Turas rathaid an NC500: Cearcall a’ Chinn a Tuath le Anne Lundon

Anne Lundon aig toiseachd an NC 500

Anne Lundon aig toiseachd an NC 500

Share this article
0
Have your say

Tha i aonranach, còmhdaichte le bòidhchead nàdair agus dìomhaireachd. Cò air a tha mi a-mach? Uill, smaoinich air cuid de na slighean rathaid as ainmeile air an t-saoghal. Costa Amalfi san Eadailt, Côte d’Azur san Fhraing, Route 66 anns na Stàitean Aonaichte – ach chan ann orrasan a tha mi a’ bruidhinn. Agus chan eil feum air itealan no air uairean a thìde a chur seachad san adhar son an t-slighe seo a dhèanamh. Tha i na suidhe air leac an dorais againn fhèin an Alba!

Chan urrainn do dhuine a dhol às àicheadh gu bheil Alba air leth tarraingeach do luchd-turais bho air feadh an t-saoghail. Ach buinidh mise do dh’Alba agus, aig amannan, saoilidh mi gu bheil tòrr agam fhìn fhathast ri fhaicinn is ri ionnsachadh mun an dùthaich far na rugadh mi agus san deach mo thogail: cha robh mi a-riamh ann an cuid de sgìrean agus ’s e fìor chùis-nàire a tha sin! A’ leantainn turas rathaid ri gleann, loch, beann is tràigh, ghabh mise a’ chuibhle airson cearcall a’ chinn a tuath – agus abair turas!

Ged a tha na rathaidean stèidhichte agus na slighean air a bhith ann fad nam bliadhnachan mòra, chaidh beachd-smuain an NC500 a chruthachadh ann an 2014. Bhathas ag amas air sgìrean iomallach na h-Alba a chuideachadh tro phròiseact ùr turasachd: còrr is 500 mìle de sheann rathaidean iomallach, air an trusadh fo ainm ùr, a’ leantainn seòrsa de chearcall air a’ Ghàidhealtachd, sgìre anns a bheil seallaidhean air leth, àiteachan-fuirich sònraichte, biadh, deoch agus taisbeanadh nàdair nach tèid às do chuimhne gu bràth.

Thòisich mi ann an Inbhir Nis a’ dèanamh chun an iar a’ dol leis a’ ghleoc. Thug an t-slighe oifigeil mi chun an t-seann rathaid, a’ cumail ri caolas a’ Mhanachainn air mo làimh dheis, tro bhailtean beaga tlachdmhor. Bha na rathaidean trang, ged a b’ ann as t-fhoghar a bha e.

Bidh an t-slighe a’ snìomh agus a’ ruith tro chuid de na seallaidhean as bòidhche san t-saoghal. ’S iomadh sgeulachd a tha mi air a chluinntinn mu dheidhinn Bealach na Bà: feadhainn mhath agus cuid a bha eagalach, ach, airson luchd-turais, chanainn gum bu chòir dha seo a bhith aig bàrr na liosta! Dhòmhsa dheth, thionndaidh an aimsir nam aghaidh: ceò is sgleò – agus caravanette cha mhòr gam chur far an rathaid! Ach tha mi fhathast beò son an sgeulachd innse!

Dh’fhàg mi sgìre na Comraich, a’ cumail orm tro Thoirbheartan, Sìldeag, Geàrrloch is Loch an Inbhir.

Stad mi anns a’ Chaolas (‘Bad a’ Chrò’), àite a tha air cliù fhaighinn bho dhuine no dithis ainmeil a thàinig a chèilidh à Hollywood – ma tha e math gu leòr dha na celebrities, tha e math gu leòr dhòmhsa!

A thuilleadh air an luchd-iomraiteach agus eachdraidh shònraichte gach àite, tha cuideachd gnìomhachasan beaga a’ deànamh obair-làimhe air buannachd fhaighinn bhon àireimh de dhaoine a bhios a’ tadhal ri linn na slighe.

Am biadh cuideachd: cha do dh’fheuch mi iasg agus maorach cho ùr no cho blasta a-riamh ron seo ann an iomadh àite air taobh siar na Gàidhealtachd.

Seachad air Ulapul, far an àbhaist dhomh a bhith a’ stad airson am bàt-aiseig fhaighinn dhachaigh, cha tug mi ’n aire do cho breàgha agus cho tarraingeach ’s a bha e ron seo. Cha mhòr nach eil e na Riviera air a’ chost an iar! A’ cumail orm gu tuath agus a’ stad aig uamh Smudha, ’s ann na b’ fheàrr a bha na seallaidhean a’ fàs gach latha. Cataibh, sgìre Ghallaibh agus air ais, sìos a dh’Inbhir Nis.

Tha an t-slighe seo a’ toirt dhut a’ chothruim an fhìor Ghàidhealtachd fhaicinn is fhaireachdainn: dùthchail, iomallach, bòidheach agus prìseil. Ach, a thuilleadh air a sin, tha an t-slighe seo a’ toirt dhut blasad de na làithean a dh’fhalbh: uaimhean, sean chidheachan, beanntan corrach le creig is fraoch, agus na mìltean de thalamh mòintich – uile na phàirt de dh’iòmhaigh agus eachdraidh na dùthcha.

Aon de na rudan eile a chòrd riumsa glan, ’s e gun robh tòrr dhen t-slighe às aonais ceangail son fòn-làimhe! Ann an saoghal far am bi àireamhan mòra de dhaoine a’ cleachdadh agus an eisimeil air teicneòlas nam beatha làitheil – fada cus nam bheachd-sa! – dè a b’fheàrr na a bhith a’ faighinn air falbh bho leithid, air slighe cho eireachdail agus cho tarraingeach ’s a chì thu air an t-saoghal? Siuthadaibh! “Staycation” na bliadhna! Ach rabhadh beag, ’s dòcha, no moladh! Bi ullaichte airson a h-uile seòrsa aimsir a’ nochdadh san aon latha, ’s dòcha fiù ’s ann an uair a thìde, agus airson nam MEANBH-CHUILEAGAN!

NC 500 le Anne air BBC ALBA, Dimàirt 16 Cèitean @ 8.30f

O CHIONN BLIADHNA - ON WEEKLY SCOTSMAN, 8 CÉITEAN 1937

Crùnadh an Rìgh

An ceann bheagan làithean bidh an rìgh air a chrùnadh agus a’ bhàn-righ maille ris. Bidh caithream gu leòir am measg nam flaithean agus bidh eadhoin cuid de’r maithean air an cuireadh dh’ionnsuidh nan deas-ghnàthan leis am bi an dleasnas air a ghiùlan am mach.

Chan eil fuil Gàidheil ‘san neach a gheibh coire de fhéisdealachd air cheann a leithid de aobhar. Bha sinne riamh gaolach air rìghrean, cinn-chinnidh agus luchd-iùil eile. Chan eil e fada o’n chathaich sinn, ach beag n-ar n-aonar, ás leth nan Stiùbhartach an uair a bhatar a’ toirt uatha na h-inbhe agus an ùghdarrais a bhuineadh dhaibh o chianaibh. Rinn sinn so, chan ann a chionn gu’n robh fuath sònruicht againn do’n ghineal ùr ach a chionn gu’m bu duilich leinn am fear eile a bhi call a sheann chòirichean. Is toigh leinn an teaghlach a th’ againn a chum urram a chur air Seòras an t-Sèathamh an àm dha bhi air a chrùnadh maille ri bhana-chompanaich.

Eiridh rìghrean is bàn-righrean ‘san dùthaich so fad iomadh linn fhathasd, agus chan atharraich ar deagh rùn dhaibh. Cha do chuir iad móran dragha oirnn o cheann cheud bliadhna an rathad bhi ‘gar mì-riaghladh, agus air an aobhar sin tha miadh nach beag againn orra.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Lenition

In Gaelic, the letter h has a special function, writes Janni Diez. H does not appear on its own as a consonant, apart from in a few loanwords, for example from Norse: Hiort (St Kilda), or from English: hama (ham). Instead, h is used to show a change in the sounds of other consonants, which is called lenition. There are many reasons to lenite, but let’s look at lenition in masculine and feminine nouns and adjectives.

In adjectives, lenition shows the gender of the noun in front of it: loch mòr ‘big loch’ vs beinn mhòr ‘big mountain’. Loch is masculine, so the adjective mòr stays as it is. Beinn is feminine, so the adjective is lenited. Lenition only occurs in consonants. Although the letters l, n, and r are not visibly marked with an h, nevertheless the sound of these letters may change.

Nouns with the article lenite depending on gender: am balach beag ‘the little boy’ (masculine); a’ chailleach bheag ‘the little old woman’ (feminine). If the noun follows a simple preposition, e.g. aig ‘at’, air ‘on’, both masculine and feminine nouns lenite after the article: air a’ bhòrd on the table; leis a’ chaillich ‘with the old woman’. Nouns with the definite article do not lenite if they start with d or t: an tràigh mhòr ‘the large beach’ (feminine).

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Back to the top of the page