Seann cheist ga freagairt: ainm na dithist a mharbh an Caimbeulach

An coltas a bh air baile Inbhir Aora ri linn deuchainn Sheumais a Ghlinne, air a tharraing le Diarmad Caimbeul bho dhealbh a rinn Tomas Sandby ann an 1746.
An coltas a bh air baile Inbhir Aora ri linn deuchainn Sheumais a Ghlinne, air a tharraing le Diarmad Caimbeul bho dhealbh a rinn Tomas Sandby ann an 1746.
Share this article
0
Have your say

Chaidh cùis Murt na h-Apann fhuasgladh. Se dithist a mharbh Cailean Caimbeul – Dòmhnall mac Dhòmhnaill Stiùbhairt, mac bràthar do dh’Fhear Bhaile Chaolais, agus Seumas Stiùbhart, Fear Òg Fhas na Cloiche. Sin am beachd làidir agamsa, co-dhiù, as déidh dhomh eachdraidh beatha Chailein a sgrìobhadh, an fhianais as ùire a sgrùdadh, agus meas a thoirt do ghuth an t-sluaigh. Ach b’ fheàrr dhomh tòiseachadh aig an toiseach.

Chaidh Cailean Caimbeul Ghlinn Iubhair a mharbhadh le dà pheilear ’s e a’ marcachd tro Choille na Leitire Móire air 14 Céitean 1752. B’e Cailean am bàillidh a chuir an Riaghaltas air oighreachd Àird Seile, a thugadh bho Theàrlach Stiùbhart Àird Seile air son mar a dh’éirich e air taobh a’ Phrionnsa Teàrlach ann an 1745. An ath latha bha Cailean a’ dol a chur muinntir na h-oighreachd ás na taighean aca gus am fearann a thoirt do Chaimbeulaich a bha air a bhith dìleas don Riaghaltas.

Loisg Domhnal mac Dhomhnail an urachair . . . Fianais bho Lamh-Sgriobhainn Mhic an Deoir mun dithist a rinn am murt, le cead coir A Ghrais Diuc Earra-Ghaidheal

Loisg Domhnal mac Dhomhnail an urachair . . . Fianais bho Lamh-Sgriobhainn Mhic an Deoir mun dithist a rinn am murt, le cead coir A Ghrais Diuc Earra-Ghaidheal

Nise, cha robh Cailean leis fhéin nuair a chaidh a losgadh. Bha Munga Caimbeul, mac a bhràthar, agus dithist eile còmhla ris. Chunnaic Munga duine a’ teicheadh le gunna thar gualainn na beinne, shaoil leis gum b’e an duine sin Ailean Breac Stiùbhart, ’s tha fianais gu leòr ann gun d’fhuair Ailean glan air falbh chun na Frainge.

Chòrd seo glé mhath ri Treas Diùc Earra-Ghaidheal, a bha àrd ann an comhairlean an Riaghaltais, oir bha Ailean Breac ’na dhalta aig Seumas Stiùbhart eile, “Seumas a’ Ghlinne”, a bha ’na chaiptean ann an arm a’ Phrionnsa ann an 1745–46 agus a bha a-nise ’na cheannard air muinntir Àird Seile. Bha e deatamach ann an sùilean an Riaghaltais gun rachadh cuideigin aig ìre àrd – caiptean co-dhiù – am measg luchd-leantainn Rìgh Sheumais a chrochadh.

Sin a thachair. Chaidh cùirt a chumail an Inbhir Aora agus an Diùc fhéin air aon den triùir bhritheamhan; cho-dhùin a’ chùirt gur e Ailean a loisg an dà urchair, gun d’fhuair e cuideachadh bho Sheumas a’ Ghlinne gu bhith a’ teicheadh, ’s mar sin gun robh Seumas cho ciontach ’s ged a b’e fhéin a loisg na peilearan. Chaidh Seumas a chrochadh air 8 Samhain 1752, ’s e fhathast a’ cumail a-mach gun robh e neoichiontach.

Chaidh a’ chùis ath-sgrùdadh le panail a chruinnich anns a’ Ghearastan ás leth Comann Rìoghail Dhún Éideann air 4 Sultain 2013. Air a’ phanail bha am Morair Camshron, a bha uaireigin ’na bhritheamh, agus eòlaichean air foreansaigs agus seann ghunnaireachd bho dhiofar oilthighean. Chaidh a shealltainn nach robh e idir coltach gum marbhte cuideigin le dà pheilear on aon ghunna, oir rachadh na peilearan air falbh o chéile; ’s mar sin, gun robh e fada na bu choltaiche gur e peilearan bho dhà ghunna, loisgte aig an aon àm, a chuir ás do Chailean.

Chaidh a dhearbhadh cuideachd nach robh am fear a chunncas a’ teicheadh air aon den luchd-losgaidh, oir bha e ro fhada air falbh. Bha e soilleir gur e Ailean a rinn an “obair choise”, a’ leantainn Chailein ron ghnìomh ’s a’ tarraing na tòrachd air falbh bho na fìor mhurtairean ás a dheaghaidh – an aon chleas ’s a bh’ aig an IRA, a réir aon de na h-eòlaichean.

Dh’aontaich diùraidh a’ Ghearastain (an luchd éisteachd) nach e Ailean a rinn am murt, agus mar sin nach robh cùis aig Seumas a’ Ghlinne ri freagairt. Tha e follaiseach ge-tà gun robh plot am measg muinntir òga na h-Apann gu cur ás do Chailean. Mar shaighdear ann an arm Rìgh Deòrsa a thionndaidh a chòta ’s a ghabh ann an arm a’ Phrionnsa, bhiodh Ailean air a chrochadh co-dhiù nam faighte greim air, ’s mar sin bha e air a phàigheadh gus an ciont a tharraing air fhéin ’s a chasan a thoirt leis. Lean muinntir na h-Apann ris an sgriobt seo fad ceud bliadhna: mar eisimpleir, sgrìobh dà mhinistear, Alastair Stiùbhart (1829–1901) agus Iain Griogarach Caimbeul (1834–91) gur e Ailean Breac a loisg an dà pheilear.

Anns na 1860an, ge-tà, air iarrtas Iain Òig Ìle, chuir 8mh Diùc Earra-Ghaidheal air bhonn a’ chiad phròiseact a bh’ ann an Alba riamh gus eachdraidh nan daoine a chruinneachadh agus a sgrìobhadh ’nan cànain fhéin. Bha fear-cruinneachaidh air leth faiceallach aca, Iain Mac an Deòir á Còmhall, agus b’e an toradh “Làmh-Sgrìobhainnean Mhic an Deòir”, deich leabhraichean a tha an-diugh ann am Pàipearan Earra-Ghaidheal ann an Inbhir Aora (seachd dhiubh) ’s ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (trì dhiubh).

Dh’innis Gilleasbaig Mac a’ Chombaich, obraiche á Port na h-Apann, an sgeul gu léir do Mhac an Deòir – chaidh Dòmhnall mac Dhòmhnaill a thaghadh mar an làmh a b’ fheàrr air gunna, agus Seumas Òg Fhas na Cloiche mar an dàrna làmh a b’ fheàrr. Bha iad le chéile air an leòn aig Cùil Lodair ’s iad le chéile sna ficheadan aca. Dh’fhan iad air cùl creige duibhe gus an tàinig Cailean an rathad. Bha dà pheilear aig Dòmhnall, aon aig Seumas. Tha fios againn gun deach Cailean a bhualadh le dà pheilear agus nach eil e idir coltach gur ann ás an aon ghunna a thigeadh iad. Mar sin tha ainm an dà mhurtair againn; ach sann ri Dòmhnall a bu mhotha a lean an ciont.

Thàinig am fios seo a-mach ann an diofar leabhraichean ann an 1934, 1939 agus 1963, agus chaidh ciont Dhòmhnaill aithneachadh le té dh’a shliochd, Anda Penman, ann an 2002. Gu h-iongantach, an àite gabhail ri guth muinntir na h-Apann, theann cuid a sgrìobhadairean ri masladh a chàrnadh orra gu ìre a tha do-chreidsinn. Ach a-nise ’s gum faic daoine gu bheil an fhianais Ghàidhlig ’s an fhianais aig Comann Rìoghail Dhùn Éideann an eagaibh a-chéile, saoilidh mi gun aithnichear gu bheil cùis Murt na h-Apann dùinte.

Air son tuilleadh fios air na puingean seo uile faicibh a’ chaibideal air Cailean Ghlinn Iubhair anns an leabhar agam The Campbells of the Ark: Men of Argyll in 1745, volume 1 (John Donald, £25, ri fhaotainn bho 9 Màrt).

O CHIONN 80 BLIADHNA - ON WEEKLY SCOTSMAN, 6 MÀRT 1937

Am Beithe

An ceann ùine gun a bhi fada bidh am beithe tighinn beò às ùr agus bidh fhàileadh mar thùis thaitnich air feadh na coille. De gach seòrsa fiodha a th’ againn ’nar dùthaich is e so, theagamh, is cùbhraidh agus is bòidhche agus tha e pailt gu leòir anns gach àite ’sam bheil coille nàiseanta a’ cinntinn.

Chithear e ri taobh an rathaid mar a thriallas sinn air ar n-adhart ’nar carbadan-ola, agus ged nach faiceamaid idir e dh’aithnicheamaid gu’n robh e ann air ’fhàileadh. Ri taobh locha air maduinn shamhraidh tha e greannmhor agus àluinn agus bheir e ’nar cuimhne na làithean sona ’san robh caileagan laghach a’ dol gu àiridh. Bu mhaiseach an dachaidh ged bha i aonaranach, agus bu mhodhail ’nam beusan iad is geum a’ chruidh daonnan ’nan cluasan. Bhiodh am beithe lùbadh thairis air a’ bhothan ’sam biodh iad a’ gabhail tàimh na h-oidhche, is cha b’ ioghnadh an cadal a bhi socrach ’s a bholtrach gasda mu’n cuairt dhaibh. Tha feum no dhà air a dhèanamh de bharrach an fhiodha so, ach is e an t-aon is cumanta air an latha diugh e bhi air a dhèanamh ’na ghasan-sguabaidh. Chan eil mòran miadh air a’ chòrr de’n chraoibh - cò dhiubh, ma gheibhear uinnseann, calltunn no darach.

Tha na bàird dèidheil air iomradh a thoirt air a’ bheithe. B’ e Mac Lachlainn, Rath-thuaithe, fear cho uasal ’s a sheinn m’a thimcheall.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Last time we looked at dar, tha mi a’ snaidheadh, feumas and the pronunciation of words like falbh and iad; here are more. Ann an Geàrrloch, instead of saying chaidh mi ‘I went’ we would say char mi. In addition, instead of the preposition do or dha, or possibly even gu, we would use dho or possibly gho, which when used in conjunction with the definite article puts the noun which follows it into the genitive case. Char mi ghon a’ bhaile (= Chaidh mi dhan bhaile) - ‘I went to the town’.

The endings of ainmearan gnìomhaireach ‘verbal nouns’ can be different in this dualchainnt ‘dialect’, particularly those that end with -achadh, which become -achdainn. For example, we would say cruinneachdainn ‘gathering/coming together’ or coinneachdainn ‘meeting’ rather than cruinneachadh and coinneachadh. And smaoineachadh ‘thinking’ changes to smuanachdainn.

Tha mi a’ smuanachdainn gum bi iad a’ coinneachdainn a-màireach - ‘I think they will be meeting tomorrow’.

We also have the word uamhlaidh ‘extremely’ or ‘really’, similar to the uamhraidh that is found in Loch Abar (Lochaber) and in Earra-Ghàidheal (Argyll).

Bha e uamhlaidh math (meh) a bhith a’ coinneachdainn ri màthair (meh-hai) Alasdair - ‘It was really good to meet Alasdair’s mother’

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning