-òrain, an cànan, an crac, na daoine, an àrainneachd – ris a’ Ghàidhealtachd againn fhìn.

Thòisich na clasaichean againn feasgar na Sàbaid - smaoinich! Cha tachradh a leithid sin ann an Slèite! Bha ùidh agam a-riamh ann an Gàidhlig Uladh air sàillibh nan ceanglaichean eachdraidheil eadar Alba agus taobh tuath na h-Èireann agus a chionn ‘s gu bheil i cho coltach ann an iomadh dòigh ris a’ Ghàidhlig againne. Tagh linn eachdraidheil sam bith agus ‘s urrainn dhut a bhith cinnteach gu bheil ceangal dlùth ann le Ulaidh agus Alba: Dàl Riada, Calum Cille, na Gall-òglaich, Planntachadh Uladh, imrich às Èirinn a dh’Alba san 19mh linn. Agus ‘s i a’ Ghàidhlig, air ais do na linntean as tràithe, a tha a’ ceangal nam meuran eachdraidheil sin ri chèile.

Bha na clasaichean an dà chuid brosnachail is spòrsail fad na seachdain le amasan soilleir a chaidh a choileanadh gach latha. Bha naoinear anns a’ chlas againne, às àiteachan cho eadar-dhealaichte ri Beul Feirste, Baile Àtha Cliath, A’ Ghearmailt, Na Stàitean Aonaichte is Seapan - fìor dheagh mheasgachadh de dhaoine agus bha crac againn anns a’ chlas a dh’fhàg sinn uile nar lùban aig amannan. Ach ged a bha spòrs is dibhearsan ann am pailteas, rinn a h-uile duine sa chlas adhartas uabhasach mòr nar cuid sgilean cànain.

Fhad ‘s a bha mi ann fhuair mi cothrom eòlas a chur air oileanach air astar aig Sabhal Mòr Ostaig a tha a’ fuireach ann am baile Dhùn nan Gall. ‘S e maighstir-sgoile a bh’ anns an duine seo agus tha e a-nis a’ sreap ri 80 bliadhna a dh’aois agus a’ dèanamh cùrsa iar-cheuma ann an Cultar Dùthchasach tron t-Sabhal Mhòr.

Thug e air chuairt mi mu thimcheall Gàidhealtachd taobh an iar-dheas Dhùn nan Gall agus thadhail sinn air cuid de na seallaidhean as brèagha anns a’ cheàrnaidh seo de dh’Èirinn.

Bha prògram slàn de thachartasan cultarach ann a h-uile oidhche aig Oideas Gael: dannsa, bàrdachd, seinn agus turas sònraichte air 9 An t-Ògmhios, Latha Fhèill Caluim Cille. Tha slighe thaistealachd trì mìle a dh’fhaid anns a’ ghleann far am bithear a’ stad aig 15 comharran sònraichte eadar làr a’ ghlinne agus bàrr nan slèibhtean - measgachadh de sheann chlachan ro-Chrìosdail, croisean Ceilteach, tobraichean agus càirn a tha co-cheangailte ri Calum Cille, a rèir beul-aithris na sgìre. Bithear a’ moladh gun dèanar an turas cas-rùisgte ach feumaidh mi aideachadh gun do chùm mi fhìn na brògan-coiseachd air na casan maoth Albannach agam!

Mar a thuirt mi, ‘s i a’ Ghàidhlig an snàithlean a tha a’ fighe Alba is Èirinn ri chèile. Às aonais na Gàidhlig cha tuigear eachdraidh na h-Èireann no na h-Alba gu h-iomlan. Às aonais na Gàidhlig cha tuigear na ceanglaichean dlùth eadar an dà dhùthaich idir. ‘S e ceum glè bheag a th’ ann eadar an dà Ghàidhlig ach ceum as fhiach a ghabhail, a dh’fhosglas doras air an dàrna taobh den chultar againn air taobh thall na fairge.

Mholainn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig na h-Èireann agus cultar na dùthcha, às bith dè cho fileanta ‘s a tha iad, cùrsa a dhèanamh aig Oideas Gael no aig aon de na h-ionadan cultarach eile a tha a’ dèanamh uiread airson a’ chànain, dìreach mar a tha a’ Cholaiste againn fhèin ann an Alba. Tha fadachd orm gus an till mi an ath-bhliadhna.

Tha Greg MacThòmais na Leabharlannaiche aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, An t-Eilean Sgitheanach

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 5 DÙBHLACHD 1936

Dé Th’ air a Dhèanamh?

Tha trì nithean a dhìth air a’ Ghàidheal os ceann gach nì eile – is iad sin còir air fearann, deagh thaighean agus acarsaidean air son bhàtaichean. Tha a’ cheud aon duilich fhaighinn, tha ’n dara aon na’s fhasa, agus tha ’n treasamh cho doirbh is gur gann a ghabhas e faighinn.

Cha d’ fuaireadh riamh gealladh air an fhearann anns na linntean so againne agus, mar sin, chan urrainn sinn móran a ràdh ged nach faigh sinn e an cabhaig. Bha taighean ùra, snasail daonnan air mhanadh dhuinn agus tha sinn a nis ’gam faotainn. A thaobh acarsaidean is lamhraigean, cha robh Cléireach riamh air Albainn nach robh ’gan coiteach oirnn ach bha iad uile dearmadach a thaobh airgid a chaitheamh orra. Tha sinn car mar a bha sinn o cheann dhà fhichead bliadhna air son fearainn agus chidheachan dheth agus, a réir coltais, bidh sinn mar sin gu ceann iomadh latha. Dé an deireas a th’ air an dà ghoireas so? Tha gu’m bheil an dara aon an làimh dhaoine saibhir agus an t-aon eile am mèinn na h-Ard-uachdranachd, agus tha e duilich a ràdh cò dhiubh so is fhasa ghluasad gu fuasgladh a dhèanamh air na Gàidheil.

Tha iad le chéile deònach air greim a ghleidheadh air na th’ aca, chan ann chum milleadh a dhèanamh air neach ’sam bith ach a mhàin gu bhi ’nan iuchair-ghléidhte air ionmhas mhuinntir eile. Theagamh gu’m bheil sgèimh ceartais air an dòighean riaghlaidh.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

An t-sìde

The following series of this column is going to be about various topics, introducing words and useful phrases. Today we look at the weather.

Tha i reòite. It is frozen/freezing.

Tha i cho fuar ris a’ phuinnsean. It’s as cold as poison.

Tha i a’ dòrtadh. It’s pouring.

Abair latha grod! What a rotten day!

Tha i eireachdail. It is exceptionally beautiful.

Tha a’ grian a’ sgoltadh nan creag. The sun is splitting the rocks.

Speaking about the weather is an excellent opportunity for learners to practise their Gaelic. It is very easy to talk about, and non-committing. You might have noticed that we use Tha i to say ‘it is’ here: as the word sìde ‘weather’ is feminine, the pronoun i is used. Tha i fuar. She/it is cold. Another way to describe the weather is to say what there is:

Tha an t-uisge ann. It is raining (literally there is rain)

Tha cur is cathadh ann. There is a blizzard.

Tha turadh ann. There is a dry spell (between showers, after rain).

Why not try and practise some of these with a Gaelic speaker next time you meet?

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Back to the top of the page